bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Acts 23
Acts 23
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 24 →
1
Agus Pol a g-amharc air a chomhairle, thuirt e: A dhaoine ʼsa bhraithre, ghiulain mise mi fhein leis a h-uile deagh chogais an lathair Dhe gus an latha an diugh.
2
ʼS dhʼorduich Ananias an t-ard-shagart do ʼn fheadhainn, a bha ʼnan seasamh lamh ris, a bhualadh sa bhial.
3
An sin thuirt Pol ris: Buailidh Dia thusa, a bhalla ghealaichte. Oir am beil thusa ad shuidhe a thoirt breth ormsa a reir an lagha, ʼs an aghaidh an lagha g-orduchadh mo bhualadh?
4
Us thuirt iadsan a bha faisg: Am beil thu toirt beum do ard-shagart Dhe?
5
Us thuirt Pol: Cha robh fhios agam, a bhraithrean, gum bʼ e an t-ard-shagart e. Oir tha e sgriobhte: Cha labhair thu olc air uachdran do phobuill.
6
Ach thuig Pol, gun robh an darna cuid ʼnan Sadusaich, ʼsa chuid eile ʼnam Phairisich, agus ghlaodh e anns a chomhairle: A dhaoine ʼsa bhraithre, is Phairiseach mise, mac Phairiseach, as leth dochas agus aiseirigh nam marbh tha mise fo bhreth.
7
Air dha so a radh, dhʼ eirich eas-aontas eadar na Phairisich agus na Sadusaich, agus bha ʼn sluagh air an roinn.
8
Oir tha na Sadusaich a cantuinn nach eil aiseirigh, no aingeal, no spiorad ann: ach tha na Phairisich a g-aideachadh an dà chuid.
9
Agus thogadh iolach mhor. Us cuid de na Phairisich a g-eirigh, bha iad a stri, a g-radh: Cha n-eil sinn faighinn coire sam bith do ʼn duine so: ciod ma labhair spiorad ris, no aingeal?
10
An sin nuair a dhʼ eirich aimhreit mhor, ghabh an t-ard-cheannard eagal gun rachadh Pol a riabadh as a cheile leo, ʼs dhʼ orduich e do na saighdearan a dhol sios, agus Pol a spionadh le laimh laidir as am measg, ʼsa thoirt do ʼn chaisteal.
11
ʼS an ath oidhche thuirt an Tighearna, ʼs e lamh ris: Seas dileas: oir mar a thug thu teisteanas ormsa ann an Ierusalem, ʼs amhuil a dhʼ fheumas tu teisteanas a thoirt orm san Roimh cuideachd.
12
ʼS air tighinn do ʼn latha, thionail roinn dhe na h-Iudhaich, us cheangail iad iad fhein le mionnan, a g-radh nach itheadh ʼs nach oladh iad gus am marbhadh iad Pol.
13
ʼS bha iad corr us dà fhichead fear, a shuidhich a cho-fheall so;
14
Agus thainig iad thun nan ard-shagart, ʼs nan seanair, us thuirt iad: Bhòidich sinn le bòid mhoir, nach blais sinn air ni, gus am marbh sinn Pol.
15
A nis ma ta thugaibhse maille ris a chomhairle rabhadh do ʼn ard-cheannard a thoirt a mach dhuibh, mar gum bʼ aill leibh rudeigin na bu chinntiche thuigsinn mu dheidhinn. Agus, mun tig e faisg, tha sinne deas gu mharbhadh.
16
Cho luath sa chuala mac piuthar Phoil am feall-fhalach so, thainig e, us chaidh e stigh do ʼn chaisteal, agus dhʼinnis e do Phol e.
17
An sin ghairm Pol a h-aon de na ceannardan-ciad, us thuirt e: Thoir an t-oganach so gus an t-ard-cheannard: oir tha rudeigin aige ri innseadh dha.
18
Agus esan ga ghabhail, thug e thun an ard-cheannaird e, us thuirt e: Dhʼiarr am priosanach Pol orm an t-oganach so thoirt ga dʼionnsuidh, us rudeigin aige ri radh riut.
19
ʼS an t-ard-cheannard a breith air laimh air, chaidh e lethtaobh leis, agus dhʼfharraid e dheth: Ciod a thʼ agad ri innseadh dhomh?
20
Us thuirt esan: Chord na h-Iudhaich mu iarraidh ort, gun tugadh tu Pol am maireach thun na comhairle, mar gu rudeigin na bu chinntiche fhiosrachadh mu dheidhinn:
21
Ach na creid thusʼ iad: oir tha corr agus dà fhichead fear dhiu am feall-fhalach air, a cheangail iad fhein le mionnan, nach icheadh iad ʼs nach oladh iad gus am marbhadh iad e; ʼs tha iad a nis deas, an duil ri gealladh bhuatsa.
22
An sin leig an t-ard-cheannard an t-oganach air falbh, a cur mu choinneamh gun e a dhʼinnse do dhuine gun do chuir e na nichean so air shuilean dhasan.
23
ʼS air do dhà cheannard-chiad a bhith air an gairm, thuirt e riu: Dianaibh deas dà chiad saighdear gu dol gu ruig Cesaréa, agus tri fichead us deich marcaich, agus dà chiad fear-sleagh air son an treas uair de ʼn oidhche:
24
Agus uidheamaichibh ainmhidhean air an cuirear Pol, gus a thoirt gu tiaruinte thun an uachdrain Felics.
25
(Oir bha eagal air gum faodadh na h-Iudhaich ma dhʼ fhaoidte a thoirt air falbh le ainneart, ʼsa mharbhadh, agus an deigh sin gum biodh e fhein fo mhichliu, mar gun gabhadh e airgiod,)
26
Us sgriobh e litir anns an tuirt e mar so: Tha Claudius Lisias a cur bheannachd thun an uachdrain ro urramach Felics.
27
Thainig mi air an duine so le armailt, ʼs e an sàs aig na h-Iudhaich, ʼs iad air tì a mharbhadh, agus theasraig mi e, a tuigsinn gum bu Romanach e;
28
ʼS mi an geall air fios fhaighinn air an aobhar a bhʼ aca ʼna aghaidh, thug mi mach e thun an comhairle.
29
Fhuair mi mach gur ann air son cheisdean mu ʼn lagh aca fhein, a bhathas ga choireachadh, ach gun dad a thoilleadh bàs no cuibhrichean ga chur as a leth.
30
Ach nuair chaidh innse dhomh muʼn fheall-fhalach a bha iad air suidheachadh air a shon, chuir mi ga dʼ ionnsuidh fhein e, a toirt brath dha luchd-casaid, iad an cuis agairt ad lathair fhein. Slan leat.
31
An sin na saighdearan a toirt leo Phoil, mar fhuair iad an t-ordugh, thug iad e feadh na h-oidhche gu Antipatris.
32
Agus an ath latha a fagail nam marcach gu dol leis, thill càch thun a chaisteil.
33
Air daibh-san Cesaréa a ruighinn, ʼs an litir a liubhairt do ʼn uachdran, chuir iad Pol air a bhialaobh.
34
ʼS nuair a leugh e i, ʼsa dhʼ fharraid e co an duthaich dhe ʼn robh e, ʼsa tuigsinn gun robh e bho Chilicia:
35
Eisdidh mi riut, os esan, nuair thig do luchd-casaid. Us dhʼ orduich e a ghleidheadh an talla-breitheanais Heroid.
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 24 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28