bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Luke 10
Luke 10
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 11 →
1
Agus an deigh nan nichean so shonraich an Tighearna mach tri fichead agus dhà-dhiag eile, agus chuir e iad romh a ghnuis lion dithis us dithis gus a h-uile baile agus aite, far an robh e fhein gu tighinn.
2
Us thuirt e riu: Tha ʼm faghar gu dearbh mor, ach an luchd-oibre gann. Guidhibh ma ta air Tighearna an fhaghair luchd-oibre a chur gu fhaghar fhein.
3
Falbhaibh: seall, tha mi gu ʼr cur mar uain am measg mhadaidhean-alluidh.
4
Na giulainibh sporan, no màla, no brogan, ʼs na cuiribh failte air duine sam bith air an rathad.
5
Tigh air bith anns an teid sibh a stigh, abraibh an toiseach: Sith do ʼn tigh so:
6
ʼS ma tha mac na sithe an sin, laidhidh ur sith air: ʼs mur eil, tillidh i h-ugaibh fhein.
7
Agus fanaibh san tigh sin, a g-iche ʼsa g-ol leithid ʼsa thʼaca: oir is fhiach an cosnach a thuarasdal. Na falbhaibh bho thigh gu tigh.
8
Agus baile air bith san teid sibh a stigh, agus anns an gabh iad ribh, ichibh na chuirear air ur bialaobh;
9
Agus leighisibh na h-easlaintich a tha an sin, us abraibh riu: Tha rioghachd Dhe air tighinn dluth oirbh.
10
Ach baile air bith anns an teid sibh a stigh, agus anns nach gabh iad ribh, a gabhail a mach gu sthraidean, abraibh:
11
Gu ruig duslach ur bail e a lean ruinn, tha sinn ga chrathadh dhinn ʼnur n-aghaidh: ach bithibhse cinnteach dhe so, gun tainig rioghachd Dhe faisg dhuibh.
12
Ach tha mise g-radh ribh, gum fiachar air an latha ud tuille baigh do Shodom, na do ʼn bhaile sin.
13
Mo thruaighe thu, a Chorosain, mo thruaighe thu, a Bhethsaida: oir nam bʼ ann an Tirus ʼs an Sidon a dhiante na feartan euchdail, a rinneadh unnaibhse, is fhad bho na ghabhadh iad aithreachas, ʼnan suidhe an cainb-aodach agus ann an luath.
14
Ach fiachar tuille baigh ri Tirus agus ri Sidon na ribhse aig a bhreitheanas.
15
Agus thusa, Chapharnaum, a dhʼardaicheadh gu ruig neamh, tilgear sios thu gu iutharna.
16
Esan a dhʼeisdeas ribhse tha e g-eisdeachd riumsa; agus esan a chuireas suarach sibhse, tha e gam chur-sa suarach. Agus esan a chuireas suarach mise, tha e ga chur-san suarach, a chuir mi.
17
Agus thill an tri fichead us dhà-dhiag le aoibhneas, a g-radh: A Thighearna, tha na deomhain fhein umhailt dhuinn na tʼainmse.
18
Us thuirt e riu: Chunnaic mi Satan a tuiteam á flathanas mar dhealanach.
19
Seall, thug mi dhuibh cumhachd saltairt air nathraichean agus air scorpionan, agus air uile chumhachd an namhaid; agus cha dochainn nì sibh.
20
An deigh sin na gabhaibh aoibhneas á so, gum beil na spioraid umhailt dhuibh: ach gabhaibh aoibhneas chionn gum beil ur n-ainmean sgriobhte am flathanas.
21
Sa cheart uair sin rinn e aoibhneas san Spiorad Naomh, us thuirt e: Tha mi g-aideachadh dhut, O Athair, a Thighearna neamh agus talmhuinn, a chionn ʼs gun dʼfhalaich thu na nichean so bho dhaoine glice agus turail, ʼs gun do thaisbean thu iad do leanabain. Seadh, Athair: chionn gum facas sin math leat.
22
Liubhradh a h-uile ni dhomhsa le mʼ Athair. Agus cha n-aithne do neach air bith co e am Mac, ach do ʼn Athair; us co e an t-Athair, ach do ʼn Mhac, agus dhasan dha ʼn soilleirich am Mac e.
23
ʼS thuirt e, ʼs e tionndadh ri dheisciopuil: Is beannaichte na suilean, a tha faicinn nan nichean, a tha sibhse a faicinn.
24
Oir tha mise g-radh ribh, gur ioma faidh us righ, le ʼm bʼaill na nichean fhaicinn, a tha sibhse a faicinn, ʼs nach fhac iad; ʼsua nichean a chluinntinn, a tha sibhse a cluinntinn, ʼs nach cual iad.
25
Agus, seall, dhʼeirich fear-lagha araid suas, ga bhuaireadh, ʼsa g-radh: A mhaighistir, ciod a thʼagam ri dhianamh gus a bheatha shiorruidh a chosnadh?
26
Ach thuirt esan ris: Ciod a tha sgriobhte san lagh? ciamar a tha thu leughadh?
27
Thuirt esan, ʼs e freagairt: Bheir thu gaol do ʼn Tighearna do Dhia le tʼuile chridhe, agus le tʼuile anam, agus le tʼuile neart, agus le tʼuile inntinn; agus dha do choimhearsnach mar dhut fhein.
28
Us thuirt e ris: Is math a fhreagair thu: dian-sa so, agus bithidh thu beo.
29
Ach air dhasan deigh a bhith aige air ionracas fhein fhiachuinn, thuirt e ri Iosa: Agus co e mo choimhearsnach?
30
Us thuirt Iosa, ʼs e freagairt: Chaidh duine araid sios bho Ierusalem gu Iericho, agus thuit e measg mheirleach, a ruisg e; ʼs an deigh a lot, shiubhail iad, ga fhagail leth-mharbh.
31
Agus thachair do shagart àraidh a bhith dol sios an rathad ciadna; ʼs ged a chunnaic e e, ghabh e seachad.
32
Mar an ciadna Lebhiteach cuideachd, nuair a bha e teann air an aite, ʼsa chunnaic e e, ghabh e seachad.
33
Ach air do Shamaritanach araid a bhith gabhail an rathaid, thainig e teann air; ʼs ga fhaicinn, ghabh e truas ris.
34
ʼSa dol ga ionnsuidh, cheangail e lotan, a dortadh ola agus fìona unnta; ʼs ga chur air muin a bheathaich fhein, thug e gu tigh-osda e, agus ghabh e curam dheth.
35
ʼS an ath latha thug e mach dà pheighinn, us thug e do fhear an tigh-osda iad, us thuirt e: Gabh curam dheth; agus ciod sam bith a chosgas tu bharrachd, air mo thilleadh, paidhidh mi thu.
36
Co de ʼn triuir sin, a shaoileas tu, a bha ʼna choimhearsnach dhasan, a thuit am measg nan robairean?
37
Ach thuirt esan: Am fear a rinn trocair air. Us thuirt Iosa ris: Falbh thusa, us dian a leithid.
38
A nis thachair, ʼs iad a triall, gun deach e stigh do bhaile araid; ʼs gun do ghabh boirionnach araid, air an robh Marta mar ainm, a stigh ʼna tigh e;
39
Agus bha piuthar aice, air an robh Mairi, a bha fantuinn ʼna suidhe aig casan an Tighearna, a g-eisdeachd ri fhacal.
40
Ach bha Marta dripeil mu mhoran frithealaidh: agus sheas i, us thuirt i: A Thighearna, nach eil omhail agad gun dʼfhag mo phiuthar mi a fhrithealadh leam fhein? abair rithe ma ta mo chuideachadh.
41
Agus fhreagair an Tighearna, us thuirt e rithe: A Mharta, a Mharta, tha thu lan iomaguin agus bruaidlein mu mhoran nichean.
42
Ach tha aon ni riatanach. Thagh Mairi a chuid is fhearr, nach toirear bhuaipe.
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24