bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Luke 14
Luke 14
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 15 →
1
Agus thachair, nuair a chaidh Iosa stigh do thigh h-aon de na priomh-Phairisich a dhʼiche arain air latha na sàbaid, gun robh geur fhaire aca air.
2
Agus, seall, bha fear araid air a bhialaobh air an robh a mheud-bhronn;
3
Agus fhreagair Iosa, us labhair e ris an luchd-lagha agus ris na Phairisich, a g-radh: Am beil e ceadaichte leigheas air latha na sàbaid?
4
Ach dhʼfhan iadsa ʼnan tosd. Ach esan a breith air, leighis e e, agus leig e air falbh e.
5
Agus gam freagairt, thuirt e: Co agaibhse, aig a bheil asal no damh a thuiteas ann an slochd, nach tarruinn gu grad as e air latha na sàbaid?
6
ʼS cha bʼurrainn daibh freagairt a thoirt da anns na nichean so.
7
Agus labhair e dubh-fhacal riusan cuideachd a fhuair cuireadh, ʼs e gabhail beachd mar thagh iad na ciad aiteachan-suidhe, a g-radh riu:
8
Nuair a gheobh thu cuireadh gu bainis, na suidh sa chiad àite, eagal ma dhʼ fhaoidte gun dʼfhuair fear nas urramaiche na thusa cuireadh bhuaithe;
9
ʼS gun tig esan, a thug cuireadh dhutsʼ agus dhasan, ʼs gun abair e riut: Thoir aite do ʼn duine so: ʼs gun tòisich thu an sin le naire air an aite is isle a ghabhail.
10
Ach nuair a gheobh thu cuireadh, falbh, suidh sios anns an aite is isle; los, air dhasan a thug cuireadh dhut tighinn, gun abair e riut: A charaide, theirig suas nas airde. An sin gheobh thu urram an lathair nan daoine, a tha aig bord maille riut.
11
Oir a h-uile h-aon a dhʼ ardaicheas e fhein, theid isleachadh; agus esan a dhʼ islicheas e fhein, theid ardachadh.
12
Us thuirt e ris-san cuideachd, a thug cuireadh dha: Nuair a ni thu dinneir no suipeir, na gairm do chairdean, no do bhraithrean, no do luchd-eolais, no do choimhearsnaich a tha beartach: eagal ma dhʼ fhaoidte gun gairm iadsan thu fhein rithist, ʼs gum faigh thu dioladh.
13
Ach nuair a ni thu cuilm, gairm na bochdan, na ciorramaich, na bacaich, na doill:
14
Agus bithidh tu beannaichte, a chionn ʼs nach eil dad aca leis am paidh iad thu: oir ath-dhiolar dhut aig aiseirigh nan ionraic.
15
Nuair a chuala fear de ʼn fheadhainn, a bha aig bord maille ris, na nichean so, thuirt e ris: Is sona esan a dhʼicheas aran ann an rioghachd Dhe.
16
Us thuirt e ris: Rinn duine àraidh suipeir mhor, agus thug e cuireadh do mhoran.
17
Agus chuir e a sheirbhiseach aig uair na suipreach a gh-radh riusan a fhuair cuireadh, iad a thighinn: a chionn gu bheil a h-uile ni nis deas.
18
Agus leig iad uile mar-aon air an leisgeul a ghabhail. Thuirt a chiad fhear ris: Cheannaich mi baile fearainn, agus feumaidh mi dol ga fhaicinn: guidheam ort, gabh mo leisgeul.
19
Us thuirt fear eile: Cheannaich mi coig cuing dhamh, agus tha mi dol gam fiachuinn: guidheam ort, gabh mo leisgeul.
20
Us thuirt fear eile: Phos mi bean, le sin cha n-urrainn domh tighinn.
21
ʼS an seirbhiseach a tilleadh, dhʼinnis e na nichean so dha mhaighistir. An sin ghabh fear-an-tighe fearg, us thuirt e ri sheirbhiseach: Falbh a mach gu luath gu straidean mora agus caol-sthraidean a bhaile; agus thoir a stigh an so na bochdan, agus na daoine ciorramach, agus na doill, agus na criplich.
22
Us thuirt an seirbhiseach: A mhaighistir, rinneadh mar a dhʼorduich thu, agus tha aite ann fhathast.
23
Us thuirt am maighistir ri sheirbhiseach: Falbh thun nan rathaidean mora, ʼs nan callaidean, agus thoir orra tighinn a stigh, gus gun lionar mo thigh.
24
Ach tha mi g-radh ribh nach blais a h-aon de na daoine sin, a fhuair cuireadh, mo shuipeir.
25
Agus bha anabarr sluaigh ga leantuinn; ʼsa tionndadh, thuirt e riu:
26
Ma thig duine air bith gam ionnsuidhse, ʼs nach toir e fuath dha athair, ʼs dha mhathair, ʼs dha mhnaoi, ʼs dha chloinn, ʼs dha bhraithrean, ʼs dha pheathraichean, agus dha bheatha fhein cuideachd, cha n-urrainn dha bhith ʼna dheisciopul agamsa.
27
Agus fear air bith nach giulain a chrois, ʼs nach lean mise, cha n-urrainn dha bhith ʼna dheisciopul agamsa.
28
Oir co agaibhse, aig a bheil toil tùr a thogail, nach suidh sios an toiseach a mheas a chostuis a tha riatanach, fiach a bheil aige na chuireas crioch air,
29
Eagal, an deigh dha an steidh a leagail, ʼs gun chomas aige air a chriochnachadh, gun teann iad uile, a chi e, ri magadh air,
30
A g-radh: Thòisich an duine so air togail, agus cha bʼurrainn da criochnachadh?
31
No co an righ, a tha dol a chogadh an aghaidh righ eile, nach suidh sios an toiseach, ʼs nach smaoinich an urrainn da le deich mile coinneamh a thoirt dhasan, a tha tighinn ʼna aghaidh le fichead mile?
32
Mur urrainn, nuair a bhios am fear eile fhathast fad as, cuiridh e teachdaireachd ga ionnsuidh a dhʼiarraidh cumhnantan sithe.
33
Mar an ciadna gach aon agaibhse, nach treig gach ni thʼaige, cha n-urrainn dha bhith ʼna dheisciopul agamsa.
34
Tha salann math. Ach ma chailleas an salann a bhlas, co leis a nithear blasda e?
35
Cha n-eil e gu feum do ʼn talamh, no do ʼn otrach, ach tilgear a mach e. Esan aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24