bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Luke 23
Luke 23
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 24 →
1
ʼS air eirigh do ʼn chuideachda uile aca, thug iad gu Pilat e.
2
Agus leig iad air coire chur air, a g-radh: Fhuair sinn an duine so a cur ar cinnidh air aimhreadh, ʼsa bacail cis a thoirt do Chésar, ʼsa g-radh gur e fhein Criosta an righ.
3
Agus dhʼfharraid Pilat dheth, a g-radh: An tu righ nan Iudhach? Ach thuirt esan, ʼs e freagairt: Tha thu ga radh,
4
Us thuirt Pilat ris na h-ard-shagairt ʼs ris an t-sluagh: Cha n-eil mi faighinn coire sam bith anns an duine so.
5
Ach ʼsann bu bhraise a dhʼfhas iad, a g-radh: Tha e togail an t-sluaigh, a teagasg feadh Iudéa uile, a tòiseachadh aig Galile gu ruig so.
6
Ach Pilat a cluinntinn mu Ghalile, dhʼfhaighnich e am bu Ghaliléach e.
7
Agus cho luath ʼsa thuig e gur ann fo chumhachd Heroid a bha e, chuir e e gu Herod, a bha sna laithean sin fhein ann an Ierusalem.
8
Us Herod a faicinn Iosa, thug sin toileachadh mor dha: oir bha e an geall bho cheann fhada air fhaicinn, a chionn gun cuala e moran mu dheidhinn, agus bha dùil aige gum faiceadh e miarailte air choireigin air a dianamh leis.
9
Agus chuir e ceisdean air am moran bhriathran. Ach cha tug e freagairt air bith dha.
10
Agus sheas na h-ard-shagairt ʼs na Sgriobhaich a sior-chur choire as a leth.
11
Ach chuir Herod us ʼarmailt suarach e; ʼs ga eideadh an trusgan geal, rinn e culaidh-mhagaidh dheth, agus chuir e air ais gu Pilat e.
12
Us rinneadh Herod agus Pilat ʼnan cairdean an latha sin fhein: oir roimh sin bu naimhdean dha cheile iad.
13
ʼS air do Philat na h-ard-shagairt, ʼs na h-uachdrain, agus an sluagh a ghairm ri cheile,
14
Thuirt e riu: Thug sibh gam ionnsuidh an duine so, mar neach a tha cur an t-sluaigh air aimhreadh; agus, seall, an deigh dhomhsʼ a cheasnachadh air ur bialaobh, cha n-eil mi faighinn cionta sam bith san duine so thaobh nan nichean muʼm beil sibhse dianamh casaid air.
15
Agus cha mhua tha Herod: oir chuir mi sibh ga ionnsuidh, agus, seall, cha dʼ rinneadh ni ris mar toillteannach air bàs.
16
Uime sin an deigh a smachdachadh, bheir mi chead da.
17
Agus bha e mar fhiachaibh air a h-aon a leigeil mu sgaoil dhaibh air latha na feille.
18
Us ghlaodh an sluagh uile comhla, a g-radh: Cuir as dhasan, agus leig mu sgaoil dhuinn Barabbas,
19
Neach a thilgeadh am priosan as leth ceannairce araid a rinneadh sa bhaile, ʼs air son muirt.
20
Agus labhair Pilat riu rithist, ʼs e toileach Iosa a leigeil mu sgaoil.
21
Us ghlaodh iadsan a rithist, a g-radh: Ceus e, ceus e.
22
ʼS an treas uair thuirt e riu: Car-son, ciod an t-olc a rinn e? cha n-eil mi faighinn aobhar bàis ann: smachdaichidh mi e ma ta, us leigidh mi chead da.
23
Ach le iolaich aird dhianlean iad a g-iarraidh a cheusadh; agus bhuadhaich an guth-sa.
24
Agus thug Pilat binn, gum faigheadh iad an iarratas.
25
Agus leig e as dhaibh am fear a bha iad a g-iarraidh, ʼsa chuireadh am priosan air son muirt us ceannairce: ach liubhair e Iosa seachad dha ʼn toil.
26
Us nuair bha iad ga thoirt leo, rug iad air Simon araid bho Chirene, ʼs e tilleadh bho thigh-ducha; agus chuir iad a chrois air, gus a giulan an deigh Iosa.
27
Agus bha cuideachda mhor sluaigh agus bhoirionnach ga leanntuinn, a bha a caoidh ʼsa gal air a shon.
28
Agus thuirt Iosa, ʼs e tionndadh riu: A nigheana Ierusalem, na bithibh a gal air mo shonsa, ach guilibh air ur son fhein, ʼs air son ur cloinne.
29
Oir, seall, thig na laithean anns an abair iad: Is sona na mnathan neo-thorrach, ʼs na bronnaichean nach do ghin, ʼs na ciochan nach tug bainne.
30
An sin tòisichidh iad ri radh ris na beanntan: Tuitibh oirnn; ʼs ris na cnuic: Fallaichibh sinn.
31
Oir ma ni iad na nichean so air an fhiodh ùr, ciod a nithear air a chrionaich?
32
Us thugadh dithis eile de dhroch dhaoine comhla ris, gus an cuirteadh gu bàs iad.
33
Agus nuair rainig iad an t-aite ris an abrar Calbhari, cheus iad an sin e, agus na meirlich, fear air an laimh dheis, am fear eile air an laimh chli.
34
Us thuirt Iosa: Athair, thoir mathanas dhaibh, oir cha n-aithne dhaibh ciod a tha iad a dianamh. Agus roinn iad ʼaodach, a tilgeadh chrann.
35
Agus sheas an sluagh a g-amharc, agus rinn na h-uachdrain cuide riu magadh air, a g-radh: Shabhail e feadhainn eile, sabhaladh e e fhein, ma ʼs esan Criosta taghte Dhe.
36
Agus rinn na saighdearan cuideachd fanaid air, a tighinn dluth, ʼsa tairgse fion-gheir dha,
37
ʼSa g-radh: Ma ʼs tu righ nan Iudhach, sabhail thu fhein.
38
Agus bha sgriobhadh mar an ciadna fos a chionn, sgriobhte ann an litrichean Greigis, us Laidinn, us Eabhra: Se so righ nan Iudhach.
39
Agus labhair fear dhe na meirlich a chrochadh blais-bheum ʼna aghaidh, a g-radh: Ma ʼs tu Criosta, sabhail thu fhein agus sinne.
40
Ach am fear eile a freagairt, chronaich e e, a g-radh: Nach eil eagal De unnad, us tu fo ʼn diteadh chiadna?
41
Us sinne gu dearbh le ceartas: oir tha sinn a faighinn mar a thoill ar gniomhan: ach cha dʼ rinn e so olc air bith.
42
Agus thuirt e ri Iosa: A Thighearna, cuimhnich ormsa, nuair a thig thu gu dʼ rioghachd.
43
Agus thuirt Iosa ris: Gu deimhinn tha mi g-radh riut: An diugh bithidh thu maille riumsa am pàrras.
44
Us bha e mun cuairt do ʼn t-siathamh uair, agus bha dorchadas air an talamh uile gus an naoitheamh uair.
45
Agus thainig dorchadas air a ghrein: agus sthracadh brat an teampuill ʼna mhiadhon.
46
Agus Iosa a g-eigheach le guth ard, thuirt e: Athair, ann ad lamhan tha mi liubhairt mo spioraid. ʼSa g-radh so, thilg e an anail.
47
A nis an ceannard-ciad a faicinn ciod a thachair, thug e gloir do Dhia, a g-radh: Gu dearbh bu duine ionraic e so.
48
ʼS an sluagh uile a chruinnich dhʼionnsuidh an t-seallaidh so, ʼsa chunnaic na rinneadh, thill iad a bualadh an uchd.
49
Agus sheas a luchd-eolais uile, ʼs na boirionnaich, a lean e bho Ghalile, fad as a faicinn nan nichean so.
50
Agus, seall, duine, dha ʼm bʼ ainm Ioseph, a bha ʼna chomhairleach, duine math agus ceart,
51
(Duine nach dʼ aontaich dha ʼn comhairle no dha ʼn dianadas:) bho Arimatéa, baile ann an Iudéa, aig an robh suil e fhein ri rioghachd Dhe.
52
Chaidh am fear so gu Pilat, agus dhʼ iarr e corp Iosa;
53
Agus air dha a thoirt a nuas, shuain e an anart grinn e, agus chuir e ann an uaigh snaithte á creig e, anns nach deachaidh duine a chur riamh roimhe.
54
Agus bʼ e là an uidheamachaidh a bhʼ ann, us bha an t-sàbaid faisg.
55
Agus chunnaic na boirionnaich, a thainig comhla ris ga leanailt á Galile, an uaigh, ʼs mar a chaidh a chorp a chur.
56
ʼSa tilleadh rinn iad deas spiosradh agus ola; ʼs ghabh iad fois air an t-sàbaid a reir na fainte.
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 24 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24