bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Luke 17
Luke 17
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 18 →
1
Agus thuirt e ri dheisciopuil: ʼS fheudar gun tig sgainnealan: ach se mo thruaighe an duine leis an tig iad.
2
Bʼ fhearr dha clach-mhuilinn a bhith air a crochadh mu amhaich, agus e bhith air a thilgeadh sa mhuir, na e sgainneal a thoirt do h-aon dhe ʼn fheadhainn ʼbheaga so.
3
Thugaibh an aire dhuibh fhein. Ma pheacaicheas do bhrathair ad aghaidh, cronaich e: ʼs ma ghabhas e aithreachas, thoir mathanas dha.
4
Agus ma pheacaicheas e na tʼ aghaidh seachd uairean san latha, agus gun tionndaidh e riut seachd uairean san latha, a g-radh: Tha aithreachas orm: thoir mathanas dha.
5
Us thuirt na h-ostail ris an Tighearna: Miadaich ar creideamh.
6
Us thuirt an Tighearna: Nam biodh creideamh agaibh mar ghrainne de shiol mustaird, theireadh sibh ris a chraoibh mhaol-dhearc so: Bi air do spionadh, ʼs bi air do shuidheachadh sa mhuir; agus bhiodh i umhailt dhuibh.
7
Ach co agaibhse aig a bheil seirbhiseach a treabhadh, no g-àrach feudalach, a their ris, nuair a thig e bho ʼn achadh: Falbh gu h-ealamh, suidh gu biadh:
8
ʼS nach docha e radh ris: Dian deas mo shuipeir, agus crioslaich thu fhein, agus fritheil dhomhsa gus an ich ʼs an ol mi, ʼs an deigh sin ithidh agus olaidh thusa?
9
An toir e taing do ʼn t-seirbhiseach sin, a chionn gun dʼ rinn e na bha e air orduchadh dha?
10
Air leam nach toir. Mar an ciadna sibhse, nuair a ni sibh na nichean sin uile a chaidh orduchadh dhuibh, abraibh: Is seirbhisich neo-tharbhach sinn: rinn sinn an ni bu chòir dhuinn dhianamh.
11
Agus thachair, nuair a bha e triall gu Ierusalem, gun do ghabh e tromh mhiadhon Shamaria agus Ghalile.
12
Agus nuair a bha e dol a stigh do bhaile araid, choinnich deichnear dhaoine e, a bha ʼnan lobhair, a sheas fad as;
13
Agus thog iad an guth, a g-radh: Iosa, a Mhaighistir, dian trocair oirnn.
14
Nuair a chunnaic e iad, thuirt e: Siubhlaibh, fiachaibh sibh fhein do na sagairt. Us thachair, nuair a bha iad a dol, guna ghlanadh iad.
15
Agus thill fear dhiubh, nuair a chunnaic e gun deach a ghlanadh, air ais a toirt gloire do Dhia le guth ard.
16
Us thuit e air aghaidh aig a chasan, a toirt taing: agus bu Shamaritanach e.
17
Agus thuirt Iosa, ʼs e freagairt: Nach deach deichnear a ghlanadh? ʼs càit a bheil an naoinear?
18
Cha dʼ fhuaireadh a thilleadh ʼsa bheireadh gloir do Dhia ach an coigreach so.
19
Us thuirt e ris: Eirich, falbh: oir rinn do chreideamh slan thu.
20
Agus dhʼfharraid na Phairisich dheth: Cuin a thig rioghachd Dhe? gam freagairt thuirt e: Cha tig rioghachd Dhe an seol gum faicear i;
21
Cha mhua their iad: Seall an so, no seall an sin. Oir, seall, tha rioghachd Dhe an taobh stigh dhibh.
22
Agus thuirt e ri dheisciopuil: Thig na lài anns am bu mhath leibh aon latha fhaicinn de Mhac an duine, agus cha n-fhaic sibh e.
23
Agus their iad ribh: Seall an so, seall an sin. Na rachaibh ann, ʼs na leanaibh iad:
24
Oir, mar a tha an dealanach, a tha boillsgeadh an aon aite fo neamh, a soillseachadh gu ruig na h-aitean eile fo neamh, is amhuil a bhios Mac an duine ʼna latha fhein.
25
Ach feumaidh e an toiseach ioma ni fhulang, ʼsa bhith air a dhiultadh leis a ghinealach so.
26
Agus mar a thachair an lài Noé, is amhuil a bhios an laithean Mhic an duine.
27
Bha iad a g-ithe ʼsa g-ol; bha iad a posadh ʼs bhathas gan toirt seachad am posadh, gus an latha san deach Noé stigh do ʼn àirc: us thainig an tuil, agus sgrios i iad uile.
28
Mar a thachair cuideachd an lài Lot: bha iad a g-ithe ʼsa g-ol; bha iad a ceannach ʼsa reiceadh; bha iad a planntachadh ʼsa togail thighean:
29
Agus air an latha anns an deach Lot a mach á Sodom, thuit teine agus pronnasg bho neamh, a sgrios iad uile:
30
ʼSann mar sin a bhios san là air an nochdar Mac an duine.
31
San uair sin, am fear a bhios air mullach an tighe, ʼsa mhaoin a stigh, na tearnadh e gu ʼtoirt air falbh; agus esan a bhios san achadh, mar an ciadna na tilleadh e air ais.
32
Cuimhnichibh bean Lot.
33
Fear sa bith a dhʼiarras a bheatha thiarnadh, caillidh e i; agus fear sa bith a chailleas i, tiarnadh e i.
34
Tha mi g-radh ribh: air an oidhche sin bithidh dithis an aon leabaidh: gabhar a h-aon diu, agus fagar an t-aon eile.
35
Bithidh dithis bhan a bleith comhla: gabhar té dhiubh, agus fagar an té eile; agus dithis san achadh: gabhar fear, agus fagar am fear eile.
36
ʼSa freagairt thuirt iadsan ris: Càit, a Thighearna?
37
Thuirt e riu: Ge bʼ e aite am bi a chlosach, an sin cruinnichear na h-iolairean.
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 18 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24