bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Luke 2
Luke 2
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 3 →
1
Agus anns na laithean sin thachair, gun deach achd a mach bho Chésar Augustus gus an saoghal uile aireamh.
2
Us rinneadh a chiad aireamh so le Cirinus uachdran Shiria.
3
Agus chaidh iad uile gu bhith air an aireamh, gach aon gu bhaile fhein.
4
Agus chaidh Ioseph cuideachd suas á Galile bho bhaile Nasareth gu Iudéa do bhaile Dhài, dha ʼn ainm Bethlehem, chionn gun robh e de thigh ʼs de theaghlach Dhài,
5
Gu bhith air aireamh maille ri Moire, a bha ʼna mnaoi phòsta aige, ʼs i lethtromach.
6
Agus thachair, nuair a bha iad an sin, gun do choimhlionadh na laithean gun rachadh a h-aiseadadh.
7
Agus rug i a ciad-ghin mic, us shuain i ann an aodach speilidh e, agus chuir i ʼna laidhe ann am prasaich e: chionn nach robh aite dhaibh san tigh-osda.
8
Agus anns an duthaich chiadna bha buachaillean a caithris, ʼsa cumail faire-oidhche air an treud.
9
Agus, seall, sheas aingeal an Tighearna lamh riu, agus shoillsich solus Dhe mun cuairt daibh, agus ghabh iad eagal mor.
10
Us thuirt an t-aingeal riu: Na biodh eagal oirbh: oir, seall, tha mi toirt deagh sgeul a mhor-aoibhneis dhuibh, a bhios doʼn h-uile pobull:
11
Oir an diugh rugadh dhuibh Slanair, Criosta an Tighearna, ann am baile Dhài.
12
Agus bithidh so ʼna chomharradh dhuibh: Gheobh sibh an leanabh suainte an aodach speilidh, ʼs ʼna laidhe ann am prasaich.
13
Agus bha gu h-ealamh comhla ris an aingeal feachd mhor de dhʼarmailt fhlathanais, a moladh Dhe, ʼsa g-radh:
14
Gloir do Dhia anns na h-ardaibh, ʼs air talamh sith do luchd na deagh thoil.
15
Agus thachair, an deigh do na h-ainglean falbh bhuapa gu neamh, gun tuirt na buachaillean ri cheile: Rachamaid null gu Bethlehem, us faicemid muʼn fhacal, a thʼ air tachairt, a nochd an Tighearna dhuinn.
16
Agus thainig iad le cabhaig; ʼs fhuair iad Moire, agus Ioseph, agus an leanabh ʼna laidhe ann am prasaich.
17
ʼS nuair a chunnaic iad e, thuig iad mu ʼn fhacal a thuirteadh riu mu dheidhinn an naoidhein so.
18
ʼUs ghabh iadsan uile, a chual e, iongantas as na nichean a chaidh a radh riu leis na buachaillean.
19
Ach ghleidh Moire na nichean so uile, gam meomhrachadh ʼna cridhe.
20
Agus thill na buachaillean, a toirt gloire us molaidh do Dhia, air son nan nichean uilʼ a chual ʼsa chunnaic iad, mar a dhʼinnseadh dhaibh.
21
ʼS air do ochd laithean a bhith air an coimhlionadh gus an leanabh a thimchioll-ghearradh, thugadh Iosa mar ainm air, mar thugadh air leis an aingeal, mun do ghineadh sa bhroinn e.
22
ʼS an deigh laithean a glanaidh air reir lagh Mhaois a bhith air an coimhlionadh, ghiulain iad e gu Ierusalem, gus a thairgse doʼn Tighearna,
23
Mar tha e sgriobhte an lagh an Tighearna: A h-uile leanabh gille, a dhʼfhosglas a bhru, gairmear naomh doʼn Tighearna e;
24
Agus gu iobairt a thairgse suas, a reir ʼs mar tha e air a gh-radh an lagh an Tighearna, paidhir thurtur, no dà chalaman oga.
25
Us, seall, bha duine ann an Ierusalem, dhaʼm bʼainm Simeon, ʼs bha ʼn duine so ceart agus crabhach, a feitheamh ri sòlas Israil, agus bha ʼn Spiorad Naomh ann.
26
Agus bha e air freagairt fhaighinn bho ʼn Spionad Naomh, nach fhaiceadh e bàs, gus am faiceadh e an toiseach Criosta an Tighearna.
27
Agus thainig e le iul an Spioraid doʼn teampull. ʼS nuair thug a pharantan a stigh an leanabh Iosa, gu dianamh as a leth air reir cleachdadh an lagha,
28
Ghabh esan air a ghairdeanan e, agus bheannaich e Dia, us thuirt e:
29
Tha thu nis, a Thighearna, a leigeil air faibh do sheirbhisich ann an sith air reir tʼfhacail:
30
Chionn gum faca mo shuilean do shabhaladh,
31
A dhʼ ullaich thu roimh ghnuis nan uile shluagh:
32
Solus a shoilleireachadh nan cinneach, agus gloir do phobuill Israel.
33
Agus bha athair ʼsa mhathair a gabhail iongantais as na nichean a bhathas a g-radh uime.
34
Agus bheannaich Simeon iad, us thuirt e ri Moire a mhathair: Fiach, chuireadh an leanabh so gu sgrios agus gu aiseirigh morain ann an Israel, agus ʼna chuspair a dhʼ aicheadhar.
35
Agus sathar claidheamh tromh tʼanam fhein, los smaointean moran chridheachan a shoilleireachadh.
36
ʼS bha an sin Anna, ban-fhaidh, nighean Phanueil, de threubh Aseir: bha i so fad air a h-adhart an laithean, agus chaith i seachd bliadhna comhla ri a fear bho a maighdeanas.
37
Agus bha i ʼna bantraich gu ruig ceithir fichead us ceithir bliadhna: nach robh dealachadh ris an teampull, a seirbhiseachadh le traisg ʼs le urnaigh a latha ʼsa dhʼ oidhche.
38
ʼSa tighinn a stigh sa cheart uair, dhʼaidich i an Tighearna; agus labhair i uime riusan uile aig an robh duil ri saorsainn Israil.
39
ʼS nuair choimhlion iad a h-uile ni air reir lagh an Tighearna, thill iad do Ghalile, dha ʼm baile Nasareth.
40
Us dhʼfhas an leanabh, agus neartaicheadh e, ʼs e lan de ghliocas; agus bha grasan De ann.
41
Agus chleachd a pharantan a h-uile bliadhna dol suas gu Ierusalem aig feill mhor na càsga.
42
ʼS nuair a bha e dà bhliadhna dhiag a dhʼaois, chaidh iad suas gu Ierusalem a reir cleachdadh na feille,
43
ʼS an deigh dhaibh na laithean a choimhlionadh, nuair bha iad a tilleadh, dhʼ fhan an leanabh Iosa ann an Ierusalem, ʼs cha robh fios aig a pharantan air so.
44
Ach a saoilsinn gun robh e sa chuideachda, chaidh iad air an adhart astar latha, agus bha iad ga shireadh am measg an luchd-daimh ʼs an luchd-eolais.
45
Agus bho nach dʼ fhuair iad e, thill iad gu Ierusalem ga shireadh.
46
ʼS an ceann thri latha, thachair gun dʼ fhuair iad e san teampull, ʼna shuidhe am miadhon nan ollamh gan eisdeachd, ʼsa cur cheisd orra.
47
Us ghabh iadsan uile, a bha ga eisdeachd, iongantas ri ghliocas agus ri fhreagairtean.
48
Agus ga fhaicinn ghabh iad fior iongantas. Us thuirt a mhathair ris: A Mhic, car-son a rinn thu mar so oirnn? seall, bha tʼ athair agus mise gu muladach ga dʼ shireadh.
49
Us thuirt e riu: Car-son a bha sibh ga mʼ shireadhsa? nach robh fios agaibh, gum feum mise a bhith ris na bhuineas dha mʼ Athair?
50
Agus cha do thuig iad am facal a thuirt e riu.
51
Agus chaidh e sios comhla riu, us thainig e gu Nasareth; agus bha e umhailt dhaibh. Agus ghleidh a mhathair na briathran so uile ʼna cridhe.
52
Agus thainig Iosa air adhart an gliocas, ʼs an aois, ʼs an grasan an lathair Dhe agus dhaoine.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24