bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Luke 11
Luke 11
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 12 →
1
Us thachair nuair bha e ri urnaigh an aite araid, an deigh sgur dhi, gun tuirt fear dhe dheisciopuil ris: A Thighearna, ionnsuich dhuinn a dhianamh urnaigh, mar a dhʼionnsuich Eoin dha dheisciopuil-sa.
2
Us thuirt e riu: Nuair a ni sibh urnaigh, abraibh: Athair, gum bu naomh a bhios tʼainm, Gun tigeadh do rioghachd.
3
Thoir dhuinn an diugh ar n-aran lathail.
4
Agus math dhuinn ar peacannan, chionn tha sinne a mathadh do luchd ar fiach uile. Agus na leig ann am buaireadh sinn.
5
Us thuirt e riu: Co agaibhse aig am bi caraid, ʼsa theid ga ionnsuidh mu mhiadhon oidhche, ʼsa their ris: A charaide, thoir dhomh coingheall de thri builionnan?
6
Chionn thainig caraid dhomh gam ionnsuidh dhe thurus, ʼs cha n-eil ni agam a chuireas mi air a bhialaobh.
7
Agus gum freagair esan air an taobh stigh, a g-radh: Na cuir dragh orm: tha ʼn dorus a nis duinte, agus tha mo chlann comhla rium anns an leabaidh: cha n-urrainn domh eirigh, ʼs an toirt dhut.
8
Ach ma leanas e air bualadh: tha mi cantuinn ribh, ged nach eirich e gus an toirt dha a chionn gur e a charaid e, gun eirich e air sgàth a leamhachais, ʼs gun toir e dha urad ʼsa tha riatanach dha.
9
Agus tha mise g-radh ribh: Iarraibh, agus bheirear dhuibh; siribh, agus gheobh sibh; buailibh, agus fosglar dhuibh.
10
Chionn h-uile neach a dhʼiarras, bheirear dha; ʼs an neach a shireas, gheobh e; ʼs an neach a bhuaileas, fosglar dha.
11
Agus ma dhʼiarras gin agaibhse aran air ʼathair, an toir e dha clach? no iasg, an toir e dha nathair an aite éisg?
12
No ma dhʼiarras e ubh, an sìn e dha scorpion?
13
Ma ʼs aithne dhuibhse ma ta a tha olc, deagh thiodhlaicean a thoirt dha ʼr cloinn: nach mor is mua, na sin a bheir ur n-Athair bho neamh an spiorad math dhaibhse, a dhʼiarras air e?
14
Agus bha e tilgeadh mach deomhain a bha balbh. Us nuair chuir e mach an deomhan, labhair am balbhan, agus ghabh an sluagh iongantas.
15
Ach thuirt cuid dhiu: Tha e cur mach dheomhan le Beelsebub, prionnsa nan deomhan.
16
Agus bha feadhainn eile a g-iarraidh air, ga bhuaireadh, comharraidh bho neamh.
17
Ach esan, bhon bu leir dha an smaointean, thuirt e riu: A h-uile rioghachd, a tha roinnte ʼna h-aghaidh fhein, sgriosar, agus tuitidh tigh air muin tighe.
18
Ma tha satan ma ta roinnte ʼna aghaidh fhein, ciamar a sheasas a rioghachd? chionn tha sibhse g-radh gur h-ann le Beelsebub a tha mise cur mach dheomhan.
19
A nis ma ʼsann le Beelsebub a tha mise cur a mach dheomhan, co leis a tha ur clann fhein gan cur a mach? Air an aobhar sin bithidh iadsan ʼnam britheamhan oirbh.
20
Ach ma ʼsann le miar Dhe a tha mise cur a mach dheomhan, gun teagamh thainig rioghachd Dhe h-ugaibhse.
21
Nuair a tha duine laidir fo airm a gleidheadh a thighe, tha na bhuineas da an sith.
22
Ach ma thig fear air nas treasa na e fhein, ʼs gum faigh e buaidh air, bheir e bhuaithe airm uile, anns an robh earbsa, agus roinnidh e a chreach.
23
Esan nach eil leam, tha e na mʼ aghaidh; agus esan nach eil a cruinneachadh maille rium, tha e sgapadh.
24
Nuair theid spiorad neoghlan a mach á duine, tha e siubhal tromh aiteachan gun uisge, a sireadh foise; us nuair nach fhaigh e sin, their e: Tillidh mi gu mo thigh, as an dʼfhalbh mi.
25
Agus nuair a thig e, gheobh e e sguabte ʼs air a sgeimheachadh.
26
An sin falbhaidh e agus bheir e leis seachd spioraid eile nas miosa na e fhein, ʼsa tilleadh a stigh tamhaidh iad an sin. Agus bithidh staid dheirionnach an duine sin nas miosa na chiad staid.
27
Agus thachair, nuair a bha e labhairt mar so, guna thog boirionnach araid dhe ʼn t-sluagh a guth, ʼs gun tuirt i ris: Is beannaichte an com a ghiulain thu ʼs na ciochan a dheothail thu.
28
Ach thuirt esan: Seadh, ach is ro-bheannaichte an fheadhainn a dhʼ eisdeas ri facal De, ʼsa chumas e.
29
ʼS nuair a ruith an sluagh cruinn mun cuairt da, thòisich e ri radh: Is ginealach olc, an ginealach so: tha e g-iarraidh comharraidh, us comharradh cha toirear dha, ach comharradh an fhaidh Ionas.
30
Amhuil mar a bhalonas ʼna chomharradh do mhuinntir Ninibhe, is amhuil a bhios Mac an duine do ʼn ghinealach so.
31
Eiridh banrighn na h-airde-deas am breitheanas an aghaidh daoine a ghinealaich so, agus ditidh i iad: chionn thainig ise bho chriochan an talmhuinn a dhʼeisdeachd ri gliocas Sholomoin: agus seall nas mua na Solomon an so.
32
Eiridh muinntir Ninibhe am breitheanas an aghaidh a ghinealaich so, agus ditidh iad e: bho na rinn iad peanas ri searmonachadh Ionais: agus seall nas mua na Ionas an so.
33
Cha n-eil neach air bith nuair a lasas e coinneal, a chuireas am falach i, no fo shaghach: ach an coinnleir; los gum faic iadsan, a thig a stigh, an solus.
34
Si do shuil solus do choluinne. Ma bhios do shuil glan, bithidh do choluinn uile soilleir: ach ma bhios i olc, bithidh do choluinn uile dorcha.
35
Thoir an aire ma ta nach bi an solus a tha unnad ʼna dhorchadas.
36
Air an aobhar sin ma bhios do choluinn uile soilleir, gun sgailein idir a dhorchadas innte, bithidh an t-iomlan soilleir, ʼs mar gheal-lochran bheir i solus dhut.
37
ʼS nuair bha e labhairt, ghuidh Phairiseach araid air a dhinneir a ghabhail comhla ris. ʼSa dol a stigh, shuidh e gu biadh.
38
Us thòisich am Phairiseach ri radh ʼna inntinn fhein, car-son nach dʼionnlaid e e fhein roimh a dhinneir.
39
Agus thuirt an Tighearna ris: A nis tha sibhse, a Phairisiche, a glanadh taobh-mach a chupa ʼs na méise: ach tha an taobh-stigh dhibh lan de reubuinn ʼs de dhʼ olc.
40
Amadana, esan a rinn an taobh-mach, nach dʼrinn e an taobh-stigh cuideachd?
41
Ach se deireadh na cuise, thugaibh deirc seachad: agus, seall, tha h-uile ni glan dhuibh.
42
Ach mo thruaighe sibh, a Phairisiche, chionn tha sibh toirt deachaimh de mhionnt, ʼs de rùdh, agus de ʼn h-uile lus, ʼsa dearmad breitheanas agus carrantachd Dhe: bu chòir gu dearbh iad so dhianamh gun iad sid a dhearmad.
43
Mo thruaighe sibh, a Phairisiche, chionn gur toigh leibh na ciad shuidheachain anns na sinagogan agus failt air a mhargadh.
44
Mo thruaighe sibh, chionn tha sibh mar uaighean, nach eil ri ʼm faicinn, agus air a bheil na daoine a tha falbh air an uachdar aineolach.
45
Agus fhreagair fear araid de ʼn luchd-lagha, a g-radh ris: A Mhaighistir, le so radh tha thu toirt taire dhuinne cuideachd.
46
Ach thuirt esan: Mo thruaighe sibhse cuideachd, a luchd-lagha, chionn tha sibh a cur eallaichean air daoine nach urrainn iad a ghiulan, ʼs le uibhir agus ur miar cha n-eil sibh fhein a beantuinn do ʼn luchd.
47
Mo thruaighe sibh a tha togail uaighean nam faidhean: agus ʼsiad ur n-aithrichean a mharbh iad.
48
Gu cinnteach tha sibh a togail fianuise gum beil sibh a g-aontachadh le gniomhan ur n-aithrichean: oir gu dearbh mharbh iadsan iad, agus tha sibhse a togail an uaighean.
49
ʼSann air son so a thuirt gliocas De: Cuiridh mi gan ionnsuidh faidhean us ostail, agus cuid dhiu marbhaidh iad, ʼs air cuid ni iad geur-leanmhuinn;
50
Los gun agrar air a ghinealach so fuil nam faidhean uile, a dhoirteadh bho thùs an t-saoghail,
51
Bho fhuil Abeil gu fuil Shachariais, a chaidh mharbhadh eadar an altair agus an teampull. Mar sin tha mi g-radh ribh: agrar e air a ghinealach so.
52
Mo thruaighe sibh, a luchd-lagha, chionn thug sibh air falbh iuchair an eolais: cha deachaidh sibh fhein a stigh, agus bhac sibh iadsan, a bha dol a stigh.
53
ʼS nuair a bha e cantuinn nan nichean so riu, thòisich na Phairisich ʼs an luchd-lagha air casadh gu garg ʼna aghaidh, ʼs air a sharachadh mu mhoran nichean,
54
A caitheamh foille air, ʼsa sireadh rudeigin a ghlacadh bho bhial, gus agairt ʼna aghaidh.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24