bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Luke 16
Luke 16
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 17 →
1
Agus thuirt e cuideachd ri dheisciopuil: Bha duine beartach araid ann aig an robh stiubhart: agus rinneadh casaid ris uime, gun robh e air a chuid a mhilleadh.
2
Agus ghairm e e, us; thuirt e ris: Ciod e so tha mi cluinntinn mu dʼ dheidhinn? thoir cunntas air do stiubhartachd: oir cha n-fhaod thu bhith ad stiubhart nas fhaide.
3
An sin thuirt an stiubhart ris fhein: Ciod a ni mi, chionn tha mo thighearna a toirt bhuam mo stiubhartachd? Ruamhar cha n-urrainn domh, deirc iarraidh is nàir leam.
4
Is aithne dhomh ciod a ni mi, los, nuair a bheirear bhuam mo stiubhartachd, gun gabh iad stigh do ʼn tighean mi.
5
Uime sin a gairm ri cheile a h-uile h-aon de luchd-ain-fhiach a thighearna, thuirt e ris a chiad fhear: Dé urad ʼsa thʼaig mo thighearna ortsa?
6
Us thuirt e: Ciad baraill ola. Us thuirt e ris: Gabh do sgriobhadh, us suidh sios gu h-ealamh, us sgriobh leth chiad.
7
An sin thuirt e ri fear eile: Ach thusa, dé urad ʼsa thʼ aig ortsa? Thuirt e: Ciad tomhas cruithneachd. Thuirt e ris: Gabh do sgriobhadh agus sgriobh ceithir fichead.
8
Agus mhol an tighearna an stiubhart eucorach, a thaobh ʼs gun dʼ rinn e gu glic: chionn tha clann an t-saoghail so nas glice ʼnan ginealach fhein na clann an t-soluis.
9
Agus tha mi g-radh ribh: dianaibh dhuibh fhein cairdean le mammon an uilc, air chor ʼs nuair a dhʼfhailnicheas sibh, gun gabh iad stigh sibh do phaillionan siorruidh.
10
Esan a tha dileas anns an ni is lugha, tha e dileas cuideachd anns an ni is mua; agus esan a tha eucorach san ni is lugha, tha e eucorach cuideachd san ni is mua.
11
Mur robh sibh ma ta dileas anns a mhammon eucorach, co dhʼearbas ribh an ni a tha firinneach?
12
ʼS mur robh sibh dileas ann an cuid an atharraich, co a bheir dhuibh ur cuid fhein?
13
Cha n-urrainn do sheirbhiseach sa bith dà mhaighistir a sheirbhiseachadh: oir bheir e fuath do ʼn darna fear, agus gaol doʼn fhear eile; no cuiridh e suas ris an darna fear, agus ni e diu deʼn fhear eile: cha n-urrainn duibh Dia a sheirbhiseachadh agus mammon.
14
A nis chuala na Phairisich, a bha sanntach, na nichean so uile; us rinn iad fanaid air.
15
Us thuirt e riu: Is daoine sibh a tha gu ʼr cur fhein ceart an lathair dhaoine: ach is aithne do Dhia ur cridheachan: oir an ni a tha an ardmheas aig daoine, is grainealachd e an lathair Dhe.
16
Bha an lagh ʼs na faidhean ann gu ruig Eoin: bho sin bhathas a searmonachadh rioghachd Dhe, ʼs tha h-uile duine dianamh dian-stri ga h-ionnsuidh.
17
Agus is fhasa do neamh ʼs do ʼn talamh dol seachad, na do aon lide de ʼn lagh failneachadh.
18
A h-uile fear a chuireas air falbh a bhean ʼsa phosas té eile, tha e a dianamh adhaltrais; ʼs am fear a phosas an té a chuireadh air falbh bho a fear, tha e a dianamh adhaltrais,
19
Bha duine araid saibhir ann, a bha air eideadh am purpur ʼs an anart grinn, ʼsa bha g-ithe gu soghail a h-uile latha.
20
Agus bha diol-deirc ann dha ʼm bʼainm Lasarus, a bha ʼna laidhe aig a ʼgheata lan chreuchdan,
21
A miannachadh a bhith air a shasachadh leis na criomagan a bha tuiteam bho bhord an duine shaibhir, ʼs cha robh gin gan toirt dha: ach thainig na coin agus dhʼ imlich iad a chreuchdan.
22
Agus thachair gun dʼ fhuair an diol-deirc bàs, ʼs gun do ghiulaineadh e le ainglean gu uchd Abrahaim. Us fhuair an duine saibhir e fhein bàs: agus thiodhlaiceadh ann an iutharna e.
23
ʼSa togail suas a shuilean, nuair a bha e an doruinn, chunnaic e Abraham fad as, agus Lasarus ʼna uchd;
24
Agus dhʼeigh e, us thuirt e: Athair, Abrahaim, gabh truas dhiom, agus cuir Lasarus a thumadh barr a mheoir an uisge gus mo theanga fhuarachadh, ʼs mi air mo chràdh san lasair so.
25
Us thuirt Abraham ris: A mhic, cuimhnich gun dʼ fhuair thusa nichean matha ri do bheo, agus Lasarus mar an ciadna nichean olca: ach tha e nis ann an sòlas, us thusa an doruinn.
26
ʼSa bharrachd air so uile, eadar sinne agus sibhse tha aibheis mhor air a suidheachadh, air nach urrainn daibhsan dol thairis, a dhʼ iarras á so h-ugaibhse, no tighinn a nall h-ugainn bhuaibhse.
27
Us thuirt e: Tha mi guidhe ort ma ta, athair, gun cuir thu e gu tigh mʼathar:
28
Oir tha coignear bhraithrean agam, gus e thoirt teisteanais dhaibh, eagal gun tig iadsan cuideachd gu àite na doruinne so.
29
Agus thuirt Abraham ris: Tha Maois ʼs na faidhean aca: eisdeadh iad riusan.
30
Ach thuirt esan: Cha n-eadh, athair Abraham; ach ma theid aon gan ionnsuidh bho na mairbh, gabhaidh iad aithreachas.
31
Us thuirt e ris: Mur eisd iad ri Maois agus ris na faidhean, cha mhua chreideas iad, ged a dhʼeireadh neach bho na mairbh.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 17 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24