bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Luke 19
Luke 19
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 20 →
1
Agus air dha dol a stigh ann, thriall e tromh Iericho.
2
Us, seall, bha duine ann dha ʼm bʼainm Sacheus; agus bu cheannard nan cismhaor e, ʼs e beartach.
3
Agus bha deidh aige air Iosa fhaicinn, fiach co bʼ e; ʼs cha bʼurrainn da leis an t-sluagh, a chionn gun robh e iosal am pearsa.
4
ʼSa ruith air thoiseach, sthreap e ri craoibh-shicamoir gus fhaicinn: oir bha e gu dol seachad an rathad sin.
5
ʼS nuair thainig Iosa thun an aite, a g-amharc suas chunnaic e e, agus thuirt e ris: A Shacheuis, dian cabhag, ʼs thig a nuas: oir feumaidh mi comhnuidh a ghabhail an diugh na dʼ thigh.
6
Agus rinn e cabhag a nuas, us ghabh e ris le aoibhneas.
7
ʼS nuair a chunnaic iad uile so, bha iad ri monmhur, a g-radh gun robh e air dol gu bhith ʼna aoidh aig duine a tha ʼna pheacach.
8
Agus Sacheus a stad, thuirt e ris an Tighearna: Seall, a Thighearna, tha mi toirt leth mo mhaoin do na bochdan; ʼs ma mheall mi a bheag bho neach air bith, tha mi ga thoirt air ais dha ceithir fillte.
9
Thuirt Iosa ris: Thainig sabhaladh an diugh thun an tighe so: a thaobh gur mac esan cuideachd do Abraham.
10
Oir thainig Mac an duine a shireadh ʼsa shabhaladh na bha caillte.
11
ʼS nuair a bha iad a g-eisdeachd ris na nichean so, lean e us labhair e dubhfhacal, a chionn gun robh e teann air Ierusalem, ʼsa chionn gun robh iad an duil gum faicte rioghachd Dhe gun dàil.
12
Thuirt e uime sin: Chaidh duine uasal araid do dhuthaich fad as, a ghabhail rioghachd dha fhein, agus a thilleadh a rithist.
13
ʼS ghairm e a dheich sheirbhisich, ʼs thug e deich puinnd dhaibh, agus thuirt e riu: Dianaibh marsantachd gus an tig mi.
14
Agus bha fuath aig a luchd-ducha air; ʼs chuir iad teachdaireachd as a dheigh, a g-radh: Cha n-aill leinn an duine so a bhith ʼna righ oirnn.
15
Agus thachair gun do thill e, air dha rioghachd fhaighinn; ʼs dhʼorduich e a sheirbhisich a bhith air an gairm, dha ʼn tug e an t-airgiod, gu fios a bhith aige dé urad ʼsa choisinn gach fear le marsantachd.
16
ʼSa chiad fhear a tighinn, thuirt e: A thighearna, choisinn do phunnd deich puinnd.
17
Us thuirt e ris: Is math a fhuaradh tu, a dheagh sheirbhisich: bho na bha thu dileas am beagan, bithidh thu na dʼ uachdran air deich bailtean.
18
Agus thainig an ath fhear, a g-radh: A thighearna, choisinn do phunnd coig puinnd.
19
Us thuirt e ris-san: Bisa mar an ciadna os cionn choig bhailtean.
20
Agus thainig fear eile, a g-radh: A thighearna, seall do phunnd, a ghleidh mi taisgte ann an neapaicin:
21
Oir bha sgàth agam romhad, a thaobh ʼs gur duine cruaidh thu: tha thu togail ni nach do leag thu, ʼsa buain ni nach do chuir thu.
22
Thuirt e ris: Bho do bhial fhein tha mi toirt breth ort, a sheirbhisich eucoraich: bha fhios agad gur duine cruaidh mi, a togail ni nach do leag mi, ʼsa buain ni nach do chuir mi:
23
Car-son ma ta nach do chuir thu mo chuid airgid sa bhanc, gus, air mo thighinn, gun agrainn e le riadh?
24
Agus thuirt e riusan, a bha ʼnan seasamh lamh ris: Thugaibh am punnd bhuaithe, ʼs thugaibh e dhasan aig a bheil na deich puinnd.
25
Agus thuirt iad ris: A thighearna, tha deich puinnd aige.
26
Ach tha mi g-radh ribh, do ʼn h-uile h-aon, aig a bheil, bheirear, agus bithidh mor-phailteas aige: agus an neach, aig nach eil, bheirear bhuaithe an ni sin fhein a thʼ aige.
27
Ach a thaobh mo naimhdean ud, leis nach bʼaill mi bhith am righ orra, thugaibh an so iad; agus marbhaibh iad na mʼ fhianuis.
28
ʼS an deigh dha so chantuinn, dhʼimich e rompa, a gabhail suas gu Ierusalem.
29
Agus thachair nuair a bha e teannadh air Bethphage agus Betania, aig sliabh ris an canar Olibhet, gun do chuir e air adhart dithis dhe dheisciopuil,
30
A g-radh: Siubhlaibh do ʼn bhaile a tha mu ʼr comhair; ʼsa dol a stigh ann gheobh sibh searrach asail an ceangal, air nach do shuidh duine riamh; fuasglaibh us thugaibh an so e.
31
ʼS ma dhʼfharraideas duine air bith dhibh: Car-son tha sibh ga fhuasgladh? mar so their sibh ris: A chionn gum beil feum aig an Tighearna air a sheirbhis.
32
Agus shiubhail iadsan, a chaidh a chur air adhart; us fhuair iad an searrach ʼna sheasamh, mar a thuirt e riu.
33
ʼS nuair bha iad a fuasgladh an t-searraich, thuirt a shealbhadairean riu: Car-son tha sibh a fuasgladh an t-searraich?
34
Ach thuirt iadsan: A chionn gum beil feum aig an Tighearna air.
35
Us thug iad gu Iosa e. ʼSa tilgeadh an aodaich air an t-searrach, chuir iad Iosa air a mhuin.
36
Agus mar a thriall e, sgaoil iad an aodach fodha air an rathad.
37
ʼS nuair bha e nis dluthachadh air leathad beinn Olibheit, thòisich buidhean a dheisciopul uile le aoibhneas air Dia a mholadh le guth ard, air son nan gniomhan cumhachdach uile, a chunnaic iad,
38
A g-radh: Is beannaichte an righ, a tha tighinn an ainm an Tighearna, sith air neamh, us gloir ʼs na h-ardaibh.
39
Agus thuirt cuid dhe na Phairisich a bha measg an t-sluaigh ris: A Mhaighistir, cronaich do dheisciopuil.
40
Riu so thuirt e: Tha mi g-radh ribh, ma bhios iad so samhach, eighidh na clachan.
41
Agus nuair tharruinn e faisg, ri faicinn a bhaile, ghuil e thairis air, a g-radh:
42
Nam bʼ aithne dhut, seadh dhutsa, agus sin na dʼ là so fhein, na nichean a tha gu sith dhut? ach a nis tha iad falaichte bho do shuilean.
43
Oir thig na laithean ort: us cladhaichidh do naimhdean staing mu dʼ thimchioll agus cuairtichidh iad thu; agus teannaichidh iad thu air gach taobh;
44
Agus leagaidh iad ris an làr thu, agus do chlann a tha unnad, ʼs cha n-fhag iad unnad clach air muin cloiche: chionn ʼs nach bʼ aithne dhut àm tʼ fhiachuinn.
45
ʼS air dha dol a stigh do ʼn teampull, theann e ri tilgeadh a mach na feadhnach, a bha reic ʼsa cearmach ann,
46
A cantuinn riu: Tha e sgriobhte: Is tigh urnaigh mo thigh-sa. Ach rinn sibhse uamha mheirleach dheth.
47
Agus bha e teagasg san teampull a h-uile latha. Agus bha na h-ard-shagairt agus na Sgriobhaich agus uachdrain an t-sluaigh a g-iarraidh cur as da:
48
ʼS cha robh iad a faighinn ciod a dhianadh iad air. Oir bha an sluagh uile an ro-gheall air a chluinntinn.
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 20 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24