bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Luke 5
Luke 5
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 6 →
1
Agus thachair, nuair a bha an sluagh a dianruith ga ionnsuidh gu facal De eisdeachd, gun robh e ʼna sheasamh ri taobh loch Ghenesareth.
2
Agus chunnaic e dà shaghach ʼnan seasamh aig oir an loch: ach bha na h-iasgairean air tighinn asda, agus bha iad a nighe nan lion.
3
ʼS air dha dol a stigh do h-aon de na saghaichean, bu le Simon, dhʼiarr e air tarruinn beagan bho thir. Agus air dha suidhe, theagaisg e an sluagh as an t-saghach.
4
ʼS nuair sguir e a labhairt, thuirt e ri Simon: Tarruinn a mach thun na doimhne, us leigibh sios ur lin gu glacadh.
5
Agus thuirt Simon ris, ʼs e freagairt: A Mhaighistir, shaothraich sinn fad na h-oidhche, ʼs cha do ghlac sinn dad: ach air tʼfhacalsa leigidh mi sios an lion.
6
ʼS nuair rinn iad so, chuairtich iad tacar mor eisg, agus bha an lion a stracadh.
7
Agus smeid iad air an companaich, a bha san t-saghach eile, iad a thighinn agus an cuideachadh. Us thainig iad, agus lion iad; an dà shaghach, ionnus gur beag nach robh iad a dol fodha.
8
Nuair chunnaic Simon Peadar so, thuit e sios aig gluinean Iosa, a g-radh: Imich bhuam: oir is duine peacach mi, a Thighearna.
9
Oir bʼanabarrach an t-iongantas a ghabh e, agus iadsan a bha comhla ris, as an tacar eisg a ghlac iad:
10
Us mar an ciadna ghabh Seumas agus Eoin, mic Shebede, a bha ʼnan companaich aig Simon, iongantas. Us thuirt Iosa ri Simon: Na gabh eagal: á so suas glacaidh tu daoine.
11
ʼSa tarruinn an saghaichean gu tir, dhʼfhag iad a h-uile ni, us lean iad e.
12
Agus thachair, nuair bha e am baile araid, seall duine lan deʼn mhùir, ʼs e faicinn Iosa, thuit e air aghaidh, us ghuidh e air, a g-radh: Ma ʼs math leat, a Thighearna, is urrainn dhut mo ghlanadh.
13
ʼSa sineadh a laimh, bhean e dha, a g-radh: Is math leam: Bi glan. Agus dhealaich a mhùir ris san uair.
14
Us dhʼorduich e dha gun innseadh do neach sam bith, ach: Falbh, fiach thu fhein doʼn t-sagart, agus tairg air son do ghlanaidh air reir ʼs mar dhʼàithn Maois mar theisteanas dhaibh.
15
Ach ʼsann is mua sgaoil a chliu; agus thainig an t-anabarr sluaigh cruinn gus ʼeisdeachd, agus gu bhith air an leigheas bhoʼ n easlaintean.
16
Agus chaidh e lethtaobh doʼn fhasach, us rinn e urnaigh.
17
ʼS air latha araid thachair, gun robh e ʼna shuidhe a teagasg. Agus ʼnan suidhe an sin mar an ciadna bha Phairisich agus ollamhan an lagha, a thainig as gach baile de Ghalile, ʼs de Iudéa, agus á Ierusalem: us bha feartan an Tighearna ann gus an leigheas.
18
Agus, seall, ghiulain daoine air leabaidh fear, air an robh an tinneas-critheach, a sireadh a thoirt a stigh, ʼsa chur air a bhialaobh.
19
ʼS nuair nach robh iad a faighinn doigh air a thoirt a stigh thaobh domhladas an t-sluaigh, dhirich iad gu mullach an tighe, agus leig iad sios e tromh na criadh-leacan le ʼleabaidh sa mhiadhon air bialaobh Iosa.
20
Nuair chunnaic e an creideamh, thuirt e: A dhuine, tha do pheacannan mathte dhut.
21
Agus thòisich na Sgriobhaich ʼs na Phairisich ri smaoineachadh, a g-radh: Co e so, a tha labhairt blais-bheum? Co is urrainn peacannan a mhathadh ach Dia ʼna aonar?
22
Ach nuair thuig Iosa an smaointean, thuirt e riu, ʼs e freagairt: Ciod a tha sibh a smaoineachadh ʼnur cridheachan?
23
Co dhiu is fhasa radh: Tha do pheacannan mathte dhut; no radh: Eirich, agus coisich?
24
Ach los fios a bhith agaibh gum beil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (os esan ri fear na crithe): Tha mi g-radh riut, eirich, tog do leaba, us falbh gu do thigh.
25
Agus san uair a g-eirigh suas ʼnan lathair, thug e leis an leaba air an robh e ʼna laidhe; us shiubhail e gu thigh, a toirt gloir do Dhia.
26
Agus ghabh iad uile mor-ioghnadh, us thug iad gloir do Dhia. Agus lionadh iad le eagal, a g-radh: Chunnaic sinn nichean miarailteach an diugh.
27
Agus an deigh nan nichean so dhʼfhalbh e, us chunnaic e cismhaor, dhaʼm bʼainm Lebhi, ʼna shuidhe aig tigh na cise, us thuirt e ris: Lean mise.
28
ʼSa g-eirigh dhʼfhag e h-uile ni, us lean e e.
29
Agus rinn Lebhi cuilm mhor dha ʼna thigh; agus bha cuideachda lionor chismhaor ann, ʼs de mhuinntir eile aig bord comhla riu.
30
Ach rinn na Phairisich ʼs na Sgriobhaich aca monmhur, a g-radh ri dheisciopuil: Car-son tha sibh a g-ithe ʼsa g-ol comhla ri cismhaoir ʼs ri peacaich?
31
Agus thuirt Iosa riu, ʼs e freagairt: Cha n-eil feum aig an fheadh ainn a tha slan air leigh, ach aig an fheadhainn a tha tinn.
32
Cha tainig mi a ghairm nan ionraic ach nam peacach gu aithreachas.
33
Agus thuirt iad ris: Car-son tha deisciopuil Eoin a trasgadh gu tric, ʼsa dianamh urnaigh, agus deisciopuil nam Phairiseach mar an ciadna: ach tha dʼfheadhainn-sa a g-iche ʼsa g-ol?
34
Thuirt e riu: An urrainn duibh a thoirt air fleasgaich fear-na-bainnse traisg a dhianamh, fhad ʼsa bhios fear-na-bainnse comhla riu?
35
Ach thig na lài air an toirear fear-na-bainnse bhuapa: an sin ni iad traisg sna laithean sin.
36
Us labhair e cuideachd cosamhlachd riu: Chionn cha chuir gin sa bith breid á eideadh ùr air seann eideadh: air-neo riabaidh e an t-eideadh ùr, agus cha fhreagair am breid as an fhear ùr do ʼn t-seann fhear.
37
Agus cha chuir duine air bith fìon ùr ann an seann searragan: air-neo stracaidh am fion ùr na searragan, agus doirtear e fhein, us caillear na searragan:
38
Ach feumar fion ùr a chur ann an searragan ùra, agus tiarnar an dà chuid.
39
Agus cha mhath le duine air bith, a tha g-ol seann fhiona, fìon ùr grad as a dheigh: oir their e: Se ʼn seann fhion is fhearr.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24