bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Luke 3
Luke 3
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 4 →
1
A nis anns a choigeamh bliadhna diag de dhʼ iompaireachd Thiberiuis César, nuair bha Pontius Pilat ʼna uachdran air Iudéa, us Herod ʼna thetrarc air Galile, us Philip a bhrathair ʼna thetrarc air Iturea agus duthaich Thraconitis, us Lisanias ʼna thetrarc air Abilina,
2
Ri linn nan ard-shagart Annas agus Caiphas, thainig facal an Tighearna gu Eoin, mac Shachariais, anns an fhasach.
3
Agus thainig e do ʼn duthaich sin uile mun cuairt Iordain, a searmonachadh baisteadh a pheanais air son mathanas pheacannan,
4
Mar a tha e sgriobhte an leabhar briathran an fhaidh Isaias: Guth neach a g-eigheach san fhasach: Dianaibh deas slighe an Tighearna: dianaibh direach ʼaisridhean:
5
Lionar a h-uile gleann, agus islichear a h-uile beinn agus cnoc; us nithear na slighean cama direach, agus na rathaidean garbha comhnard;
6
Agus chi a h-uile feoil sabhaladh Dhe.
7
Uime sin thuirt e ris a mhor-shluagh a thainig a mach gu bhith air am baisteadh leis: A ghineil nan nathraichean, co dhʼfhiach dhuibhse teicheadh bhoʼn fheirg ri tighinn?
8
Thugaibh ma ta mach toradh freagrach do ʼn aithreachas, agus na teannaibh ri radh: Tha Abraham ʼna athair againn. Oir deiream ribh, gum beil Dia comasach air clann a thogail do dhʼ Abraham de na clachan so.
9
Oir tha ʼn tuagh cheana air a leagail ri bun nan craobh. A h-uile craobh ma ta nach toir a mach deagh mheas, gearrar sios agus tilgear san teine i.
10
Us dhʼfharraid an sluagh dheth, a g-radh: Ciod ma ta ni sinne?
11
Agus fhreagair esan, us thuirt e riu: Am fear aig a bheil dà chota, thugadh e do ʼn fhear aig nach eil cota idir; ʼs am fear aig a bheil biadh, dianadh e air an alt chiadna.
12
Agus thainig na cis-mhaoir fhein ga ionnsuidh gu bhith air am baisteadh, us thuirt iad ris: A mhaighistir, ciod a ni sinne?
13
Agus thuirt e riu: Na dianaibh ni fos cionn na tha air orduchadh dhuibh.
14
Agus dhʼfharraid na saighdearan dheth cuideachd, a g-radh: Agus ciod a ni sinne? Us thuirt e riu: Na dianaibh ainneart air aon sam bith, ʼs na dianaibh casaid bhreige; us bithibh toilichte le ʼr paidheadh.
15
Agus nuair a bha ʼn sluagh uile am barail, ʼsa smaoineachadh ʼnan cridheachan thaobh Eoin, gum bʼe an Criosta e, ma dhʼ fhaoidte;
16
Fhreagair Eoin, a cantuinn riu uile: Tha mise gu dearbh gu ʼr baisteadh le uisge: ach thig nas treasa na mi, dha nach airidh mise air barr-iall a bhrog fhuasgladh: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh ʼs le teine:
17
Aig a bheil a ghuit ʼna laimh, us glanaidh e ʼurlar-buailidh, us tionailidh e an cruithneachd gu shabhal, ach loisgidh e am moll le teine nach muchar.
18
ʼSa comhairleachadh ioma ni eile, shearmonaich e doʼn t-sluagh.
19
Ach Herod an tetrarc, nuair a chronaicheadh e leis air son Herodiais, bean a bhrathar, ʼs air son gach uilc a rinn Herod,
20
Rinn e so a bharrachd air gach ni eile, gun a chuir e Eoin am priosan.
21
Agus thachair, an deigh doʼn t-sluagh uile a bhith air am baisteadh, us Iosa cuideachd air a bhaisteadh, gun dʼ fhosgladh flathanas, ʼs e ri urnaigh;
22
Agus theirinn an Spiorad Naomh air, an riochd corporra mar chalaman; us thainig guth bho neamh: Is tu mo Mhac ionmhuinn, asadsa is mor mo thlachd.
23
ʼS bha Iosa faisg air deich bliadhna fichead a dhʼaois, ʼs bʼ e a reir barail dhaoine mac Ioseiph, a bha bho Heli, a bha bho Mhathat,
24
A bha bho Lebhi, a bha bho Mhelchi, a bha bho Ianne, a bha bho Ioseph,
25
A bha bho Mhathathias, a bha bho Amos, a bha bho Nahum, a bha bho Hesli, a bha bho Nage,
26
A bha bho Mhahath, a bha bho Mhathathias, a bha bho Sheinei, a bha bho Ioseph, a bha bho Iuda,
27
A bha bho Ioanna, a bha bho Resa, a bha bho Shorobabel, a bha bho Shalathiel, a bha bho Neri,
28
A bha bho Mhelchi, a bha bho Addi, a bha bho Chosan, a bha bho Helmadan, a bha bho Her,
29
A bha bho Iesus, a bha bho Elieser, a bha bho Iorim, a bha bho Mhathat, a bha bho Lebhi,
30
A bha bho Shimeon, a bha bho Iuda, a bha bho Ioseph, a bha bho Iona, a bha bho Eliacim,
31
A bha bho Mhelea, a bha bho Mhenna, a bha bho Mhathatha, a bha bho Nathan, a bha bho Dhài,
32
A bha bho Iesse, a bha bho Obed, a bha bho Bhoos, a bha bho Shalmon, a bha bho Naason,
33
A bha bho Aminadab, a bha bho Aram, a bha bho Esron, a bha bho Phares, a bha bho Iuda,
34
A bha bho Iacob, a bha bho Isaac, a bha bho Abraham, a bha bho Thare, a bha bho Nachor,
35
A bha bho Sharug, a bha bho Ragau, a bha bho Phaleg, a bha bho Heber, a bha bho Shale,
36
A bha bho Chainan, a bha bho Arphacsad, a bha bho Shem, a bha bho Noé, a bha bho Lamech,
37
A bha bho Mhathusale, a bha bho Henoch, a bha bho Iared, a bha bho Mhalaleel, a bha bho Chainan,
38
A bha bho Henos, a bha bho Sheth, a bha bho Adhamh, a bha bho Dhia.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24