bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Luke 15
Luke 15
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 16 →
1
A nis bha na cismhaoir ʼs na peacaich a tarruinn dluth air gus a chluinntinn.
2
Agus bha na Phairisich ʼs na Sgriobhaich ri monmhur, a g-radh: Tha an duine so a gabhail ri peacaich, agus a g-iche comhla riu.
3
Agus labhair e an dubhfhacal so riu, a g-radh:
4
Co an duine agaibhse aig a bheil ciad caora, ʼs ma chailleas e h-aon diu, nach fag an ceithir fichead us naoi-diag san fhasach, ʼs nach teid air tòir na té a chailleadh, gus am faigh e i?
5
ʼS nuair a gheobh e i, cuiridh e le aoibhneas air a ghuaillean i:
6
ʼSa tighinn dachaidh, gairmidh e a chairdean ʼsa choimhearsnaich, a cantuinn riu: Dianaibh aoibhneas maille rium, a chionn gun dʼ fhuair mi a chaora a chailleadh.
7
Tha mi g-radh ribh gum bi aoibhneas mar sin ann am flathanas air son aon pheacaich a ni peanas, nas mua na air son ceithir fichead us naoi-diag de dhaoine ionraic, aig nach eil feum air peanas.
8
No co am boirionnach aig a bheil deich buinn airgid, ma chailleas i aon bhonn, nach las coinneal, ʼs nach sguab an tigh, ʼs nach sir gu dichiollach, gus am faigh i e?
9
ʼS nuair a gheobh i e, gairmidh i a bana-chairdean, sa bana-choimhearsnaich, a g-radh: Dianaibh aoibhneas maille riumsa, a chionn gun dʼfhuair mi am bonn a chaill mi.
10
Air an alt chiadna tha mise g-radh ribhse, gum bi aoibhneas an lathair ainglean De air son aon pheacaich a ni peanas.
11
Us thuirt e: Aig duine araid bha dithis mhac;
12
Agus thuirt am fear a bʼoige dhiu ri athair: Athair, thoir dhomh an roinn a thig orm dhe do chuid. Agus roinn e orra a chuid.
13
Agus an ceann beagan laithean an deigh sin, thionail am mac a bʼoige a chuid uile, us shiubhail e do chein-thir, agus chaith e a mhaoin an sin le caithe-beatha straoidheil.
14
ʼS an deigh dha a chuid uile a chosg, dhʼeirich gorta mhor san tir sin, agus thòisich e ri bhith ann an uireasuidh.
15
Agus dhʼfhalbh e, agus rinn e fasdadh ri fear de mhuinntir na ducha sin. Agus chuir esan gu ghabhail e a bhiadhadh mhuc,
16
Agus bha deidh aige air a bhroinn a lionadh leis na plaosgan, a bha na mucan a g-ithe; ʼs cha tug gin sin dha.
17
ʼSa tilleadh h-uige fhein, thuirt e: Nach lionor an luchd-tuarasdail, a tha an tigh mʼ athar, aig a bheil pailteas arain, agus mise an so a basachadh leis an acras?
18
Eiridh mi, agus theid mi gu mʼathair, us their mi ris: Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlathanais agus ad lathair-sa:
19
ʼS cha n-airidh mi tuilleadh gun cante do mhac-sa rium: dian mi mar aon dhe dʼ luchd-tuarasdail.
20
ʼSa g-eirigh suas, thainig e gu ʼathair. ʼS nuair a bha e fhathast fad as, chunnaic athair e, ʼs ghabh e truas ris, ʼsa ruith ga ionnsuidh thuit e air a mhuineal, agus phog e e.
21
Us thuirt am mac ris: Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlathanais ʼs ad lathair-sa: cha n-airidh mi tuilleadh gun cante do mhac-sa rium.
22
Us thuirt an t-athair ri sheirbhisich: Grad-thugaibh a mach a chiad dheise, us cuiribh air i, us cuiribh fainne air a laimh, us brogan air a chasan:
23
Agus thugaibh an so an laogh biadhte, agus marbhaibh e, agus ichemid, agus biomaid cridheil:
24
A chionn ʼs gun robh mo mhac so marbh, agus thainig e beo rithist; bha e air chall, agus fhuaireadh e. Us thòisich iad air a bhith cridheil.
25
A nis bha mhac bu shine san achadh; ʼs nuair a thainig e, ʼsa tharruinn e teann air an tigh, chuala e an ceol ʼs an dannsadh:
26
Agus ghairm e fear de na seirbhisich, agus dhʼfharraid e dheth ciod bu chiall do na nichean so.
27
Us thuirt e ris: Thainig do bhrathair, agus mharbh tʼ athair an laogh biadhte, a chionn gun dʼfhuair e sabhailte e.
28
Us ghabh e fearg, agus cha rachadh e stigh. Chaidh athair uime sin a mach, agus theann e ri aslachadh air.
29
Agus esan a freagairt, thuirt e ri athair: Seall, tha mi air do riarachadh fhad so de bhliadhnaichean, ʼs cha do chuir mi riamh an aghaidh tʼ orduigh, ʼs cha tug thu riamh dhomh meann gu cridhealas a dhianamh maille ri mʼ chairdean:
30
Ach cho luath ʼsa thainig do mhac so, a chaith a chuid maille ri striopaichean, mharbh thu air a shon an laogh biadhte.
31
Ach thuirt e ris: A mhic, tha thusa daonnan maille rium, agus is leat gach ni thʼ agam.
32
Ach bha e iomchuidh gun dianamaid cuilm agus cridhealas: a chionn bha do bhrathair so marbh, us thainig e beo; bha e air chall, agus fhuaireadh e.
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 16 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
Recommended Reading
Commentary
Luke Commentaries
→
Devotional
Luke Devotional Guide
→
Get This Bible
MacEachen Study Bible
→