bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Luke 24
Luke 24
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
1
Agus ro-mhuch sa mhaduinn air a chiad latha de ʼn t-seachduin, thainig iad thun na h-uaighe, a toirt leo an spiosraidh a dheasaich iad.
2
Us fhuair iad a chlach air a carachadh bho ʼn uaigh.
3
ʼSa dol a stigh, cha dʼ fhuair iad corp an Tighearna Iosa.
4
Us thachair, nuair bha iadsan fo ioghnadh ʼnan inntinn mu so, seall, sheas dithis dhaoine lamh riu an eideadh dealrach.
5
ʼS nuair bha iad fo fhiamh, ʼsa cromadh an aghaidh gu làr, thuirt iad riu: Car-son tha sibh a sireadh a bheo am measg nam marbh?
6
Cha n-eil e ʼn so, ach dhʼ eirich e: cuimhnichibh ciamar a thuirt e ribh, nuair a bha e fhathast ann an Galile,
7
A g-radh: Feumaidh Mac an duine a bhith air a liubhairt do lamhan dhaoine peacach, agus air a cheusadh, agus eirigh a rithist air an treas latha.
8
Agus chuimhnich iad a bhriathran.
9
ʼS air tilleadh dhaibh bho ʼn uaigh, dhʼinnis iad so uile do na h-aon-diag, agus do chàch uile.
10
Agus bʼ iad Mairi Magdalen, us Ioanna, us Mairi Sheumais, agus na boirionnaich eile, a bha comhla riu, a dhʼinnis na nichean so do na h-ostail.
11
Ach mheasadh leosan mar bhreislich na briathran so; ʼs cha do chreid iad iad.
12
Ach Peadar a g-eirigh, ruith e thun na h-uaighe; ʼsa cromadh sios chunnaic e na h-anartan air leth leo fhein, agus dhʼ fhalbh e, a gabhail ioghnaidh ann fhein as na nichean a thachair.
13
Agus, fiach, bha dithis dhiu fhein a dol a cheart latha sin gu baile, dha ʼn ainm Emmaus, a bha tri fichead stàd bho Ierusalem.
14
ʼS bha iad a comhradh ri cheile mu na nichean so uile a bha air tachairt.
15
Agus thachair, nuair a bha iad a labhairt ʼsa reusonachadh ri cheile, gun do tharruinn Iosa fhein teann orra, ʼs gun do thriall e ʼnan cuideachda:
16
Ach bha an suilean air an cumail air sheol ʼs nach dʼ aithnich iad e.
17
Us thuirt e riu: Ciod an seanachas so a thʼ agaibh ri cheile, us sibh a triall agus dubhach?
18
Agus fear dhiu, dha ʼm bʼ ainm Cleophas, ʼs e freagairt, thuirt e ris: An tusa a mhain a tha na dʼ choigreach ann an Ierusalem, ʼs nach aithne na nichean, a rinneadh anns na laithean so?
19
Thuirt e riu: Ciod? Us thuirt iad: Mu Iosa bho Nasaret, a bha ʼna fhaidh, cumhachdach ann an gniomh ʼs am facal an lathair Dhe agus dhaoine uile;
20
ʼS mar a liubhair ar n-ard-shagairt, ʼs ar n-uachdrain e gus a dhiteadh gu bàs, ʼs mar a cheus iad e.
21
Ach bha sinne an earbsa gum bʼ e esan a bha gu Israel a shaoradh: agus a nis a thuilleadh air so uile, se an diugh an treas latha bho na rinneadh na nichean so.
22
Seadh, agus chuir boirionnaich araid dhe ʼn chuideachda againne, a bha aig an uaigh romh shoillse an latha, fuathas oirnn,
23
ʼS nuair nach dʼ fhuair iad a chorp, thainig iad a g-radh gum faca iad sealladh aingeal, a tha g-radh gum beil e beo.
24
Us chaidh cuid de ʼn fheadhainn againne thun na h-uaighe, agus fhuair iad mar a thuirt na boirionnaich; ach cha dʼfhuair iad esan.
25
ʼS an sin thuirt e riu: O amadana, us mall-chridheach gu creidsinn a h-uile ni a labhair na faidhean!
26
Nach fheumadh Criosta iad so fhulang, agus mar so dol a stigh dha ghloir?
27
ʼSa tòiseachadh aig Maois ʼs na faidhean uile, mhinich e dhaibh as na sgriobtuirean uile na bha mu dheidhinn fhein.
28
Agus tharruinn iad teann air a bhaile gus an robh iad a dol, us ghabh esan air a bhith dol na bʼ fhaide.
29
Ach cho-eignich iad e, a g-radh: Fan comhla ruinne, ʼs gum beil e teann air an fheasgar, agus deireadh an latha ann. Agus chaidh e stigh comhla riu.
30
Us thachair, nuair a bha e aig bord maille riu, gun do ghlac e aran, agus bheannaich e, agus bhrist e, agus shìn e dhaibhse.
31
Agus dhʼfhosgladh an suilean, us dhʼ aithnich iad e; agus chaidh esan as an sealladh.
32
Us thuirt iad ri cheile: Nach robh ar cridhe a lasadh unnainn, am feadh a bha e labhairt san t-slighe, ʼsa; fosgladh dhuinn nan sgriobtur?
33
ʼSa g-eirigh sa cheart uair, thill iad air an ais gu Ierusalem: agus fhuair iad cruinn na h-aon-diag, us iadsan a bha cuide riu,
34
A g-radh: Dhʼeirich an Tighearna gu cinnteach, agus chunnacas le Simon e.
35
Agus dhʼ aithris iadsan na rinneadh san t-slighe, ʼs mar a dhʼ aithnich iad e aig bristeadh an arain.
36
ʼS air dhaibh bhith labhairt nan nichean so, sheas Iosa ʼnam miadhon, us thuirt e riu: Sith dhuibh: Is mise thʼann, na gabhaibh eagal.
37
Ach shaoil iadsan, ʼs iad fo fhurban ʼs fo gheilt, gur spiorad a chunnaic iad.
38
Us thuirt e riu: Car-son tha sibh fo fhurban, agus car-son tha smaointean a g-eirigh ʼnur cridheachan?
39
Faicibh mo lamhan ʼs mo chasan, gur mi fhein a thʼ ann: laimhsichibh, agus fiachaibh: oir aig spiorad cha n-eil feoil us cnaimhean, mar a tha sibh a faicinn agamsa.
40
Agus an deigh dha so radh, dhʼ fhiach e dhaibh a lamhan ʼsa chasan.
41
Ach nuair nach robh iad fhathast a creidsinn, ʼsa bha iad fo ioghnadh le aighear, thuirt e: Am beil dad agaibh an so a dhʼ ithear?
42
Us thairg iad dha mir de dhʼ iasg roiste, agus cir mheala.
43
ʼS an deigh dha itheadh ʼnan lathair, a gabhail an fhuighlich thug e dhaibh e.
44
Us thuirt e riu: ʼSiad so na briathran a labhair mi ribh, ʼs mi fhathast ʼnur cuideachda, gum feumar gach ni a choimhlionadh, a tha sgriobhte mu mʼ dheidhinn an lagh Mhaois, agus anns na faidhean, agus anns na sailm.
45
An sin dhʼfhosgail e an tuigse, los gun tuigeadh iad na sgriobtuirean.
46
Us thuirt e riu: Mar so tha e sgriobhte, ʼs mar so dhʼ fheumadh Criosta fulang, agus eirigh a rithist bho na mairbh air an treas latha;
47
Agus peanas us mathanas pheacannan a bhith air an searmonachadh ʼna ainm, feadh a h-uile rioghachd, a tòiseachadh aig Ierusalem.
48
ʼS tha sibhse ʼnur fianuisean air na nichean so.
49
Agus cuiridh mi h-ugaibh gealladh mʼ Athar. Ach fuirichibhse sa bhaile, gus an comhdaichear sibh le neart bho neamh.
50
Agus thug e a mach iad cho fad ri Bethania; ʼsa togail suas a lamhan, bheannaich e iad.
51
Us thachair, ʼs e gam; beannachadh, gun a tharruinn e bhuapa, ʼs gun do thogadh suas do fhlathanas e.
52
Agus thug iad aoradh dha, us thill iad gu Ierusalem le mor aoibhneas.
53
Agus bha iad daonnan san teampull a moladh ʼsa beannachadh Dhe. Amen.
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24