bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Leviticus 10
Leviticus 10
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 11 →
1
Agus ghabh Nàdab agus Abihu, mic Aaroin, gach fear dhiubh a thùiseir, agus chuir iad teine ann, agus chuir iad tùis air, agus thug iad suas am fianais an Tighearna teine coimheach, nach d’àithn e dhaibh.
2
Agus chaidh teine a‑mach o làthair an Tighearna, agus loisg e suas iad, agus fhuair iad bàs an làthair an Tighearna.
3
An sin thubhairt Maois ri Aaron, Is e seo an nì a labhair an Tighearna, ag ràdh, Anntasan a thig am fagas dhomh naomhaichear mise, agus an làthair an t‑sluaigh uile glòraichear mi. Agus dh’fhan Aaron na thosd.
4
Agus ghairm Maois air Misael agus air Elsaphan, mic Udsieil, bràthair‐athar Aaroin, agus thubhairt e riu, Thigibh am fagas, giùlainibh ur bràithrean o fhianais an ionaid naoimh a‑mach as a’ champ.
5
Agus chaidh iad am fagas, agus ghiùlain iad nan còtaichean iad a‑mach as a’ champ, mar a thubhairt Maois.
6
Agus thubhairt Maois ri Aaron, agus ri Eleàsar, agus ri Itamar, a mhic, Na rùisgibh ur cinn, agus na reubaibh ur n‑aodach, air eagal gum faigh sibh bàs, agus air eagal gun tig fearg air an t‑sluagh uile; ach dèanadh ur bràithrean, taigh Israeil uile, tuireadh airson an losgaidh a las an Tighearna.
7
Agus cha tèid sibh a‑mach air doras pàillean a’ choitheanail, air eagal gum faigh sibh bàs: oir tha ola‑ungaidh an Tighearna oirbh. Agus rinn iad a rèir facal Mhaois.
8
Agus labhair an Tighearna ri Aaron, ag ràdh,
9
Na òl fìon no deoch làidir, thu fhèin, no do mhic maille riut, nuair a thèid sibh a‑steach do phàillean a’ choitheanail, air eagal gum faigh sibh bàs: bidh e na reachd bithbhuan air feadh ur ginealaichean;
10
Agus a‑chum gun cuir sibh eadar‐dhealachadh eadar naomh agus mì‑naomh, agus eadar neòghlan agus glan;
11
Agus a‑chum gun teagaisg sibh do chloinn Israeil na h‑òrdaighean uile a labhair an Tighearna riu le làimh Mhaois.
12
Agus labhair Maois ri Aaron, agus ri Eleàsar, agus ri Itamar, a mhic a dh’fhan beò, Gabhaibh an tabhartas‐bìdh a dh’fhàgadh de thabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine, agus ithibh e gun ghortachadh làimh ris an altair; oir tha e ro‑naomh.
13
Agus ithidh sibh e anns an ionad naomh, a chionn gur e do dhlighe e, agus dlighe do mhac, de thabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine: oir is ann mar sin a dh’àithneadh dhòmhsa.
14
Agus an t‑uchd luaisgte agus an slinnean togte ithidh sibh ann an ionad glan; thu fhèin, agus do mhic, agus do nigheanan maille riut: oir is iad do dhlighe iad, agus dlighe do mhac a thugadh dhaibh à ìobairtean tabhartasan‐sìthe chloinn Israeil.
15
An slinnean togte, agus an t‑uchd luaisgte, maille ris na tabhartasan air an toirt suas le teine den t‑saill, bheir iad leo gus a luasgadh mar thabhartas‐luaisgte an làthair an Tighearna; agus is leatsa e agus led mhic maille riut, le reachd bithbhuan, mar a dh’àithn an Tighearna.
16
Agus dh’iarr Maois gu dìcheallach meann na h‑ìobairt‐pheacaidh, agus, feuch, loisgeadh e: agus bha fearg aige ri Eleàsar agus ri Itamar, mic Aaroin, a dh’fhàgadh beò, ag ràdh,
17
Carson nach d’ith sibh an ìobairt‐pheacaidh anns an ionad naomh, do bhrìgh gu bheil i ro‑naomh, agus thug Dia dhuibh i a ghiùlan aingidheachd a’ choitheanail, a dhèanamh rèite air an son am fianais an Tighearna?
18
Feuch, cha tugadh a fuil a‑steach an taobh a‑staigh den ionad naomh: bu chòir dhuibh gu deimhinn a h‑ithe anns an ionad naomh, mar a dh’àithn mise.
19
Agus thubhairt Aaron ri Maois, Feuch, an‑diugh thug iad suas an ìobairt‐pheacaidh, agus an ìobairt‐loisgte, an làthair an Tighearna; agus thachair an leithidean sin de nithean dhòmhsa; agus nam bithinn air ithe na h‑ìobairt‐pheacaidh an‑diugh, an gabhte rithe an làthair an Tighearna?
20
Agus nuair a chuala Maois sin, bha e toilichte.
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27