bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Leviticus 25
Leviticus 25
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 24
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 26 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois ann an sliabh Shinài, ag ràdh,
2
Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thig sibh a‑chum na tìre a bheir mise dhuibh, an sin gleidhidh an tìr sàbaid don Tighearna.
3
Sia bliadhna cuiridh tu d’fhearann, agus sia bliadhna bearraidh tu d’fhìonlios, agus cruinnichidh tu a‑steach a thoradh.
4
Ach anns an t‑seachdamh bliadhna bidh sàbaid foise don tìr, sàbaid don Tighearna; d’fhearann cha chuir thu, agus d’fhìonlios cha bheàrr thu.
5
An nì sin a dh’fhàsas dheth fhèin ded fhoghar, cha bhuain thu, agus fìondhearcan d’fhìonain neo‐dheasaichte cha chruinnich thu: na bliadhna foise bidh i don tìr.
6
Agus bidh sàbaid na tìre na biadh dhuibh: dhut fhèin, agus dod òglach, agus dod bhanoglaich, agus dod fhear‐tuarasdail, agus dod choigreach a tha air chuairt maille riut;
7
Agus dod sprèidh agus don fhiadh‐bheathach a tha ann ad fhearann; bidh a cinneas uile a‑chum bìdh.
8
Agus àirmhidh tu dhut fhèin seachd sàbaidean de bhliadhnachan, seachd uairean seachd bliadhna; agus bidh ùine nan seachd sàbaidean de bhliadhnachan dhut na naoi bliadhna is dà‑fhichead.
9
An sin bheir thu fa‑near trompaid na h‑Iubile a shèideadh anns an t‑seachdamh mìos, air an deicheamh là den mhìos: ann an là na rèite bheir sibh fa‑near an trompaid a shèideadh air feadh ur tìre uile.
10
Agus naomhaichidh sibh an deicheamh bliadhna is dà‑fhichead, agus gairmidh sibh saorsa air feadh na dùthcha, da luchd‐àiteachaidh uile: bidh i na h‑Iubile dhuibh, agus tillidh sibh gach duine a‑chum a sheilbhe fhèin, agus tillidh gach duine agaibh gu a theaghlach fhèin.
11
Bidh an deicheamh bliadhna sin agus dà‑fhichead na h‑Iubile dhuibh; cha chuir sibh sìol, cha mhò a bhuaineas sibh an nì a dh’fhàsas dheth fhèin innte, cha mhò a thionaileas sibh dearcan fìona innte ded fhìonain neo‐dheasaichte:
12
Oir is Iubile i, bidh i naomh dhuibh; ithidh sibh a cinneas as an fhearann.
13
Ann am bliadhna na h‑Iubile seo tillidh gach duine agaibh a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin.
14
Agus ma reiceas tu a’ bheag rid choimhearsnach, no ma cheannaicheas tu a’ bheag o làimh do choimhearsnaich, cha dèan sibh eucoir air a chèile.
15
A rèir àireamh nam bliadhnachan an dèidh na h‑Iubile ceannaichidh tu od choimhearsnach, agus a rèir àireamh bhliadhnachan nan toraidhean reicidh e riut.
16
A rèir lìonmhorachd nam bliadhnachan meudaichidh tu a luach, agus a rèir teircead nam bliadhnachan lùghdaichidh tu a luach: oir a rèir àireamh bliadhnachan nan toraidhean tha e a’ reic riut.
17
Agus cha dèan sibh eucoir air a chèile: ach bidh eagal do Dhè ort; oir is mise an Tighearna ur Dia.
18
Uime sin nì sibh mo reachdan, agus gleidhidh sibh mo bhreitheanais, agus nì sibh iad; agus gabhaidh sibh còmhnaidh anns an tìr ann an tèarainteachd.
19
Agus bheir am fearann a‑mach a thoradh, agus ithidh sibh ur sàth, agus gabhaidh sibh còmhnaidh ann gu tèarainte.
20
Agus ma their sibh, Ciod a dh’itheas sinn air an t‑seachdamh bliadhna? Feuch, cha chuir sinn sìol, cha mhò a chruinnicheas sinn ar toradh;
21
An sin àithnidh mise mo bheannachadh oirbh anns an t‑siathamh bliadhna, agus bheir i a‑mach toradh airson trì bliadhna.
22
Agus cuiridh sibh air an ochdamh bliadhna, agus ithidh sibh fhathast den t‑seann toradh gus an naoidheamh bliadhna; gus an tig a toradh a‑steach, ithidh sibh den t‑seann toradh.
23
Cha reicear am fearann gu bràth; oir is leamsa am fearann: oir is coigrich agus luchd‐cuairt sibhse maille rium.
24
Agus ann am fearann ur seilbhe uile, bheir sibh saorsa don fhearann.
25
Ma dh’fhàs do bhràthair bochd, agus gun do reic e cuid de a sheilbh, agus ma thig aon air bith de a dhìlsean ga fhuasgladh, an sin fuasglaidh e an nì a reic a bhràthair.
26
Agus mura eil aig an duine neach ga fhuasgladh, agus gur urrainn e fhèin a fhuasgladh;
27
An sin àirmheadh e bliadhnachan a reicidh, agus thugadh e air ais an nì a tha thairis don duine ris an do reic e e, a‑chum is gun till e a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin.
28
Agus mura urrainn e sin a thoirt air ais dha, an sin fanaidh an nì sin a reiceadh ann an làimh an neach a cheannaich e, gu bliadhna na h‑Iubile: agus anns an Iubile thèid e a‑mach, agus tillidh e a‑chum a sheilbhe.
29
Agus ma reiceas duine taigh‐còmhnaidh ann am baile cuartaichte le balla, an sin faodaidh e a fhuasgladh an taobh a‑staigh de bhliadhna iomlain an dèidh a reiceadh: an taobh a‑staigh de bhliadhna iomlain faodaidh e a fhuasgladh.
30
Agus mura fuasglar e gus an coileanar bliadhna iomlan, an sin daingnichear an taigh, a tha an taobh a‑staigh den bhaile cuartaichte le balla, gu bràth dhàsan a cheannaich e, air feadh a ghinealaichean: cha tèid e a‑mach anns an Iubile.
31
Ach measar taighean nam bailtean nach eil cuartaichte le balla mar fhearann na tìre: faodar am fuasgladh, agus thèid iad a‑mach anns an Iubile.
32
Gidheadh, bailtean nan Lèbhitheach, agus taighean bailtean an seilbhe, faodaidh na Lèbhithich am fuasgladh uair sam bith.
33
Agus ma cheannaicheas duine o na Lèbhithich, an sin thèid an taigh a reiceadh, agus baile a sheilbhe, a‑mach anns an Iubile; oir is iad taighean bailtean nan Lèbhitheach an sealbh am measg chloinn Israeil.
34
Ach chan fhaodar am fearann a tha an taobh a‑muigh dem bailtean a reic, oir is e sin an sealbh mhaireannach.
35
Agus ma dh’fhàsas do bhràthair bochd, agus gun tèid e a dhèidh‐làimh agad, an sin fuasglaidh tu air: seadh, ged as coigreach no fear‐cuairt e: agus bidh e beò maille riut.
36
Na gabh riadh uaithe, no tuilleadh is a thug thu dha: ach biodh eagal do Dhè ort, a‑chum is gum faod do bhràthair a bhith beò maille riut.
37
D’airgead cha toir thu dha air riadh, agus airson buannachd cha toir thu dha do bhiadh.
38
Is mise an Tighearna ur Dia, a thug a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit, a thoirt dhuibh tìr Chanàain, agus a bhith am Dhia agaibh.
39
Agus ma dh’fhàs do bhràthair a tha làimh riut bochd, agus gun do reiceadh riut e, cha toir thu air seirbhis a dhèanamh mar thràill:
40
Mar sheirbhiseach tuarasdail, agus mar fhear‐cuairte, bidh e maille riut; gu bliadhna na h‑Iubile nì e seirbhis dhut.
41
Agus an sin imichidh e uat, e fhèin agus a chlann maille ris, agus tillidh e a‑chum a theaghlaich fhèin, agus a‑chum sealbh a athraichean tillidh e:
42
Oir is iad mo sheirbhisich‐sa, a thug mi a‑mach à tìr na h‑Eiphit: cha reicear iad mar thràillean.
43
Cha ghnàthaich thu uachdaranachd os a chionn le an‑iochd, ach bidh eagal do Dhè ort.
44
Agus bidh do thràillean, agus do bhan‐tràillean, a bhios agad, de na cinnich a tha mur timcheall; uapasan ceannaichidh sibh tràillean agus ban‐tràillean.
45
Agus a thuilleadh air seo, o chloinn nan coigreach a tha air chuairt nur measg, uapasan ceannaichidh sibh, agus on teaghlaichean a tha maille ribh, a ghin iad nur fearann: agus bidh iad nan seilbh dhuibh.
46
Agus gabhaidh sibh iad mar oighreachd dur cloinn nur dèidh, a‑chum an sealbhachadh mar oighreachd; bidh iad dhuibh nan tràillean a‑chaoidh: ach os cionn ur bràithrean, clann Israeil, eadhon os cionn a chèile, cha ghnàthaich sibh uachdaranachd le an‑iochd.
47
Agus ma dh’fhàsas fear‐cuairte no coigreach saoibhir làimh riut, agus ma dh’fhàsas do bhràthair làimh ris bochd, agus gun reic e e fhèin ris a’ choigreach, ris an fhear‐chuairte a tha maille riut, no ri gineal teaghlach a’ choigrich:
48
An dèidh a reic, faodar a fhuasgladh a‑rìs: faodaidh aon de a bhràithrean a fhuasgladh;
49
Faodaidh aon chuid bràthair a athar, no mac bhràthair a athar a fhuasgladh, no faodaidh aon neach a tha dlùth an dàimh dha de a theaghlach fhèin a fhuasgladh; no mas urrainn e, faodaidh e e fhèin fhuasgladh.
50
Agus nì e cunntas ris‐san a cheannaich e on bhliadhna anns an do reiceadh ris e, gu bliadhna na h‑Iubile: agus bidh luach a reicidh a rèir àireamh nam bliadhnachan; a rèir aimsir seirbhisich‐tuarasdail bidh e dha.
51
Ma bhios fhathast mòran bhliadhnachan ri teachd, dan rèir sin bheir e a‑rìs luach a fhuasglaidh, as an airgead airson an do cheannaicheadh e.
52
Agus mura eil ri teachd ach beagan bhliadhnachan gu bliadhna na h‑Iubile, an sin nì e cunntas ris, agus a rèir a bhliadhnachan bheir e dha a‑rìs luach a fhuasglaidh.
53
Mar sheirbhiseach a tha air thuarasdal o bhliadhna gu bliadhna bidh e maille ris: cha ghnàthaichear uachdaranachd os a chionn le an‑iochd ann ad shealladh‐sa.
54
Agus mura fuasglar e anns na bliadhnachan sin, an sin thèid e a‑mach ann am bliadhna na h‑Iubile, e fhèin agus a chlann maille ris.
55
Oir dhòmhsa tha clann Israeil nan seirbhisich; is iadsan mo sheirbhisich‐sa a thug mi a‑mach à tìr na h‑Eiphit: Is mise an Tighearna ur Dia.
← Chapter 24
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 26 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27