bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Leviticus 21
Leviticus 21
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 22 →
1
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Labhair ris na sagartan, mic Aaroin, agus abair riu, Airson nam marbh cha salaichear neach sam bith dhibh am measg a shluaigh.
2
Ach airson a dhìlsean, a tha am fagas dha, eadhon airson a mhàthar, agus airson a athar, agus airson a mhic, agus airson a nighinn, agus airson a bhràthar,
3
Agus airson a pheathar a tha na h‑òigh, a tha am fagas dha, aig nach robh fear‐pòsda; air a son‐se faodaidh e a bhith air a shalachadh.
4
Ach cha salaich e e fhèin, air bhith dha na dhuine urramach am measg a shluaigh, ga thruailleadh fhèin.
5
Cha dèan iad maoile air an ceann, agus cha bheàrr iad oisean am feusaig, cha mhò a nì iad gearradh nam feòil;
6
Bidh iad naomh dan Dia, agus cha truaill iad ainm an Dè: oir tha iad a’ toirt seachad tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine, agus aran an Dè; uime sin bidh iad naomh.
7
Cha ghabh iad bean a tha na strìopaich, no mì‑naomh; cha mhò a ghabhas iad bean a chuireadh air falbh o a fear: oir tha e naomh da Dhia.
8
Uime sin naomhaichidh tu e, oir tha e a’ toirt seachad aran do Dhè; bidh e naomh dhut: oir tha mise an Tighearna naomh, a tha gur naomhachadh.
9
Agus ma thruailleas nighean sagairt air bith i fhèin le strìopachas a dhèanamh, tha i a’ truailleadh a h‑athar: loisgear le teine i.
10
Agus esan a tha na àrd‐shagart o mheasg a bhràithrean, neach a dhòirteadh an ola naomh air a cheann, agus a choisrigeadh a chur an èididh uime, cha rùisg e a cheann, cha mhò a reubas e a aodach,
11
Cha mhò a thèid e a‑steach a dh’ionnsaigh cuirp mhairbh sam bith: airson a athar no airson a mhàthar cha salaich e e fhèin.
12
Agus as an ionad naomh cha tèid e a‑mach, cha mhò a thruailleas e ionad naomh a Dhè; oir tha crùn ola‑ungaidh a Dhè air: Is mise an Tighearna.
13
Agus gabhaidh e bean na maighdeanas.
14
Bantrach no bean a chuireadh air falbh o a fear, no bean mhì‐naomh, no strìopach, iad sin cha ghabh e: ach òigh de a shluagh fhèin gabhaidh e na mnaoi.
15
Agus cha truaill e a shliochd am measg a shluaigh: oir tha mise an Tighearna ga naomhachadh.
16
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
17
Labhair ri Aaron, ag ràdh, Ge bè air bith e ded shliochd nan ginealaichean, anns am bi gaoid sam bith, na tigeadh e am fagas a thoirt seachad aran a Dhè:
18
Oir ge bè air bith duine anns am bi gaoid, cha tig e am fagas: duine dall, no bacach no aig a bheil sròn leacach, no nì sam bith a thuilleadh air a’ chòir,
19
No duine aig am bi cas bhriste no làmh bhriste,
20
No crotach, no na throich, no aig a bheil leus air a shùil, no air a bheil càrr, no cloimh, no aig a bheil a chlachan brùite:
21
Cha tig duine sam bith de shliochd Aaroin an sagart, anns a bheil gaoid, am fagas a thoirt seachad tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine: tha gaoid ann, cha tig e am fagas a thoirt seachad aran a Dhè.
22
Ithidh e aran a Dhè, araon den aran ro‑naomh, agus naomh.
23
Ach an taobh a‑staigh den roinn‐bhrat cha tèid e, cha mhò a thig e am fagas don altair, a chionn gu bheil gaoid ann; a‑chum nach truaill e m’ionadan naomha: oir tha mise an Tighearna gan naomhachadh.
24
Agus dh’innis Maois seo do Aaron, agus da mhic, agus do chloinn Israeil uile.
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 22 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27