bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Leviticus 5
Leviticus 5
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 6 →
1
Agus ma pheacaicheas anam, agus gun cluinn e guth mionnachaidh, agus gur fianais e, a chunnaic, no as fiosrach air a’ chùis, mura cuir e an cèill i, an sin giùlainidh e a chionta:
2
No ma bheanas anam ri nì sam bith neòghlan, mas cairbh fiadh‐bheathaich neòghlain e, no cairbh sprèidhe neòghlain, no cairbh nì neòghlain a shnàigeas, agus e an‑fhiosrach air; nuair as fios dha e, an sin bidh e ciontach:
3
No ma bheanas e ri neòghlaine duine, ge bè air bith an neòghlaine leis an salaichear duine, agus gu bheil e an‑fhiosrach air; nuair as fios dha e, an sin bidh e ciontach:
4
No ma mhionnaicheas anam, ag ràdh le a bhilean gun dèan e olc, no gun dèan e math, ge bè air bith e a labhras duine le mionnan, agus gu bheil e an‑fhiosrach air; nuair as fios dha e, an sin bidh e ciontach ann an aon dhiubh sin.
5
Agus tachraidh, nuair a bhios e ciontach de aon de na nithean sin, gun aidich e gun do pheacaich e anns an nì sin.
6
Agus bheir e leis a ìobairt‐easaontais a dh’ionnsaigh an Tighearna airson a pheacaidh a pheacaich e, beathach boireann on treud, uan, no meann o na gobhair, mar ìobairt‐pheacaidh: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh.
7
Agus mura urrainn e uan a thoirt leis, an sin bheir e leis airson a choire a rinn e, dà thurtar, no dà chalaman òg, a dh’ionnsaigh an Tighearna; fear a‑chum ìobairt‐pheacaidh, agus am fear eile a‑chum ìobairt‐loisgte.
8
Agus bheir e iad a dh’ionnsaigh an t‑sagairt, agus bheir esan seachad am fear a tha a‑chum na h‑ìobairt‐pheacaidh air tùs, agus snìomhaidh e a cheann o a amhaich, ach cha sgar e o chèile iad.
9
Agus crathaidh e cuid de fhuil na h‑ìobairt‐pheacaidh air taobh na h‑altarach, agus fàisgear a’ chuid eile den fhuil a‑mach aig bun na h‑altarach: is ìobairt‐pheacaidh i.
10
Agus bheir e seachad an dara eun mar ìobairt‐loisgte, a rèir a’ ghnàtha: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh a pheacaich e, agus maithear dha e.
11
Ach mura urrainn e dà thurtar, no dà chalaman òg a thoirt leis, an sin bheir esan a pheacaich leis, mar a thabhartas, an deicheamh cuid de ephah de fhlùr min, mar thabhartas‐peacaidh: cha chuir e ola air, cha mhò a chuireas e tùis air, oir is tabhartas‐peacaidh e.
12
An sin bheir e a‑chum an t‑sagairt e, agus gabhaidh an sagart làn a dhùirn dheth, eadhon cuimhneachan dheth, agus loisgidh e air an altair e, a rèir nan tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: is tabhartas‐peacaidh e.
13
Agus nì an sagart rèite air a shon, a‑thaobh a pheacaidh a pheacaich e ann an aon dhiubh sin, agus maithear dha e: agus bidh am fuidheall leis an t‑sagart, mar thabhartas‐bìdh.
14
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
15
Ma nì anam coire, agus gum peacaich e trìd aineolais ann an nithean naomha an Tighearna, an sin bheir e airson a choire, a dh’ionnsaigh an Tighearna, reithe gun ghaoid o na treudan, a rèir do mheas an secelean airgid, a rèir secel an ionaid naoimh, a‑chum ìobairt‐easaontais.
16
Agus airson an lochd a rinn e anns an nì naomh nì e co‑leasachadh, agus cuiridh e ris an còigeamh cuid, agus bheir e don t‑sagart e: agus nì an sagart rèite air a shon le reithe na h‑ìobairt‐easaontais, agus maithear dha e.
17
Agus ma pheacaicheas anam, agus gun dèan e aon de na nithean sin a thoirmisgeadh le àitheantan an Tighearna a bhith air an dèanamh; ged nach b’fhios dha e, gidheadh tha e ciontach, agus giùlainidh e a aingidheachd.
18
Agus bheir e leis reithe gun ghaoid on treud, a rèir do mheas, a‑chum ìobairt‐easaontais, a dh’ionnsaigh an t‑sagairt; agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a aineolais, leis an deachaidh e air seachran agus gun fhios aige air; agus maithear dha e.
19
Is ìobairt‐easaontais a tha ann; chiontaich e gu deimhinn an aghaidh an Tighearna.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27