bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Leviticus 16
Leviticus 16
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 17 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois an dèidh bàs dithis mhac Aaroin, nuair a thug iad seachad tabhartas an làthair an Tighearna, agus a bhàsaich iad:
2
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Labhair ri Aaron do bhràthair, a‑chum nach tèid e anns gach àm a‑steach don ionad naomh an taobh a‑staigh den roinn‐bhrat, an làthair na cathair‐thròcair, a tha air an àirc, a‑chum nach bàsaich e: oir foillsichidh mise mi fhèin ann an neul air a’ chathair‐thròcair.
3
Mar seo thèid Aaron a‑steach don ionad naomh: le tarbh òg a‑chum ìobairt‐pheacaidh, agus reithe a‑chum ìobairt‐loisgte.
4
An còta anairt naomh cuiridh e air, agus bidh na briogaisean anairt aige air a fheòil, agus leis a’ chrios anairt crioslaichidh e e fhèin, agus cuiridh e an crùn‐anairt air: is èideadh naomh iad sin: air an adhbhar sin ionnlaididh e a fheòil ann an uisge, agus cuiridh e air iad.
5
Agus o choitheanal chloinn Israeil gabhaidh e dà bhoc o na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh, agus aon reithe a‑chum ìobairt‐loisgte.
6
Agus bheir Aaron seachad tarbh na h‑ìobairt‐pheacaidh a bhios air a shon fhèin: agus nì e rèite air a shon fhèin, agus airson a thaighe.
7
Agus gabhaidh e an dà bhoc‐goibhre, agus nochdaidh e iad an làthair an Tighearna, aig doras pàillean a’ choitheanail.
8
Agus tilgidh Aaron croinn air an dà bhoc; aon chrann airson an Tighearna, agus crann eile airson a’ bhuic a thèid as.
9
Agus bheir Aaron leis am boc air an do thuit an crann airson an Tighearna, agus ìobraidh e e mar ìobairt‐pheacaidh.
10
Ach am boc air an do thuit an crann gun leigte as e, nochdar beò e an làthair an Tighearna, gu rèite a dhèanamh leis, a‑chum a leigeadh as saor don fhàsach.
11
Agus bheir Aaron leis tarbh na h‑ìobairt‐pheacaidh, a bhios air a shon fhèin, agus nì e rèite air a shon fhèin, agus airson a thaighe: agus marbhaidh e tarbh na h‑ìobairt‐pheacaidh, a bhios air a shon fhèin.
12
Agus gabhaidh e tùiseir làn de èibhlean teine on altair an làthair an Tighearna, agus làn a ghlac de thùis dheagh‐bholaidh pronnte gu mìn, agus bheir e an taobh a‑staigh den roinn‐bhrat e.
13
Agus cuiridh e an tùis air an teine an làthair an Tighearna, a‑chum gun còmhdaich neul na tùise a’ chathair‐thròcair, a tha air an Fhianais, agus nach faigh e bàs.
14
Agus gabhaidh e de fhuil an tairbh, agus crathaidh e i le a mheur air a’ chathair‐thròcair a‑chum na h‑àird an ear: agus fa chomhair na cathair‐thròcair crathaidh e den fhuil seachd uairean le a mheur.
15
An sin marbhaidh e boc‐goibhre na h‑ìobairt‐pheacaidh a bhios airson an t‑sluaigh, agus bheir e a fhuil an taobh a‑staigh den roinn‐bhrat, agus nì e ra fhuil‐san mar a rinn e ri fuil an tairbh, agus crathaidh e i air a’ chathair‐thròcair, agus fa chomhair na cathair‐thròcair.
16
Agus nì e rèite airson an ionaid naoimh a‑thaobh neòghlaine chloinn Israeil, agus a‑thaobh an seachranan nam peacaidhean gu lèir: agus mar seo nì e airson pàillean a’ choitheanail a tha a chòmhnaidh maille riu, ann am meadhon an neòghlaine.
17
Agus duine sam bith cha bhi ann am pàillean a’ choitheanail, nuair a thèid e a dhèanamh rèite anns an ionad naomh, gus an tig e a‑mach, agus gu bheil e air dèanamh rèite air a shon fhèin, agus airson a thaighe, agus airson uile choitheanal Israeil.
18
Agus thèid e a‑mach a dh’ionnsaigh na h‑altarach a tha am fianais an Tighearna, agus nì e rèite air a son; agus gabhaidh e de fhuil an tairbh, agus de fhuil a’ bhuic agus cuiridh e i air adhaircean na h‑altarach mun cuairt.
19
Agus crathaidh e oirre den fhuil le a mheur seachd uairean, agus glanaidh e i, agus naomhaichidh e i o neòghlaine chloinn Israeil.
20
Agus nuair a bhios e air dèanamh rèite airson an ionaid naoimh, agus airson pàillean a’ choitheanail, agus airson na h‑altarach, bheir e leis am boc‐goibhre beò:
21
Agus cuiridh Aaron a dhà làimh air ceann a’ bhuic bheò, agus aidichidh e os a chionn uile lochdan chloinn Israeil, agus an uile sheachranan nam peacaidhean gu lèir, agus cuiridh e iad air ceann a’ bhuic, agus cuiridh e air falbh e le làimh duine iomchaidh don fhàsach.
22
Agus giùlainidh am boc‐goibhre air fhèin an lochdan gu lèir gu fearann air leth: agus leigidh e air falbh am boc anns an fhàsach.
23
Agus thèid Aaron a‑steach do phàillean a’ choitheanail, agus cuiridh e dheth an t‑èideadh anairt, a chuir e air nuair a chaidh e a‑steach don ionad naomh, agus fàgaidh e an sin e.
24
Agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge anns an ionad naomh, agus cuiridh e air a èideadh, agus thig e a‑mach, agus ìobraidh e a ìobairt‐loisgte fhèin, agus ìobairt‐loisgte an t‑sluaigh; agus nì e rèite air a shon fhèin, agus airson an t‑sluaigh.
25
Agus saill na h‑ìobairt‐pheacaidh loisgidh e air an altair.
26
Agus esan a leig as am boc‐goibhre mar bhoc saor, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge; agus na dhèidh sin thèid e don champ.
27
Agus an tarbh airson na h‑ìobairt‐pheacaidh, agus am boc‐goibhre airson na h‑ìobairt‐pheacaidh, den tugadh am fuil a‑steach a‑chum rèite a dhèanamh anns an ionad naomh, bheirear a‑mach iad an taobh a‑muigh den champ; agus loisgidh iad anns an teine an craiceann, agus am feòil, agus an aolach.
28
Agus esan a loisgeas iad, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge, agus na dhèidh sin thèid e don champ.
29
Agus bidh seo dhuibh na òrdagh gu sìorraidh: Anns an t‑seachdamh mìos, air an deicheamh là den mhìos, irioslaichidh sibh ur n‑anaman, agus obair sam bith cha dèan sibh, aon chuid esan a tha de mhuinntir ur dùthcha fhèin, no an coigreach a tha air chuairt nur measg;
30
Oir air an là sin nì an sagart rèite air ur son, a‑chum ur glanaidh: o ur peacaidhean gu lèir an làthair an Tighearna glanar sibh.
31
Bidh e na shàbaid tàimh dhuibh, agus irioslaichidh sibh ur n‑anaman, le òrdagh sìorraidh.
32
Agus nì an sagart a dh’ungas e, agus a choisrigeas e gu frithealadh ann an àit a athar, an rèite: agus cuiridh e air an t‑èideadh anairt, eadhon an trusgan naomh.
33
Agus nì e rèite airson an ionaid ro‑naoimh, agus airson pàillean a’ choitheanail, agus airson na h‑altarach nì e rèite; mar an ceudna airson nan sagart, agus airson uile shluagh a’ choitheanail nì e rèite.
34
Agus bidh seo dhuibh na òrdagh sìorraidh, a‑chum rèite a dhèanamh airson chloinn Israeil, as leth am peacaidhean gu lèir aon uair anns a’ bhliadhna. Agus rinn e mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 17 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27