bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Leviticus 20
Leviticus 20
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 21 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois ag ràdh,
2
A‑rìs, their thu ri cloinn Israeil, Ge bè air bith e de cloinn Israeil, no de na coigrich a tha air chuairt ann an Israeil, a bheir a’ bheag de a shliochd do Mholech, cuirear gu cinnteach gu bàs e, clachaidh sluagh na dùthcha e le clachan.
3
Agus cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an duine sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh; a chionn gun tug e de a shliochd do Mholech, a shalachadh m’ionaid naoimh‐sa, agus a thruailleadh m’ainm naoimh.
4
Agus ma dh’fhalaicheas sluagh na dùthcha air chor sam bith an sùilean on duine sin, nuair a bheir e de a shliochd do Mholech, agus nach marbh iad e;
5
An sin cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an duine sin, agus an aghaidh a theaghlaich, agus gearraidh mi as e, agus iadsan uile a thèid le strìopachas na dhèidh, a dhèanamh strìopachais le Molech, o mheasg an sluaigh.
6
Agus an t‑anam a thèid a thaobh a dh’ionnsaigh muinntir aig a bheil leannain‐shìdh, agus a dh’ionnsaigh luchd‐fiosachd, gu dol le strìopachas nan dèidh, cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.
7
Naomhaichibh sibh fhèin uime sin, agus bithibh naomh: oir is mise an Tighearna ur Dia.
8
Agus gleidhidh sibh mo reachdan, agus nì sibh iad: Is mise an Tighearna, a naomhaicheas sibh.
9
Oir gach neach a mhallaicheas a athair no a mhàthair, cuirear gu cinnteach gu bàs e: mhallaich e athair no a mhàthair; bidh a fhuil air fhèin.
10
Agus an duine a nì adhaltranas ri mnaoi fir eile, eadhon esan a nì adhaltranas ri mnaoi a choimhearsnaich, cuirear an t‑adhaltranach agus a’ bhan‐adhaltranach gu cinnteach gu bàs.
11
Agus an duine a laigheas le mnaoi a athar, leig e ris nochd a athar: cuirear gu cinnteach le chèile gu bàs iad; bidh am fuil orra fhèin.
12
Agus ma laigheas duine le mnaoi a mhic, cuirear gu deimhinn le chèile gu bàs iad: dh’obraich iad amhluadh: bidh am fuil orra fhèin.
13
Mar an ceudna ma laigheas duine le fear, mar a laigheas e le mnaoi, rinn iad le chèile gràinealachd: cuirear gu cinnteach gu bàs iad; bidh am fuil orra fhèin.
14
Agus ma ghabhas duine da ionnsaigh bean agus a màthair, is aingidheachd e: loisgear le teine iad, eadhon esan agus iadsan, a‑chum is nach bi aingidheachd nur measg.
15
Agus ma laigheas duine le ainmhidh, cuirear gu cinnteach gu bàs e: agus marbhaidh sibh an t‑ainmhidh.
16
Agus ma thig bean am fagas do ainmhidh sam bith, agus gun laigh i sìos dha, marbhaidh tu a’ bhean agus an t‑ainmhidh: cuirear gu cinnteach gu bàs iad; bidh am fuil orra fhèin.
17
Agus ma ghabhas duine a phiuthar, nighean a athar, no nighean a mhàthar, agus gum faic e a nochd, agus gum faic ise a nochd‐san, is nì maslach e; agus gearrar as iad ann an sealladh an sluaigh: leig e ris nochd a pheathar, giùlainidh e a aingidheachd.
18
Agus ma laigheas duine le mnaoi agus a tinneas oirre, agus gun leig e ris a nochd, leig e ris a tobar, agus leig ise ris tobar a fala; agus gearrar as le chèile iad o mheasg an sluaigh.
19
Agus cha leig thu ris nochd piuthar do mhàthar, no piuthar d’athar; oir tha e a’ rùsgadh a fheòla fhèin: giùlainidh iad an aingidheachd.
20
Agus ma laigheas duine le mnaoi bhràthair a athar, leig e ris nochd bhràthair a athar: giùlainidh iad am peacadh: gheibh iad bàs gun chloinn.
21
Agus ma ghabhas duine bean a bhràthar, is nì neòghlan e: leig e ris nochd a bhràthar; bidh iad gun chloinn.
22
Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan uile, agus mo bhreitheanais uile, agus nì sibh iad; a‑chum is nach dèan am fearann, ga bheil mi gur tabhairt gu còmhnaidh a ghabhail ann, ur sgeith a‑mach.
23
Agus cha ghluais sibh ann an gnàthannan nan cinneach a tha mise a’ tilgeadh a‑mach romhaibh: oir rinn iadsan na nithean sin uile, agus uime sin ghabh mi gràin dhiubh.
24
Ach thubhairt mi ribhse, Sealbhaichidh sibh am fearann, agus bheir mi dhuibh e a‑chum a shealbhachadh, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil: Is mise an Tighearna ur Dia, a dhealaich sibhse o gach sluagh eile.
25
Cuiridh sibh uime sin eadar‐dhealachadh eadar beathaichean glan agus neòghlan, agus eadar eunlaith neòghlan agus ghlan; agus cha dèan sibh ur n‑anaman gràineil le beathach no le eun, no le gnè air bith de nì beò a shnàigeas air an talamh, a sgar mise uaibh mar neòghlan.
26
Agus bidh sibh naomh dhòmhsa: oir tha mise an Tighearna naomh, agus dhealaich mi sibhse o gach sluagh eile, a‑chum is gum bu leam fhèin sibh.
27
Bean no duine, mar an ceudna, aig a bheil leannan‐sìdh, no a bhios ri fiosachd, cuirear gu deimhinn gu bàs iad: clachaidh iad le clachan iad; bidh am fuil orra fhèin.
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 21 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27