bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Leviticus 3
Leviticus 3
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 4 →
1
Agus ma bhios a thabhartas a‑chum ìobairt thabhartas‐sìthe, mas ann den bhuar a bheir e seachad e, mas fireann no boireann e, bheir e seachad e gun ghaoid an làthair an Tighearna.
2
Agus cuiridh e a làmh air ceann a thabhartais, agus marbhaidh e e aig doras pàillean a’ choitheanail: agus crathaidh mic Aaroin, na sagartan, an fhuil air an altair mun cuairt.
3
Agus bheir e seachad de ìobairt nan tabhartas‐sìthe, tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t‑saill uile a tha air a’ mhionach,
4
Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha air an loch‐lèin, agus an sgairt a tha os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean, bheir e air falbh i.
5
Agus loisgidh mic Aaroin e air an altair, air an ìobairt‐loisgte, a tha air an fhiodh a tha air an teine: is tabhartas e a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.
6
Agus mas ann den treud a bhios a thabhartas a‑chum ìobairt thabhartas‐sìthe don Tighearna, fireann no boireann, bheir e seachad e gun ghaoid.
7
Ma bheir e seachad uan mar a thabhartas, bheir e seachad e an làthair an Tighearna.
8
Agus cuiridh e a làmh air ceann a thabhartais, agus marbhaidh e e fa chomhair pàillean a’ choitheanail: agus crathaidh mic Aaroin a fhuil air an altair mun cuairt.
9
Agus bheir e seachad cuid de ìobairt nan tabhartas‐sìthe, mar thabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna; a shaill agus an t‑earball uile, teann air a’ chnàimh‐dhroma bheir e air falbh e; agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t‑saill uile a tha air a’ mhionach,
10
Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha làimh ris an loch‐lèin, agus an sgairt os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean, bheir e air falbh i.
11
Agus loisgidh an sagart e air an altair; is e biadh an tabhartais a bheirear suas le teine don Tighearna.
12
Agus mas gobhar a bhios na thabhartas, bheir e seachad i an làthair an Tighearna.
13
Agus cuiridh e a làmh air a ceann, agus marbhaidh e i fa chomhair pàillean a’ choitheanail: agus crathaidh mic Aaroin a fuil air an altair mun cuairt.
14
Agus bheir e seachad dhith a thabhartas, eadhon tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna; an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t‑saill uile a tha air a’ mhionach,
15
Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha làimh ris an loch‐lèin, agus an sgairt os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean, bheir e air falbh i.
16
Agus loisgidh an sagart iad air an altair: is iad biadh an tabhartais a bheirear suas le teine, a‑chum fàile chùbhraidh. An t‑saill uile is leis an Tighearna.
17
Bidh e na reachd bithbhuan dur ginealaichean air feadh ur n‑àiteachan‐còmhnaidh uile, nach ith sibh saill no fuil sam bith.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27