bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Leviticus 27
Leviticus 27
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 26
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2
Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a bheir duine bòid àraidh, buinidh na h‑anaman don Tighearna, a rèir do mheas:
3
Agus bidh do mheas, air an fhireannach o fhichead bliadhna a dh’aois eadhon gu trì‐fichead bliadhna a dh’aois; bidh eadhon do mheas leth‐cheud secel airgid, a rèir secel an ionaid naoimh.
4
Agus mas boireannach a bhios ann, an sin bidh do mheas deich seceil ar fhichead.
5
Agus mas gille o chòig bliadhna a dh’aois, eadhon gu fichead bliadhna a dh’aois, a bhios ann, an sin bidh do mheas airson an fhireannaich fichead secel, agus airson a’ bhoireannaich deich seceil.
6
Agus mas ann o mhìos a dh’aois, eadhon gu còig bliadhna a dh’aois, an sin bidh do mheas airson an fhireannaich còig seceil airgid, agus airson a’ bhoireannaich bidh do mheas trì seceil airgid.
7
Agus mas ann a bhios e o thrì‐fichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, mas fireannach e, an sin bidh do mheas còig‐seceil‐deug, agus airson boireannaich deich seceil.
8
Ach ma bhios e nas bochda na do mheas, an sin nochdaidh e e fhèin an làthair an t‑sagairt, agus measaidh an sagart e: a rèir a chomais‐san a thug a’ bhòid, measaidh an sagart e.
9
Agus mas ainmhidh e, den toir daoine tabhartas a dh’ionnsaigh an Tighearna, bidh gach nì a bheir duine den leithidean sin don Tighearna, naomh.
10
Cha mhùth e e, cha mhò a mhalairticheas e e, math airson uilc, no olc airson maith: ach ma mhalairticheas e, air chor sam bith, ainmhidh airson ainmhidh, an sin bidh e fhèin, agus an nì a fhuaireadh na mhalairt, naomh.
11
Agus mas ainmhidh neòghlan sam bith e, de nach toir iad seachad tabhartas don Tighearna, an sin nochdaidh e an t‑ainmhidh an làthair an t‑sagairt:
12
Agus measaidh an sagart e, mas math no olc e; mar a mheasas tusa a bhios ad shagart e, mar sin bidh e.
13
Ach ma dh’fhuasglas e air chor sam bith e, an sin cuireadh e an còigeamh cuid dheth rid mheas‐sa.
14
Agus nuair a choisrigeas duine a thaigh, gu bhith naomh don Tighearna, an sin measaidh an sagart e, mas math no olc e: mar a mheasas an sagart e, mar sin seasaidh e.
15
Agus ma dh’fhuasglas esan a choisrig e a thaigh, an sin cuiridh e an còigeamh cuid de airgead do mheas‐sa ris, agus bidh e leis.
16
Agus ma choisrigeas duine don Tighearna cuid de fhearann a sheilbhe, an sin bidh do mheas a rèir a shìl: measar homer de shìol eòrna aig leth‐cheud secel airgid.
17
Ma choisrigeas e a fhearann o bhliadhna na h‑Iubile, a rèir do mheas seasaidh e.
18
Ach ma choisrigeas e a fhearann an dèidh na h‑Iubile, an sin àirmhidh an sagart an t‑airgead dha a rèir nam bliadhnachan a tha ri teachd, eadhon gu bliadhna na h‑Iubile, agus leigear sin sìos ded mheas.
19
Agus ma dh’fhuasglas am fear a choisrig am fearann e air chor sam bith, an sin cuiridh e an còigeamh cuid de airgead do mheas‐sa ris, agus daingnichear dha e.
20
Agus mura fuasgail e am fearann, no ma reic e am fearann ri duine eile, chan fhuasglar nas mò e.
21
Ach bidh am fearann, nuair a thèid e a‑mach anns an Iubile, naomh don Tighearna, mar fhearann coisrigte: buinidh a shealbh don t‑sagart.
22
Ach ma choisrigeas duine don Tighearna fearann a cheannaich e, nach ann de fhearann a sheilbhe;
23
An sin àirmhidh an sagart dha luach do mheas, eadhon gu bliadhna na h‑Iubile, agus bheir e seachad do mheas anns an là sin, mar nì naomh don Tighearna.
24
Ann am bliadhna na h‑Iubile tillidh am fearann da ionnsaigh‐san on do cheannaicheadh e, eadhon da ionnsaigh‐san, dom buineadh sealbh an fhearainn.
25
Agus bidh do mheas‐sa uile a rèir secel an ionaid naoimh; bidh fichead gerah anns an t‑secel.
26
Ach ciad‐ghin nan ainmhidh, a bu chòir a bhith na chiad‐ghin don Tighearna, cha choisrig duine air bith sin, co‑dhiù as tarbh no caora e: is leis an Tighearna e.
27
Ach mas ann de bheathach neòghlan e, an sin fuasglaidh e e a rèir do mheas‐sa, agus cuiridh e an còigeamh cuid dheth ris; no mura fuasglar e, an sin reicear e a rèir do mheas.
28
Gidheadh, cha reicear agus chan fhuasglar nì sam bith coisrigte a choisrigeas duine don Tighearna, de gach nì a tha aige, araon de dhuine agus de ainmhidh, agus de fhearann a sheilbhe: tha gach nì coisrigte ro‑naomh don Tighearna.
29
Chan fhuasglar nì sam bith coisrigte, a choisrigear le daoine: ach cuirear gu cinnteach gu bàs e.
30
Agus uile dheicheamh an fhearainn, mas ann de shìol an fhearainn, no de mheas na craoibhe, is leis an Tighearna e; tha e naomh don Tighearna.
31
Agus ma dh’fhuasglas duine idir a’ bheag de a dheicheamh, cuiridh e an còigeamh cuid dheth ris.
32
Agus a‑thaobh uile dheicheamh a’ chruidh, no an treuda, eadhon gach nì air bith a dh’imicheas fon t‑slait; bidh an deicheamh dheth naomh don Tighearna.
33
Cha rannsaich e am bi e math no olc, cha mhò a mhalairticheas e e: agus ma mhalairticheas e idir e, an sin bidh an dà chuid e fhèin agus a mhalairt naomh; chan fhuasglar e.
34
Is iad sin na h‑àitheantan a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, airson chloinn Israeil, ann an sliabh Shinài.
← Chapter 26
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27