bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Leviticus 14
Leviticus 14
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 15 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2
Bidh seo na lagh don lobhar, ann an là a ghlanaidh: Bheirear e a‑chum an t‑sagairt;
3
Agus thèid an sagart a‑mach as a’ champ; agus amhaircidh an sagart, agus, feuch, ma lèighseadh plàigh na luibhre anns an lobhar:
4
An sin àithnidh an sagart gun gabhar air a shon‐san a tha gu bhith air a ghlanadh, dà eun bheò ghlan, agus fiodh seudair, agus sgàrlaid, agus hiosop.
5
Agus àithnidh an sagart gum marbhar aon de na h‑eòin ann an soitheach creadha, os cionn uisge ruith.
6
A‑thaobh an eòin bheò, gabhaidh e e, agus am fiodh seudair, agus an sgàrlaid, agus an hiosop, agus tumaidh e iad agus an t‑eun beò ann am fuil an eòin a mharbhadh os cionn an uisge ruith.
7
Agus crathaidh e airsan a tha gu bhith air a ghlanadh on luibhre, seachd uairean, agus gairmidh e glan e, agus leigidh e as an t‑eun beò air aghaidh na machrach.
8
Agus nighidh esan a tha gu bhith air a ghlanadh a aodach, agus bearraidh e dheth a fhionnadh uile, agus nighidh e e fhèin ann an uisge, a‑chum gum bi e glan: agus na dhèidh sin thig e a‑steach don champ, agus fanaidh e a‑mach as a’ bhùth seachd làithean.
9
Ach air an t‑seachdamh là, bearraidh e uile fhalt a chinn, agus a fheusag, agus mailghean a shùl, eadhon a fhionnadh uile bearraidh e dheth: agus nighidh e a aodach, nighidh e mar an ceudna a fheòil ann an uisge, agus bidh e glan.
10
Agus, air an ochdamh là, gabhaidh e dà uan fhireann gun ghaoid, agus aon uan boireann den chiad bhliadhna gun ghaoid, agus trì deich earrannan de fhlùr mìn mar thabhartas‐bìdh, measgte le ola, agus aon log ola.
11
Agus nochdaidh an sagart a nì glan e, an duine a tha ra ghlanadh, agus na nithean sin an làthair an Tighearna, aig doras pàillean a’ choitheanail:
12
Agus gabhaidh an sagart aon uan fireann, agus bheir e seachad e mar ìobairt‐easaontais, agus an log ola, agus luaisgidh e iad mar thabhartas‐luaisgte am fianais an Tighearna.
13
Agus marbhaidh e an t‑uan anns an àit anns am marbh e an ìobairt‐pheacaidh agus an ìobairt‐loisgte, anns an ionad naomh; oir mar as leis an t‑sagart an ìobairt‐pheacaidh, is amhail sin an ìobairt‐easaontais: tha i ro‑naomh.
14
Agus gabhaidh an sagart cuid de fhuil na h‑ìobairt‐easaontais, agus cuiridh an sagart i air bàrr cluas dheas an neach a tha ra ghlanadh, agus air òrdaig a làimhe deise, agus air òrdaig a choise deise.
15
Agus gabhaidh an sagart cuid den log ola, agus dòirtidh e i ann an glaic a làimhe clìthe fhèin.
16
Agus tumaidh an sagart a mheur dheas anns an ola a tha na làimh chlì, agus crathaidh e cuid den ola le a mheur seachd uairean an làthair an Tighearna.
17
Agus den chuid eile den ola a tha na làimh cuiridh an sagart air bàrr cluas dheas an neach a tha ra ghlanadh, agus air òrdaig a làimhe deise, agus air òrdaig a choise deise, air fuil na h‑ìobairt‐easaontais.
18
Agus fuidheall na h‑ola, a tha an làimh an t‑sagairt, dòirtidh e air ceann an neach a tha ra ghlanadh: agus nì an sagart rèite air a shon am fianais an Tighearna.
19
Agus ìobraidh an sagart an ìobairt‐pheacaidh, agus nì e rèite air a shon‐san a tha ra ghlanadh o a neòghlaine, agus na dhèidh sin marbhaidh e an ìobairt‐loisgte.
20
Agus bheir an sagart seachad an ìobairt‐loisgte agus an tabhartas‐bìdh air an altair: agus nì an sagart rèite air a shon, agus bidh e glan.
21
Agus ma tha e bochd, agus nach urrainn e an uiread sin fhaghail, an sin gabhaidh e aon uan a‑chum ìobairt‐easaontais gu bhith air a luasgadh, a dhèanamh rèite air a shon, agus aon deicheamh earrann de fhlùr mìn measgte le ola, mar thabhartas‐bìdh, agus log ola;
22
Agus dà thurtar, no dà chalaman òg, mar as urrainn e fhaghail; agus bidh fear dhiubh na ìobairt‐pheacaidh, agus am fear eile na ìobairt‐loisgte.
23
Agus bheir e iad air an ochdamh là, airson a ghlanaidh, a‑chum an t‑sagairt, gu doras pàillean a’ choitheanail an làthair an Tighearna.
24
Agus gabhaidh an sagart uan na h‑ìobairt‐easaontais, agus an log ola, agus luaisgidh an sagart iad mar thabhartas‐luaisgte an làthair an Tighearna.
25
Agus marbhaidh e uan na h‑ìobairt‐easaontais, agus gabhaidh an sagart cuid de fhuil na h‑ìobairt‐easaontais, agus cuiridh e i air bàrr cluas dheas an fhir a tha ra ghlanadh, agus air òrdaig a làimhe deise, agus air òrdaig a choise deise.
26
Agus dòirtidh an sagart cuid den ola ann an glaic a làimhe clìthe fhèin.
27
Agus crathaidh an sagart le a mheur dheas cuid den ola a tha na làimh chlì seachd uairean am fianais an Tighearna.
28
Agus cuiridh an sagart cuid den ola a tha na làimh, air bàrr cluas dheas an fhir a tha ra ghlanadh, agus air òrdaig a làimhe deise, agus air òrdaig a choise deise, air ionad fuil na h‑ìobairt‐easaontais.
29
Agus a’ chuid eile den ola a tha an làimh an t‑sagairt, cuiridh e air ceann an fhir a tha ra ghlanadh, a dhèanamh rèite air a shon am fianais an Tighearna.
30
Agus ìobraidh e fear de na turtair, no de na calamain òga, mar as urrainn e fhaghail;
31
Eadhon an nì as urrainn e fhaghail, fear mar ìobairt‐pheacaidh, agus am fear eile mar ìobairt‐loisgte, maille ris an tabhartas‐bhìdh. Agus nì an sagart rèite air a shon‐san a tha ra ghlanadh, am fianais an Tighearna.
32
Seo lagh an fhir anns a bheil plàigh na luibhre, neach nach ruig a làmh air an nì sin a bhuineas da ghlanadh.
33
Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh,
34
Nuair a thig sibh do thìr Chanàain, a bheir mise dhuibh mar sheilbh, agus a chuireas mi plàigh luibhre ann an taigh fearann ur seilbhe;
35
Agus gun tig esan dom buin an taigh agus gun innis e don t‑sagart, ag ràdh, A rèir mo bharail‐sa tha mar gum bu phlàigh luibhre anns an taigh:
36
An sin àithnidh an sagart dhaibh an taigh fhalmhachadh mun tèid an sagart a‑steach ann a dh’fhaicinn na plàighe, a‑chum nach dèanar gach nì a tha anns an taigh neòghlan: agus na dhèidh sin, thèid an sagart a‑steach a dh’fhaicinn an taighe.
37
Agus amhaircidh e air a’ phlàigh, agus, feuch, ma bhios a’ phlàigh ann am ballachan an taighe, le stiallan domhain, càil‐eigin uaine no dearg, a tha rim faicinn nas ìsle na am balla:
38
An sin thèid an sagart a‑mach as an taigh gu doras an taighe, agus bheir e fa‑near an taigh a dhùnadh suas seachd làithean.
39
Agus thig an sagart a‑rìs air an t‑seachdamh là, agus amhaircidh e: agus, feuch, ma bhios a’ phlàigh air sgaoileadh ann am ballachan an taighe;
40
An sin àithnidh an sagart iad a thoirt air falbh nan clach anns a bheil a’ phlàigh, agus tilgidh iad ann an àite neòghlan iad an taobh a‑muigh den bhaile.
41
Agus bheir e fa‑near an taigh a sgrìobadh air an taobh a‑staigh mun cuairt, agus tilgidh iad a‑mach an duslach a sgrìobas iad dheth, an taobh a‑muigh den bhaile gu àite neòghlan.
42
Agus gabhaidh iad clachan eile, agus cuiridh iad ann an àite nan clach ud iad; agus gabhaidh e criadh eile, agus còmhdaichidh e thairis an taigh leatha.
43
Agus ma thig a’ phlàigh a‑rìs, agus ma bhriseas i a‑mach anns an taigh, an dèidh dha na clachan a thoirt air falbh, agus an dèidh dha an taigh a sgrìobadh, agus an dèidh dha a chòmhdachadh thairis le criadh;
44
An sin thig an sagart agus amhaircidh e, agus, feuch, ma tha a’ phlàigh air sgaoileadh anns an taigh, is luibhre chnàmhanach i anns an taigh; tha e neòghlan.
45
Agus brisidh e sìos an taigh, a chlachan, agus a fhiodh, agus criadh an taighe uile: agus bheir e fa‑near an giùlan a‑mach as a’ bhaile gu ionad neòghlan.
46
Agus bidh esan a thèid a‑steach don taigh rè na h‑ùine a dhruidear suas e, neòghlan gu feasgar.
47
Agus nighidh esan a laigheas anns an taigh a aodach: agus nighidh esan a dh’itheas anns an taigh a aodach.
48
Agus ma thèid an sagart a‑steach, agus gun amhairc e air, agus, feuch, nach do sgaoil a’ phlàigh anns an taigh, an dèidh an taigh a chòmhdachadh thairis; an sin gairmidh an sagart an taigh glan, a chionn gun do lèighseadh a’ phlàigh.
49
Agus gabhaidh e a‑chum an taigh a ghlanadh dà eun, agus fiodh seudair, agus sgàrlaid, agus hiosop.
50
Agus marbhaidh e fear de na h‑eòin ann an soitheach creadha, os cionn uisge‐ruith.
51
Agus gabhaidh e am fiodh seudair, agus an hiosop, agus an sgàrlaid, agus an t‑eun beò, agus tumaidh e iad ann am fuil an eòin a chaidh a mharbhadh, agus anns an uisge‐ruith; agus crathaidh e air an taigh seachd uairean.
52
Agus glanaidh e an taigh le fuil an eòin, agus leis an uisge‐ruith, agus leis an eun bheò, agus leis an fhiodh sheudair, agus leis an hiosop, agus leis an sgàrlaid.
53
Ach leigidh e as an t‑eun beò an taobh a‑muigh den bhaile, air aghaidh na machrach, agus nì e rèite airson an taighe: agus bidh e glan.
54
Seo an lagh airson gach gnè de phlàigh luibhre, agus de chàrr,
55
Agus airson luibhre aodaich, agus airson taighe,
56
Agus airson at, agus airson guirein, agus airson buill shoilleir;
57
A theagasg cuin a bhios e neòghlan, agus cuin a bhios e glan: is e seo lagh na luibhre.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27