bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Leviticus 24
Leviticus 24
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 25 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois ag ràdh,
2
Aithn do chloinn Israeil iad a thoirt ad ionnsaigh ola fhìorghlan a’ chroinn‐ola, brùite airson an t‑solais, a thoirt air na lòchrain lasadh an còmhnaidh.
3
An taobh a‑muigh de bhrat na Fianais, ann am pàillean a’ choitheanail, òrdaichidh Aaron e o fheasgar gu madainn, an làthair an Tighearna an còmhnaidh: bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean.
4
Òrdaichidh e na lòchrain air a’ choinnleir fhìorghlan an làthair an Tighearna an còmhnaidh.
5
Agus gabhaidh tu flùr mìn, agus fuinidh tu dà‑bhreacaig‐dheug dheth: dà dheicheamh earrainn bidh ann an aon bhreacaig.
6
Agus suidhichidh tu iad ann an dà shreath, sia ann an sreath, air a’ bhòrd fhìorghlan an làthair an Tighearna.
7
Agus cuiridh tu tùis fhìorghlan air gach sreath, a‑chum is gum bi i air an aran mar chuimhneachan, eadhon tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna.
8
Gach aon là sàbaid cuiridh e an òrdagh e an làthair an Tighearna an còmhnaidh, air a ghabhail o chloinn Israeil le coicheangal sìorraidh.
9
Agus is le Aaron agus a mhic e, agus ithidh iad e anns an ionad naomh; oir tha e ro‑naomh dha, de thabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine, le reachd bithbhuan.
10
Agus chaidh mac ban‐Israelich, aig an robh Eiphiteach na athair, a‑mach am measg chloinn Israeil: agus bha mac na ban‐Israelich agus duine de Israel a’ còmhstri anns a’ champ.
11
Agus mhaslaich mac na ban‐Israelich ainm an Tighearna, agus mhallaich e: agus thug iad gu Maois e (agus b’e ainm a mhàthar Selomit, nighean Dhibri, de threubh Dhan);
12
Agus chuir iad an làimh e, a‑chum gun nochdte dhaibh inntinn an Tighearna.
13
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
14
Thoir a‑mach esan a mhallaich an taobh a‑muigh den champ, agus cuireadh iadsan uile a chuala e an làmhan air a cheann, agus clachadh an co‑chruinneachadh uile e.
15
Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ge bè neach a mhallaicheas a Dhia, giùlainidh e a pheacadh.
16
Agus esan a mhaslaicheas ainm an Tighearna, cuirear gu cinnteach gu bàs e; clachaidh gu deimhinn an co‑chruinneachadh uile e: an coigreach cho math ris‐san a rugadh anns an dùthaich, nuair a mhaslaicheas e ainm an Tighearna, cuirear gu bàs e.
17
Agus esan a mharbhas duine sam bith, cuirear gun teagamh gu bàs e.
18
Agus esan e mharbhas ainmhidh, nì e dìoladh air a shon; ainmhidh airson ainmhidh.
19
Agus ma bheir duine ciurram air a choimhearsnach, mar a rinn e, mar sin nìthear air:
20
Briseadh airson brisidh, sùil airson sùla, fiacail airson fiacla: mar a thug e ciurram air duine, mar sin nìthear air.
21
Agus esan a mharbhas ainmhidh, dìolaidh e e: agus an neach a mharbhas duine, cuirear gu bàs e.
22
Bidh an t‑aon ghnè lagha agaibh cho math airson a’ choigrich, agus air aon neach de mhuinntir ur dùthcha fhèin: oir is mise an Tighearna ur Dia.
23
Agus labhair Maois ri cloinn Israeil, iad a thoirt leo esan a mhallaich, an taobh a‑muigh den champ, agus a chlachadh le clachan: agus rinn clann Israeil mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 25 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27