bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Leviticus 18
Leviticus 18
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 19 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2
Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Is mise an Tighearna ur Dia.
3
A rèir gnìomharan tìr na h‑Eiphit anns an robh sibh a chòmhnaidh, cha dèan sibh; agus a rèir gnìomharan tìr Chanàain gus a bheil mise gur tabhairt, cha dèan sibh; cha mhò a ghluaiseas sibh nan òrdaighean.
4
Nì sibh mo bhreitheanais, agus gleidhidh sibh m’òrdaighean, gu gluasad annta: Is mise an Tighearna ur Dia.
5
Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan agus mo bhreitheanais; nithean ma nì duine, bidh e beò annta: Is mise an Tighearna.
6
Cha tig a h‑aon agaibh am fagas do aon neach a tha dlùth dha ann an dàimh, a‑chum a nàire a leigeadh ris: Is mise an Tighearna.
7
Nochd d’athar, no nochd do mhàthar cha leig thu ris: is i do mhàthair i, cha leig thu ris a nochd.
8
Nochd bean d’athar cha leig thu ris: is e nochd d’athar e.
9
Nochd do pheathar, nighean d’athar, no nighean do mhàthar, co‑dhiù a rugadh i aig an taigh, no rugadh a‑muigh i, eadhon an nochd‐san cha leig thu ris.
10
Nochd nighean do mhic, no nighean do nighinn, eadhon an nochd‐san cha leig thu ris: oir is e an nochd‐san do nochd fhèin.
11
Nochd nighean bean d’athar, a ghineadh led athair (is i do phiuthar i) cha leig thu ris a nochd‐se.
12
Cha leig thu ris nochd piuthar d’athar: is i bana‑charaid ro‑dhìleas d’athar i.
13
Cha leig thu ris nochd piuthar do mhàthar: oir is i bana‑charaid ro‑dhìleas do mhàthar i.
14
Cha leig thu ris nochd bràthair d’athar, cha tig thu am fagas da mhnaoi: is i bean bràthair d’athar i.
15
Cha leig thu ris nochd do bhan‐chleamhna; is i bean do mhic i, cha leig thu ris a nochd.
16
Cha leig thu ris nochd bean do bhràthar: is e nochd do bhràthar e.
17
Cha leig thu ris nochd mnà agus a nighinn, cha mhò a ghabhas tu nighean a mic, no nighean a nighinn, a‑chum a nochd a leigeadh ris; oir is iad a bana‑chàirdean dìleas iad: is aingidheachd e.
18
Cha mhò a ghabhas tu bean maille ra piuthair, a‑chum a buaireadh, a leigeadh ris a nochd, a thuilleadh air an tè eile, am feadh as beò i.
19
Mar an ceudna cha tig thu am fagas do mhnaoi a leigeadh ris a nochd, nuair a chuirear air leth i airson a neòghlaine.
20
Agus cha laigh thu gu collaidh le mnaoi do choimhearsnaich, a‑chum thu fhèin a thruailleadh leatha.
21
Agus cha leig thu le neach air bith ded shliochd dol tron teine do Mholech, cha mhò a mhì‐naomhaicheas tu ainm do Dhè: Is mise an Tighearna.
22
Cha laigh thu le fireannach mar le boireannach: is gràinealachd e.
23
Cha mhò a laigheas tu le ainmhidh sam bith gud thruailleadh fhèin leis; cha mhò a sheasas bean sam bith ro ainmhidh gu laighe sìos dha: is amhluadh e.
24
Na truaillibh sibh fhèin ann an aon sam bith de na nithean sin: oir anns na nithean sin uile thruaill na cinnich sin iad fhèin, a thilgeas mise a‑mach romhaibh.
25
Agus shalaicheadh am fearann: uime sin leanaidh mi a aingidheachd air, agus sgeithidh am fearann fhèin a‑mach a luchd‐àiteachaidh.
26
Uime sin, gleidhidh sibh mo reachdan agus mo bhreitheanais, agus cha dèan sibh aon air bith de na gràinealachdan sin; aon chuid neach air bith de ur cinneach fhèin, no coigreach a bhios air chuairt nur measg:
27
(Oir na gràinealachdan sin uile rinn daoine na dùthcha, a bha romhaibh, agus tha am fearann air a thruailleadh)
28
A‑chum nach sgeith am fearann sibhse a‑mach mar an ceudna, nuair a thruailleas sibh e, mar a sgeith e a‑mach na cinnich a bha romhaibh.
29
Oir ge bè neach a nì aon air bith de na gràinealachdan ud, eadhon na h‑anaman a nì iad, gearrar as iad o mheasg an sluaigh.
30
Uime sin gleidhidh sibh m’òrdaighean, a‑chum nach dèan sibh aon air bith de na gnàthannan gràineil ud, a rinneadh romhaibh, agus nach truaill sibh sibh fhèin annta: Is mise an Tighearna ur Dia.
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 19 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27