bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Leviticus 17
Leviticus 17
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 18 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2
Labhair ri Aaron, agus ra mhic, agus ri cloinn Israeil uile, agus abair riu, Seo an nì a dh’àithn an Tighearna ag ràdh,
3
Ge bè duine air bith de thaigh Israeil, a mharbhas tarbh, no uan, no gobhar, anns a’ champ, no a mharbhas e a‑mach as a’ champ,
4
Agus nach toir e gu doras pàillean a’ choitheanail, gu tabhartas a thoirt seachad don Tighearna air beulaibh pàillean an Tighearna, cuirear fuil as leth an duine sin, dhòirt e fuil; agus gearrar as an duine sin o mheasg a shluaigh:
5
A‑chum is gun toir clann Israeil an ìobairtean, a dh’ìobras iad a‑muigh anns a’ mhachair, eadhon gun toir iad a‑chum an Tighearna iad, gu doras pàillean a’ choitheanail a dh’ionnsaigh an t‑sagairt, agus gun ìobair iad mar ìobairtean‐sìth iad don Tighearna.
6
Agus crathaidh an sagart an fhuil air altair an Tighearna, aig doras pàillean a’ choitheanail, agus loisgidh e an t‑saill a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna.
7
Agus chan ìobair iad nas mò an ìobairtean do dhiabhail, an dèidh an deachaidh iad le strìopachas: bidh seo na reachd dhaibh gu sìorraidh air feadh an ginealaichean.
8
Agus their thu riu, Ge bè duine air bith de thaigh Israeil, no de na coigrich a bhios air chuairt nur measg, a bheir seachad tabhartas‐loisgte no ìobairt,
9
Agus nach toir e gu doras pàillean a’ choitheanail, a‑chum a ìobradh don Tighearna; gearrar eadhon an duine sin as o mheasg a shluaigh.
10
Agus ge bè duine de thaigh Israeil no de na coigrich a tha air chuairt nur measg, a dh’itheas gnè sam bith fala; cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin a dh’itheas fuil, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.
11
Oir tha beatha na feòla anns an fhuil, agus thug mi dhuibh i air an altair, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman: oir is i an fhuil a nì rèite airson an anama.
12
Uime sin thubhairt mi ri cloinn Israeil, Chan ith anam sam bith agaibh fuil, cha mhò a dh’itheas an coigreach fuil a bhios air chuairt nur measg.
13
Agus ge bè duine air bith de chloinn Israeil, no de na coigrich a bhios air chuairt nur measg, a nì sealg agus a ghlacas beathach no eun a dh’fhaodar ithe, dòirtidh e a‑mach a fhuil, agus còmhdaichidh e le duslach i.
14
Oir is i beatha gach uile fheòla a fuil; tha i airson beatha dhi: uime sin thubhairt mi ri cloinn Israeil, Chan ith sibh fuil feòla sam bith; oir is i beatha gach feòla a fuil: gach neach a dh’itheas i gearrar as e.
15
Agus gach anam a dh’itheas an nì a bhàsaicheas dheth fhèin, no a reubadh le fiadh‐bheathaichean (mas neach e a rugadh nur tìr fhèin, no coigreach) nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar; an sin bidh e glan.
16
Ach mura nigh e e, agus mura ionnlaid e a fheòil, an sin giùlainidh e a aingidheachd.
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 18 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27