bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Revelation 10
Revelation 10
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 11 →
1
Agus chunnaic mi aingeal treun eile a tighinn a nuas bho neamh, sgeadaichte le nial, ʼs bogha-frois air a cheann, agus bha aodann mar a ghrian, ʼsa chasan mar phuist theine;
2
ʼS bha leabhar beag fosgailte aige ʼna laimh; us chuir e a chas dheas air a mhuir, ʼsa chas chli air an talamh;
3
Agus ghlaodh e le guth ard, mar a bheuchdas leomhan. ʼS an deigh dha eigheach, labhair seachd tairneanaich an guthan.
4
ʼS nuair a labhair na seachd tairneanaich an guthan, bha mi dol a theannadh ri sgriobhadh: agus chuala mi guth bho neamh a g-radh rium: Seul na nichean a labhair na seachd tairneanaich, ʼs na sgriobh iad.
5
Agus thog an t-aingeal, a chunnaic mi ʼna sheasamh air a mhuir ʼs air an talamh, suas a lamh dheas gu neamh;
6
Us mhionnaich e air-san, a tha beo a chaoidh nan caoidhean, a chruthaich neamh ʼs na nichean a thʼ ann, agus an talamh ʼs na nichean a thʼ ann, agus a mhuir ʼs na nichean a thʼ innte: Nach bi tìm ann tuille:
7
Ach ri laithean guth an t-seachdamh aingil, nuair a theannas e ris an trombaid a sheideadh, bithidh mistire Dhe air a lan-choimhlionadh, mar a theagaisg e le sheirbhisich na faidhean.
8
Agus chuala mi rithist guth bho neamh a labhairt rium, ʼsa g-radh: Rach, us gabh an leabhar a tha fosgailte á laimh an aingil, a tha ʼna sheasamh air a mhuir ʼs air an talamh.
9
Agus chaidh mi dhʼ ionnsuidh an aingil a g-radh ris, e thoirt dhomh an leabhair. Us thuirt e rium: Gabh an leabhar, us ich e; us ni e do bhru searbh, ach na dʼ bhial bithidh e cho blasda ri mil.
10
ʼS ghabh mi an leabhar á laimh an aingil, us shluig mi sios e; agus bha e na mʼ bhial cho blasda ri mil, ʼs nuair dhʼ ich mi e, rinneadh mo bhruth searbh.
11
Us thuirt e rium: Feumaidh tu faisneachd a dhianamh fhathast do dhʼ ioma cinneadh, agus sluagh, agus teangadh, agus righ.
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22