bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Revelation 22
Revelation 22
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 21
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
1
Agus dhʼ fhiach e dhomh abhuinn uisge na beatha, soilleir mar chriostal, a tighinn bho chathair Dhe agus an Uain.
2
Agus am miadhon a straide, ʼs air dà thaobh na h-aibhne bha craobh na beatha, a giulan dà mheas dhiag, a toirt a mach a meas a h-uile mios, agus bha duilleagan na craoibhe gu leigheas nan cinneach.
3
Agus cha bhi mollachd ann idir tuille: ach bithidh cathair Dhe agus an Uain ann, agus ni a sheirbhisich seirbhis dha.
4
Agus chi iad a ghnuis, ʼs bithidh ʼainm air clar an aodainn.
5
ʼS cha bhi oidhche ann nas fhaide; ʼs cha chuir iad feum air solus an lochrain, no solus na greine: oir soilleirichidh an Tighearna Dia iad, agus righichidh iad fad linn nan linn.
6
Us thuirt e rium: Tha na facail so ro dhileas agus fior. Agus chuir an Tighearna, Dia spioraid nam faidhean, aingeal fhein, a dhʼ fhiachuinn dha sheirbhisich na dhʼ fheumas tachairt gu h-aithghearr.
7
Agus, seall, tha mi tighinn gu h-aithghearr. Is beannaichte esan a chumas facail faisneachd an leabhair so.
8
Agus is mise Eoin, a chuala ʼsa chunnaic na nichean so. Agus an deigh dhomh cluinntinn agus faicinn, thuit mi sios a dhianamh aoraidh romh chasan an aingil, a dhʼ fhiach dhomh na nichean so;
9
Us thuirt e rium: Fiach nach dian thu e: oir is mise do cho-sheirbhiseach, ʼs dhe do bhraithrean na faidhean, us dhiusan a chumas facail faisneachd an leabhair so: thoir aoradh do Dhia.
10
Us thuirt e rium: Na seul facail faisneachd an leabhair so: oir tha an t-àm faisg.
11
An neach a tha ciurradh, ciurradh e fhathast; ʼs an neach a tha truaillidh, leanadh e ri truailleachd fhathast; ʼs an neach a tha ceart, biodh e air a cheartachadh fhathast; ʼs an naomh, biodh e air a naomhachadh fhathast.
12
Fiach thig mi gu h-aithghearr, ʼs tha mo dhuais maille rium, los toirt do ʼn h-uile duine a reir oibrichean.
13
Is mise Alpha agus Omega, a chiad aon agus an t-aon mu dheireadh, an tùs agus a chrioch.
14
Is beannaichte iadsan, a nigheas an eideadh am fuil an Uain; los gum bi còir aca air craoibh na beatha, ʼs gun teid iad a stigh tromh na geatachan do ʼn bhaile.
15
A mach tha coin, us luchd-draoitheachd, us luchd-mi-gheamnachd, us murtairean, us luchd-iodhol-aoraidh, ʼs a h-uile h-aon leis an toil, agus a ni briag.
16
Chuir mise, Iosa, mʼ aingeal a thoirt fianuis dhuibh air na nichean so anns na h-eaglaisean. Is mise friamh agus gineal Dhài, reul bhoillsgeach ʼs reul na maduinne.
17
Agus tha an spiorad agus bean-na-bainnse a g-radh: Thig. ʼS an neach a tha cluinntinn, abradh e: Thig. ʼS an neach a tha paiteach, thigeadh e: ʼs an neach leis an toil, gabhadh e uisge na beatha a nasgaidh.
18
Oir tha mi toirt fianuis do ʼn h-uile h-aon a chluinneas facail faisneachd an leabhair so: Ma chuireas duine air bith ris na nichean so, cuiridh Dia air-san na plaighean a tha sgriobhte anns an leabhar so.
19
ʼS ma bheir duine air bith bho fhacail leabhar na faisneachd so, bheir Dia air falbh a chuid-san á leabhar na beatha, us as a bhaile naomh, ʼs bho na nichean sin a tha sgriobhte anns an leabhar so.
20
Tha esan, a tha toirt teisteanais air na nichean so, a g-radh: Gu cinnteach tha mi tighinn gu h-aithghearr. Amen. Thig, a Thighearna Iosa.
21
Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ribh uile. Amen. A Chrioch.
← Chapter 21
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22