bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Revelation 7
Revelation 7
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 8 →
1
An deigh nan nichean so chunnaic mi ceithir ainglean ʼnan seasamh air ceithir oisinnean an talmhuinn, a cumail ceithir gaoithean an talmhuinn, gus nach seideadh iad air an talamh, no air a mhuir, no air craoibh sa bith.
2
Agus chunnaic mi aingeal eile a direadh suas bho eirigh na greine, us comharradh an De bheo aige; agus dhʼeigh e le guth ard ris na ceithir ainglean, dha ʼn tugadh comas an talamh agus a mhuir a ghoirteachadh,
3
A g-radh: Na dochainnibh an talamh, no mhuir, no na craobhan, gus an comharraich sinn seirbhisich ar De air clar an aodainn.
4
Us chuala mi aireamh na feadhnach a chomharraicheadh, ciad, dà-fhichead, ʼs ceithir mile a chomharraicheadh de threibhean uile chlann Israil.
5
De threibh Iuda chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Rubein chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Ghaid chomharraicheadh dà mhile dhiag:
6
De threibh Aseir chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Nephtali chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Mhanasseis chomharraicheadh dà mhile dhiag:
7
De threibh Shimeoin chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Lebhi chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Issachair chomharraicheadh dà mhile dhiag:
8
De threibh Shabuloin chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Ioseiph chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Bheniamin chomharraicheadh dà mhile dhiag.
9
Us chunnaic mi an deigh nan nichean so co-chruinneachadh, nach bʼurrainn do dhuine air bith a chunntadh, de ʼn h-uile cinneach, agus treibh, agus sluagh, agus teanga, ʼnan seasamh air bialaobh na cathrach, ʼs an lathair an Uain, air an eideadh le trusganan geala, agus pailmean ʼnan lamhan;
10
Agus dhʼ eigh iad le guth ard, a g-radh: Slainte dhaʼr Dia-ne, a tha ʼna shuidhe air a chathair, agus doʼn Uan.
11
Agus bha na h-ainglean uile ʼnan seasamh timchioll na cathrach, ʼs nan seanairean, ʼs nan ceithir beothaichean; us thuit iad sios air an aghaidh air bialaobh na cathrach, us thug iad aoradh do Dhia,
12
A g-radh: Amen. Beannachadh, us gloir, us gliocas, us buidheachas, onair agus cumhachd, agus neart dha ʼr Dia fad linn nan linn. Amen.
13
Agus fhreagair a h-aon de na seanairean, us thuirt e rium: Co iadsan a tha air an eideadh an trusganan geala? us co as a thainig iad?
14
Us thuirt mi ris: Mo thighearna, ʼsann agadsa tha fios. Us thuirt e rium: ʼSiad sin iadsan a thainig á trioblaid mhoir, ʼsa nigh an eideadh, ʼsa rinn geal e am fuil an Uain.
15
Uime sin tha iad air bialaobh righ-chathair Dhe, ʼs tha iad ga sheirbhiseachadh ʼna theampull a latha ʼsa dhʼ oidhche; agus esan a tha ʼna shuidhe air a chathair, tamhaidh e thairis orra.
16
ʼS cha bhi acras no pathadh orra tuille, ʼs cha bhual a ghrian orra, no teas sa bith:
17
Oir riaghlaidh an t-Uan a tha am miadhon na cathrach iad, agus treoraichidh e iad gu tobraichean uisge na beatha, agus siabaidh Dia bho ʼn suilean an deoir gu leir.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22