bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Revelation 4
Revelation 4
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 5 →
1
An deigh nan nichean so sheall mi: agus fiach dorus fosgailt am flathanas, agus thuirt a chiad ghuth, a chuala mi mar de thrombaid a labhairt rium, a g-radh: Thig suas an so, us fiachaidh mi dhut na nichean a dhʼ fheumas tachairt an deigh so.
2
Agus san uair bha mi san spiorad; agus, seall, bha cathair air a suidheachadh am flathanas, ʼs air a chathair aon ʼna shuidhe.
3
Agus bha esan, a bha ʼna shuidhe, ri fhaicinn coltach ri leug iaspair agus shardoin; agus bha bogha-frois mun cuairt do ʼn chathair, coltach ri emerald ri fhaicinn.
4
ʼS mun cuairt do ʼn chathair bha ceithir-thar-fhichead shuidheachan; agus air na suidheachain ceithir-thar-fhichead sheanairean ʼnan suidhe, sgeadaichte an culaidhean geala, ʼs air an cinn cruintean òir.
5
Agus bho ʼn chathair chaidh a mach dealanaich, agus guthan, agus tairneanaich; agus bha seachd lochrain laiste air bialaobh na cathrach, ʼsiad sin seachd spioraid Dhe.
6
Agus an sealladh na cathrach bha, mar gum bʼ eadh, muir de ghloine coltach ri criostal; agus ann am miadhon na cathrach, ʼs mun cuairt do ʼn chathair bha ceithir beothaichean lan shul rompa ʼs ʼnan deigh.
7
Agus bha chiad bheothach coltach ri leomhan, ʼs an ath bheothach coltach ri laogh, ʼs aig an treas beothach bha ʼaodann mar aodann duine, ʼs bha an ceathramh beothach coltach ri iolair air iteig.
8
Agus aig gach aon de na ceithir beothaichean bha sia sgiathan: ach mun cuairt agus a stigh tha iad lan shul; agus a latha ʼsa dhʼ oidhche cha do lasaich iad, a g-radh: Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile-chumhachdach, a bha, ʼsa tha, ʼsa tha ri tighinn.
9
Agus nuair a thug na beothaichean sin gloir, us onair, agus beannachd dhasan a tha ʼna shuidhe air a chathair, a tha beo gu saoghal nan saoghal,
10
Shleuchd na ceithir-thar-fhichead sheanairean air a bhialaobh-san, a tha ʼna shuidhe air a chathair, agus thug iad aoradh dhasan, a tha beo gu saoghal nan saoghal, agus leag iad an crùintean air bialaobh na cathrach, a g-radh:
11
Is airidh thu, a Thighearna ar Dia, air gloir, us onair, agus cumhachd fhaotuinn: a chionn gur tu a chruthaich a h-uile ni, agus gur h-ann as leth do thoil-sa a bha iad ann, ʼsa chruthaicheadh iad.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22