bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Revelation 8
Revelation 8
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 9 →
1
Agus nuair a dhʼ fhosgail e an seachdamh seul, bha tosdachd air neamh, mu thimchioll leth uair.
2
Agus chunnaic mi seachd ainglean ʼnan seasamh an lathair Dhe; us thugadh dhaibh seachd trombaidean.
3
Us thainig aingeal eile, agus sheas e air bialaobh na h-altrach, agus tùiseir òir aige; us thugadh dha moran tùise, gus an tairgeadh e suas urnaighean nan naomh uile air an altair òir, a tha air bialaobh cathair Dhe.
4
ʼS dhʼ eirich deathach tùis urnaighean nan naomh suas an lathair Dhe bho laimh an aingil.
5
ʼS ghlac an t-aingeal an tùiseir, us lion e le teine na h-altrach e, agus thilg e air an talamh e, agus bha tairneanaich ann, us guthan, us dealanaich agus crith-thalmhuinn mhor.
6
Agus dhʼ uidheamaich na seachd ainglean, aig an robh na seachd trombaidean, iad fhein gus an trombaid a sheideadh.
7
Agus sheid a chiad aingeal an trombaid; agus lean clachan-meallain, us teine measgte le fuil, agus thilgeadh air an talamh e, agus loisgeadh an treas cuid de ʼn talamh, us loisgeadh an treas cuid de na craobhan, us loisgeadh am fiar gorm gu leir.
8
Agus sheid an darna aingeal an trombaid; us thilgeadh mar gum bʼ eadh beinn mhor laiste le teine anns an fhairge, agus dhʼ fhàs an treas cuid de ʼn fhairge ʼna fuil,
9
Us bhàsaich an treas cuid de na creutairean sin aig an robh beatha sa mhuir, agus sgriosadh an treas cuid de na longan.
10
Agus sheid an treas aingeal an trombaid; us thuit reul mhor bho neamh, ʼna lasair mar lias, agus thuit i air an treas cuid de na h-aibhnichean, ʼs air na tobraichean uisge;
11
Us se ainm na reil Burmaid; us dhʼ fhas an treas cuid de na h-uisgeachan ʼnam burmaid; us bhàsaich moran dhaoine leis na h-uisgeachan, leis mar rinneadh searbh iad.
12
Agus sheid an ceathramh aingeal an trombaid; us bhuaileadh an treas cuid de ʼn ghrein, ʼs an treas cuid de ʼn ghealaich, ʼs an treas cuid de na reultan, air sheol ʼs gun dʼ rinneadh an treas cuid dhiubh dorcha, us dhʼ fhalbh an treas cuid de sholus an latha, ʼs na h-oidhche mar an ciadna.
13
Agus chunnaic mi, agus chual mi guth aon iolaire a g-itealaich troimh mhiadhon neamh, a g-radh le mor ghuth: Mo thruaighe, mo thruaighe, mo thruaighe do luchd-comhnuidh an talmhuinn as leth guthan nan tri ainglean eile, a tha fhathast gu an trombaid a sheideadh.
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 9 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22