bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Revelation 19
Revelation 19
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 20 →
1
An deigh nan nichean so chuala mi mar ghuth moran sluaigh air neamh, a g-radh: Alleluia: Tha sabhaladh, agus gloir, agus cumhachd dha ʼr Dia:
2
Oir firinneach agus ceart tha bhreitheanasan-sa, a thug breth air an striopaich mhoir, a thruaill an talamh le a striopachas, agus dhiughail e fuil a sheirbhiseach air a laimh:
3
Us thuirt iad a rithist: Alleluia. Agus eiridh a deathach suas a chaoidh ʼsa chaoidh.
4
Agus thuit na ceithir seanairean fichead, ʼs na ceithir beothaichean sios, us thug iad aoradh do Dhia, a tha ʼna shuidhe air a chathair, a g-radh: Amen: Alleluia.
5
ʼS thainig guth bho ʼn chathair, a g-radh: Thugaibh moladh dha ʼr Dia, sibhse a sheirbhisich gu leir; us sibhse anns am beil fhiamh, beag agus mor.
6
Agus chuala mi mar ghuth mor-shluaigh, ʼs mar fhuaim moran uisgeachan, ʼs mar ghuth thairneanach mora, a g-radh: Alleluia: oir righich an Tighearna ar Dia uile-chumhachdach.
7
Bithemid aighearach, ʼs dianamaid aoibhneas, us thugamaid gloir dha: oir thainig posadh an Uain, us dhʼ uidheamaich a chéile i fhein.
8
ʼS thugadh dhi i fhein eideadh le anart finealta, dearrsach agus geal. Oir se an t-anart finealta naomhachd nan naomh.
9
Us thuirt e rium: Sgriobh: Is beannaichte iadsan a fhuair cuireadh gu suipeir bainis an Uain; us thuirt e rium: Tha briathran so Dhe firinneach.
10
Us thuit mi sios aig a chasan gu aoradh a thoirt da. Us thuirt e rium: Fiach nach dian thu e: is mise do cho-sheirbhiseach, ʼs fear dhe do bhraithrean aig a bheil teisteanas Iosa. Thoir aoradh do Dhia. Oir se teisteanas Iosa spiorad na faisneachd.
11
Agus chunnaic mi neamh fosgailte, agus seall each geal, us ghairmteadh esan a bha ʼna shuidhe air Dileas agus Fior, agus le ceartas tha e toirt breth ʼsa cath.
12
Agus mar lasair theine bha shuilean, ʼs air a cheann bha ioma crùn, ʼs bha ainm aige sgriobhte, nach aithne do dhuine air bith ach dha fhein.
13
Agus bha e air eideadh le trusgan breac le fuil; agus se an tʼ ainm a theirear ris, Facal De.
14
Agus lean na h-armailtean a tha air neamh e air eich gheala, sgeadaichte an anart grinn, geal agus glan.
15
Agus a mach as a bhial thainig claidheamh giar dà-fhaobharach, gus na cinnich a bhualadh leis. Us riaghlaidh esan iad le slait iaruinn; agus se tha saltairt amar-fion garg-chorruich Dhe uile-chumhachdaich.
16
Agus air eideadh, ʼs air a leis tha aige sgriobhte: Righ nan righrean, agus tighearna nan tighearnan.
17
Agus chunnaic mi aon aingeal ʼna sheasamh sa ghrein, us dhʼ eigh e le guth ard, a g-radh ris na h-eoin uile, a bha falbh air iteig tromh mhiadhon an athair: Thigibh, tionailibh cruinn gu suipeir mhor Dhe;
18
Gus an ith sibh feoil righrean, us feoil uachdran, us feoil nan treun, us feoil each ʼs na feadhnach a tha nan suidhe orra, us feoil uile shaoranach agus dhaoranach, ʼs nam beag agus nam mor.
19
Us chunnaic mi an t-uilebheist, us righrean an talmhuinn, ʼs an armailtean air an cruinneachadh ri cheile gu cogadh ris-san a bha ʼna shuidhe air an each, ʼs ri armailt-san.
20
Us rugadh air an uilebheist, ʼs air an fhaidh-bhreige maille ris, a rinn comharraidhnean ʼna lathair, leis na mheall e an fheadhainn a ghabh comharradh an uilebheist, ʼsa thug aoradh dha iomhaigh. Thilgeadh an dithis sin beo anns an lochan theine a tha losgadh le pronnastul.
21
Agus mharbhadh a chuid eile leis a chlaidheamh, a thainig a mach as a bhial-san a shuidh air an each; us lionadh na h-eoin uile le ʼm feoil.
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 20 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22