bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Revelation 11
Revelation 11
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 12 →
1
Us thugadh cuilc dhomh coltach ri slait, us thuirteadh rium: Eirich, us tomhais teampull De, ʼs an altair, agus iadsan a tha g-aoradh ann.
2
Ach a chùirt, a tha air taobh-mach an teampuill, tilg a mach, ʼs na tomhais i: a chionn gun tugadh i do na cinnich, agus saltraidh iad air a bhaile naomh dàfhichead mios agus a dhà:
3
Agus bheir mi ordugh dha mo dhà fhianuis, us ni iad faisneachd mìle dà chiad ʼs tri fichead latha, air an eideadh ann an sac-aodach.
4
ʼSiad sin an dà chraoibh ola, ʼs an dà choinnleir, a tha ʼnan seasamh an lathair Tighearna an talmhuinn.
5
Agus ma chiurras duine air bith iad, thig teine a mach as am bial, agus sgriosaidh e an naimhdean; ʼs ma dhochnas neach air bith iad, ʼs ann mar so dhʼ fheumar a mharbhadh.
6
Aca so tha cumhachd an t-athar a dhunadh, gus nach sil e ri laithean am faisneachd; ʼs tha cumhachd aca thairis air na h-uisgeachan, gus an tionndadh gu fuil, agus an talamh a bhualadh le gach plaigh, cho tric agus a shanntuicheas iad.
7
Agus nuair a chriochnaicheas iad an teisteanas, ni an t-uilebheist, a thig a nuas as an aibheis, cogadh ʼnan aghaidh, ʼs bheir e buaidh orra, agus marbhaidh e iad.
8
Us laidhidh an cuirp air straidean a bhaile mhoir, ris an abrar gu spioradail Sodom agus an Eiphit, far na cheusadh an Tighearna aca cuideachd.
9
Agus chi feadhainn de na treibhean, ʼs de na sluaghan ʼs de na teangannan, ʼs de na cinnich, an cuirp tri latha gu leth; ʼs cha n-fhuilig iad an cuirp a chur an uaighean.
10
Us gabhaidh iadsan, a tha tamh air talamh, toil-inntinn thairis orra, us ni iad subhachas, agus cuiridh iad gibhtean gu cheile: a chionn gun do phian an dà fhaidh so luchd-comhnuidh an talmhuinn.
11
ʼS an deigh thri latha gu leth, chaidh spiorad na beatha bho Dhia a stigh unnta. Agus sheas iad air an casan, us thuit eagal mor orrasan a chunnaic iad.
12
Us chual iad guth mor bho neamh a cantuinn riu: Thigibh an aird an so. Us chaidh iad suas gu neamh ann an nial; agus chunnaic an naimhdean iad.
13
Agus san uair sin fhein bha crith-thalmhuinn mhor ann, us thuit an deicheamh cuid de ʼn bhaile; agus anns a chrith-thalmhuinn mharbhadh de dhʼ ainmeannan dhaoine seachd mile: us bhuail eagal a chuid eile, agus thug iad gloir do Dhia fhlathanais.
14
Chaidh an darna truaighe seachad; agus, seall, thig an treas truaighe gu h-aithghearr.
15
Agus sheid an seachdamh aingeal an trombaid: ʼs bha guthan mor air neamh a g-radh: A nis dhʼ aisigeadh rioghachd an t-saoghail so dha ʼr Tighearna agus dha Chriost-san, agus righichidh e fad linntean nan linntean. Amen.
16
Agus thuit na ceithir-thar-fhichead sheanairean, a tha ʼnan suidhe air an suidheachain an lathair Dhe, air an aghaidh, ʼs thug iad aoradh do Dhia, a g-radh:
17
Tha sinn a toirt buidheachais dhut, a Thighearna Dhia uile-chumhachdaich, a tha, ʼsa bha, ʼsa tha ri tighinn; a chionn gun do ghabh thu h-ugad fhein do mhor chumhachd, ʼs gun do righich thu.
18
Agus bha fearg air na cinnich, us thainig do chorruich, agus àm breth a thoirt air na mairbh, agus an duais a thoirt dha dʼ sheirbhisich na faidhean, ʼs na naoimh, us dhaibh-san air a bheil eagal t-ainme, beag us mor, agus iadsan a sgriosadh, a thruaill an talamh.
19
Agus dhʼ fhosgladh teampull Dhe air neamh; us chunnacas àirc a thiomnaidh ʼna theampull, agus bha dealanaich ann, agus guthan, agus crith-thalmhuinn, agus clachan-meallain mora.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22