bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Revelation 5
Revelation 5
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 6 →
1
Agus chunnaic mi ʼna laimh dheis-san, a shuidh air a chathair, leabhar air a sgriobhadh a mach ʼsa stigh, ʼs air a sheuladh le seachd seulan.
2
Agus chunnaic mi aingeal treun a g-eigheach le guth ard: Co is airidh air an leabhar fhosgladh, agus air a sheulan fhuasgladh?
3
Agus cha bʼ urrainn do dhʼ aon sa bith air neamh, no air talamh, no fo ʼn talamh an leabhar fhosgladh, no sealltuinn air.
4
Us rinn mi moran guil: a chionn nach robh a h-aon ri fhaighinn, a bʼ airidh air an leabhar fhosgladh, no coimhead air.
5
Us thuirt a h-aon de na seanairean rium: Na guil: seall, bhuadhaich an leomhan de threibh Iuda, friamh Dhài, gus an leabhar fhosgladh, ʼsa sheachd seulan fhuasgladh.
6
Agus seall mi: us fiach ann am miadhon na cathrach ʼs nan ceithir beothaichean, agus am miadhon nan seanairean, Uan ʼna sheasamh, mar gum bʼ ann air a mharbhadh, aig an robh seachd adhaircean agus seachd suilean, ʼsiad sin seachd spioraid Dhe, a chuireadh a mach feadh an talmhuinn uile.
7
Agus thainig e, us ghabh e an leabhar á laimh dheis-san, a bha ʼna shuidhe air a chathair.
8
ʼS nuair a dhʼ fhosgail e an leabhar, thuit na ceithir beothaichean, ʼs na ceithir-thar-fhichead sheanairean sios air bialaobh an Uain, ʼs aig gach aon aca clarsaichean, agus cupaichean òir lan de dhʼ fhàile cubhraidh, ʼsiad sin urnaighean nan naomh;
9
Agus sheinn iad laoidh ùr, a g-radh: Is airidh thu, a Thighearna, air an leabhar fhaighinn, ʼs air a sheulan fhosgladh: a chionn gun do mharbhadh thu, ʼs gun do cheannaich thu sinn do Dhia le dʼ fhuil as a h-uile treibh, agus teangaidh, agus sluagh, agas cinneadh;
10
Us rinn thu rioghachd agus sagairt dhinn dhaʼr Dia: us righichidh sinn air talamh.
11
Agus chunnaic mi, us chuala mi guth moran aingeal mun cuairt do ʼn chathair, ʼs do na beothaichean, ʼs do na seanairean, agus bʼ e an aireamh miltean de mhiltean,
12
A g-radh le guth ard: Is airidh an t-Uan, a chaidh a mharbhadh, air cumhachd, agus diadhachd, agus gliocas, agus neart, agus onair, agus gloir, agus beannachadh fhaighinn.
13
Agus chuala mi a h-uile creutair, a tha air neamh, ʼsa tha air talamh, agus fo ʼn talamh, us iadsan a tha sa mhuir, ʼsa mhiad ʼsa tha innte, a g-radh uile: Dhasan a tha ʼna shuidhe air a chathair, ʼs do ʼn Uan, gun robh beannachadh, us onair, us gioir, agus cumhachd a chaoidh nan caoidhean.
14
Agus thuirt na ceithir beothaichean: Amen. Agus thuit na ceithir-thar-fhichead sheanairean sios air an aghaidh, ʼs thug iad aoradh dhasan a tha beo fad shaoghal nan saoghal.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22