bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Revelation 13
Revelation 13
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 14 →
1
Agus chunnaic mi uilebheist a tighinn a nuas as a mhuir, aig an robh seachd cinn agus deich adhaircean, ʼs air ʼadhaircean deich crùintean, ʼs air a chinn ainmeannan blaisbheuma.
2
ʼ S bha an t-uilebheist a chunnaic mi coltach ri liopard, ʼs bha chasan mar chasan mhathghamhna, ʼsa bhial mar bhial leomhain. Agus thug an dreagon dha a neart fhein, ʼsa chumhachd mhor.
3
Us chunnaic mi fear de a chinn mar air a lot gu bàs, us leighiseadh a lot-bàis. Agus bha an talamh uile fo ioghnadh an deigh an uilebheist.
4
ʼS thug iad aoradh do ʼn dreagon, a thug cumhachd do ʼn uilebheist; ʼs thug iad aoradh do ʼn uilebheist, a g-radh: Co tha coltach ris an uilebheist? us co is urrainn cath ris?
5
Agus thugadh dha bial a labhairt nichean mora, agus bhlaisbheuman; ʼs thugadh cumhachd dha oibreachadh dàfhichead mios agus a dhà.
6
ʼS dhʼ fhosgail e bhial ann am blaisbheuman an aghaidh Dhe, gu toibheum a thoirt dha ʼainm, ʼs dha phaillinn, agus dhaibh-san a tha tamh air neamh.
7
Us thugadh comas dha cogadh a dhianamh an aghaidh nan naomh, ʼs buaidh a thoirt orra. Us thugadh cumhachd dha thairis air gach fine, us sluagh, us teanga, us cinneadh;
8
Agus thug iadsan uile, a tha tamh air talamh, aoradh dha, aig nach eil an ainmeannan sgriobhte an leabhar-beatha an Uain, a mharbhadh bho thoiseach an t-saoghail.
9
Ma tha cluas aig duine, eisdeadh e.
10
Esan a bheir am braighdeanas, theid e fhein am braighdeanas; esan a mharbhas leis a chlaidheamh, is dual da fhein a bhith air a mharbhadh leis a chlaidheamh. So far a bheil faighidin, agus creideamh nan naomh.
11
Agus chunnaic mi uilebheist eile a g-eirigh suas as an talamh, ʼs bha dà adhairc air coltach ri uan, ʼs bha e labhairt mar dhreagon.
12
Us chuir e an gniomh uile chumhachd a chiad uilebheist ʼna lathair; ʼs thug e air an talamh, us orrasan a tha tamh air, aoradh a thoirt do ʼn chiad uilebheist, dha ʼn do leighiseadh a lot-bàis.
13
Agus rinn e comharraidhnean mora, ionnus gun tug e air teine tighinn a nuas bho neamh gu talamh an sealladh dhaoine.
14
Us mheall e iadsan, a tha tamh air an talamh, leis na comharraidhnean a thugadh dha ri ʼn dianamh an lathair an uilebheist, a g-radh ri luchd-àiteachaidh an talmhuinn iad a dhianamh iomhaigh do ʼn uilebheist air a bheil lot a chlaidhimh, ʼsa dhʼ fhan beo.
15
ʼS thugadh dha, gun deach aige air beatha a thoirt do dhʼ iomhaigh an uilebheist, ʼs gum bruidhneadh iomhaigh an uilebheist; ʼs gun coisneadh e gun rachadh neach air bith nach tugadh aoradh do dhʼ iomhaigh an uilebheist a mharbhadh.
16
ʼS bheir e orra uile, beag us mor, beairteach us bochd, saoranach us daoranach, comharradh a bhith aca air an deas laimh, no air clar an aodainn:
17
Agus nach fhaodadh neach air bith ceannach no reic, ach am fear air am beil comharradh, no ainm an uilebheist, no aireamh ainme.
18
So far a bheil gliocas. Am fear aig a bheil tuigse, cunntadh aireamh an uilebheist. Oir is aireamh duine e: agus se ʼaireamh sia ciad tri-fichead agus sia.
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 14 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22