bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Revelation 14
Revelation 14
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 15 →
1
Agus chunnacas leam: agus, seall, bha Uan ʼna sheasamh air beinn Shioin, us maille ris ciad ʼs dàfhichead ʼs ceithir mile, air an robh ainm fhein, ʼs ainm ʼAthar, sgriobhte air clar an aodainn.
2
Agus chuala mi guth bho neamh, mar fhuaim moran uisgeachan, ʼs mar fhuaim tairneanaich mhoir; agus bha an guth a chuala mi mar ghuth chlarsairean ri clarsaireachd air an clarsaichean.
3
Us sheinn iad mar gum bʼ e laoidh ùr air bialaobh na cathrach, ʼs nan ceithir beothaichean, ʼs nan seanairean; ʼs cha bʼ urrainn do dhuine air bith an laoidh a sheinn, ach an ciad, an dà fhichead, ʼs na ceithir mile sin, a cheannaicheadh bho ʼn talamh.
4
ʼSiad sin iadsan nach do thruailleadh le boirionnaich: oir is oighean iad. Tha iad so a leantuinn an Uain, ge bʼ e taobh an teid e. Chaidh iad so a cheannach bho mheasg dhaoine ʼnan ciad thoradh do Dhia ʼs do ʼn Uan.
5
ʼS ʼnam bial cha dʼ fhuaradh briag: oir tha iad gun smal air bialaobh righ-chathair Dhe.
6
Agus chunnaic mi aingeal eile a falbh air iteig tromh mhiadhon neamh, aig an robh an soisgeul siorruidh gus a shearmonachadh dhaibh-san, a tha ʼnan suidhe air an talamh, ʼs thairis air gach cinneadh, agus fine, agus teangaidh, agus sluagh:
7
A g-radh le guth ard: Biodh eagal an Tighearna oirbh, us thugaibh onair dha: a chionn gum beil uair a bhreitheanais air tighinn; agus thugaibh aoradh dhasan, a rinn neamh, agus talamh, a mhuir, agus na tobraichean uisge.
8
ʼS lean aingeal eile, a g-radh: Thuit, thuit a Bhabilon mhor ud, a thug air na cinnich uile ol de dhʼ fhion fearg a striopachais.
9
Agus lean an treas aingeal iad, a g-radh le guth ard: Ma bheir duine air bith aoradh do ʼn uilebheist, ʼs dha iomhaigh, ʼs ma ghabhas e a chomharradh air aodann, no air a laimh:
10
Olaidh esan de dhʼ fhion fearg Dhe, a tha measgaichte le fior fhion ann an cupa fheirge, agus pianar e le teine ʼs le pronnastul an lathair nan aingeal naomh, agus an lathair an Uain;
11
Agus eiridh toit an doruinn suas a chaoidh agus a chaoidh; agus fois cha n-eil a latha no dhʼoidhche aca-san, a thug aoradh do ʼn uilebheist ʼs dha iomhaigh, no aig aon a ghabhas comharradh ʼainme.
12
So far a bheil faighidin nan naomh, a tha cumail faintean Dhe agus creideamh Iosa.
13
Us chuala mi guth bho neamh a cantuinn rium: Sgriobh: Is beannaichte na mairbh a chaochlas san Tighearna. A so suas, os an Spiorad, gun gabh iad fois bho ʼn saothair: oir leanaidh an oibrichean iad.
14
Agus chunnaic mi, us seall nial geal; us neach ʼna shuidhe air an nial coltach ri Mac an duine, agus air a cheann bha crùn òir, us speal ghiar ʼna laimh.
15
Us thainig aingeal eile a mach as an teampull, a glaodhaich le guth ard ris-san a bha ʼna shuidhe air an nial: Sparr a stigh do speal, us buain, oir tha uair na buana air tighinn, ʼs gum beil faghar an talmhuinn abuich.
16
Us sparr esan, a bha ʼna shuidhe air an nial, a speal san talamh, agus bhuaineadh an talamh.
17
Us thainig aingeal eile mach as an teampull a tha air neamh, aige-san cuideachd bha speal ghiar.
18
Us thainig aingeal eile mach as an altair, aig an robh cumhachd thairis air teine; us dhʼ eigh e le guth ard ris-san aig an robh an speal ghiar, a g-radh: Sparr a stigh do speal ghiar, agus buain bagaidean fionlios an talmhuinn; oir tha a dhearcan-fiona abuich.
19
Agus sparr an t-aingeal a speal ghiar san talamh, us bhuain e fionlios an talmhuinn, us thilg e e ann am fion-amar mor fearg Dhe;
20
Agus shaltradh am fion-amar taobh-mach a bhaile, agus thainig fuil a mach as an amar suas gu ruig strianan nan each, fad mile us sia ciad stàd.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22