bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Psalms 18
Psalms 18
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 67
Chapter 68
Chapter 69
Chapter 70
Chapter 71
Chapter 72
Chapter 73
Chapter 74
Chapter 75
Chapter 76
Chapter 77
Chapter 78
Chapter 79
Chapter 80
Chapter 81
Chapter 82
Chapter 83
Chapter 84
Chapter 85
Chapter 86
Chapter 87
Chapter 88
Chapter 89
Chapter 90
Chapter 91
Chapter 92
Chapter 93
Chapter 94
Chapter 95
Chapter 96
Chapter 97
Chapter 98
Chapter 99
Chapter 100
Chapter 101
Chapter 102
Chapter 103
Chapter 104
Chapter 105
Chapter 106
Chapter 107
Chapter 108
Chapter 109
Chapter 110
Chapter 111
Chapter 112
Chapter 113
Chapter 114
Chapter 115
Chapter 116
Chapter 117
Chapter 118
Chapter 119
Chapter 120
Chapter 121
Chapter 122
Chapter 123
Chapter 124
Chapter 125
Chapter 126
Chapter 127
Chapter 128
Chapter 129
Chapter 130
Chapter 131
Chapter 132
Chapter 133
Chapter 134
Chapter 135
Chapter 136
Chapter 137
Chapter 138
Chapter 139
Chapter 140
Chapter 141
Chapter 142
Chapter 143
Chapter 144
Chapter 145
Chapter 146
Chapter 147
Chapter 148
Chapter 149
Chapter 150
Chapter 19 →
1
Gràdhaichidh mi thu, a Thighearna mo neart.
2
Is e an Tighearna mo charraig agus mo dhaingneach agus m’fhear‐saoraidh; mo Dhia, mo chreag anns an cuir mi mo dhòchas; mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd.
3
Gairmidh mi air an Tighearna as airidh air cliù, agus om naimhdean saorar mi.
4
Chuartaich piantan a’ bhàis mi, agus chuir tuiltean dhroch dhaoine eagal orm.
5
Chuartaich piantan ifrinn mi; ghabh lìontan a’ bhàis romham.
6
Am èiginn ghairm mi air an Tighearna, agus rim Dhia ghlaodh mi; chuala e as a theampall mo ghuth, agus thàinig mo ghlaodh na làthair da chluasan.
7
An sin chrathadh agus chriothnaich an talamh, agus ghluaiseadh bunaitean nam beann agus chrathadh iad, a chionn gu robh corraich air.
8
Chaidh deatach suas as a shròin, agus dhian‐loisg teine as a bheul; lasadh èibhlean leis.
9
Agus lùb e na nèamhan, agus thùirling e a‑nuas, agus bha dorchadas fo a chasan.
10
Agus mharcaich e air cerub, agus chaidh e air iteig, agus dh’itealaich e air sgiathan na gaoithe.
11
Chuir e dorchadas mar ionad diamhair mun cuairt air; bu phàillean dha duibhre uisgeachan, neòil nan speur.
12
On dealradh a bha fa chomhair chaidh a neòil thairis, clachan‐meallain agus èibhlean teine.
13
Agus rinn an Tighearna tàirneanaich anns na speuran, agus chuir an Tì as àirde a‑mach a ghuth.
14
Agus chuir e a‑mach a shaighdean, agus sgap e iad, agus thilg e mòran tein‐adhair, agus chlaoidh e iad.
15
Agus chunnacas aigean nan uisgeachan, agus nochdadh bunaitean an domhain led achmhasan, a Thighearna, le sèideadh anail d’fheirge.
16
Chuir e a‑nuas on àirde, ghlac e mi, tharraing e mi à uisgeachan lìonmhor.
17
Shaor e mi om nàmhaid làidir, agus uapasan a dh’fhuathaich mi, oir bu treasa iad na mise.
18
Ghabh iad romham ann an là m’àmhghair, ach bha an Tighearna na chùl‐taice dhomh.
19
Agus thug e a‑mach mi gu ionad farsaing; shaor e mi, a chionn gun do ghabh e tlachd annam.
20
Thug an Tighearna luigheachd dhomh a rèir m’ionracais; a rèir glaine mo làmh dhìol e dhomh.
21
Oir ghlèidh mi slighean an Tighearna, agus cha do chlaon mi gu h‑aingidh om Dhia.
22
Oir bha a bhreitheanais uile am fhianais, agus a reachdan cha do chuir mi uam.
23
Agus bha mi ionraic na fhianais, agus ghlèidh mi mi fhèin om aingidheachd.
24
Uime sin dhìol an Tighearna dhomh a rèir m’ionracais, a rèir glaine mo làmh ann an sealladh a shùl.
25
Don duine thròcaireach nochdaidh tu thu fhèin tròcaireach; don duine ionraic nochdaidh tu thu fhèin ionraic.
26
Don duine ghlan nochdaidh tu thu fhèin glan; agus don duine reasgach nochdaidh tu thu fhèin reasgach.
27
Oir saoraidh tu an sluagh a tha fo àmhghar; ach na sùilean àrda bheir thu a‑nuas.
28
Oir lasaidh tusa mo lòchran, a Thighearna; soillsichidh mo Dhia mo dhorchadas.
29
Oir leatsa ruith mi tro bhuidhinn, agus lem Dhia leum mi thar balla.
30
A‑thaobh Dhè tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh; is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann.
31
Oir cò as Dia ann ach an Tighearna? Agus cò as carraig ann ach ar Dia‑ne?
32
Is e Dia a tha gam chrioslachadh le neart, agus a’ dèanamh mo shlighe iomlan.
33
Tha e a’ dèanamh mo chas mar chasan èilde, agus gam shocrachadh air m’àitean àrda.
34
Tha e ag ionnsachadh mo làmh gu cath, air chor is gum brisear bogha umha lem ghàirdeanan.
35
Agus thug thu dhomh sgiath do shlàinte; agus chùm do dheaslàmh suas mi, agus rinn do choibhneas mòr mi.
36
Rinn thu mo cheuman farsaing fodham, air chor is nach do shleamhnaich mo chasan.
37
Lean mi mo naimhdean, agus rug mi orra, agus cha do thill mi air m’ais gus an do chuir mi as dhaibh.
38
Lot mi iad, agus cha bhi e an comas dhaibh èirigh; thuit iad fom chasan.
39
Oir chrioslaich thu mi le neart a‑chum catha; leag thu sìos fodham iadsan a dh’èireas suas am aghaidh.
40
Agus thug thu dhomh mo naimhdean air mhuineal, iadsan a dh’fhuathaich mi, agus gheàrr mi as iad.
41
Ghlaodh iad, ach cha robh fear‐saoraidh ann; eadhon air an Tighearna, ach cha do fhreagair e iad.
42
An sin mhìn‐phronn mi iad mar dhuslach fa chomhair na gaoithe; mar chlàbar na sràide bhrùth mi iad.
43
Shaor thu mi o chòmhstri an t‑sluaigh; rinn thu mi am cheann air na cinnich; nì sluagh nach b’aithne dhomh seirbhis dhomh.
44
Cho luath is a chluinneas iad, gèillidh iad dhomh; strìochdaidh coigrich dhomh.
45
Seargaidh coigrich as, agus bidh eagal orra a‑mach as an àitean‐daingeann.
46
Is beò an Tighearna, agus guma beannaichte mo charraig‐sa, agus air àrdachadh gu robh Dia mo shlàinte!
47
Is e Dia a nì dìoghaltas air mo shon, agus a chuireas an sluagh fodham;
48
A shaoras mi om naimhdean. Seadh, os an cionn‐san a dh’èireas suas am aghaidh togaidh tusa suas mi; o fhear an ainneirt saoraidh tu mi.
49
Uime sin cliùthaichidh mi thu, a Thighearna, am measg nan cinneach, agus seinnidh mi dod ainm.
50
Bheir esan saorsa mhòr da rìgh, agus nochdaidh e tròcair da aon ungte fhèin, do Dhaibhidh agus da shliochd gu bràth.
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 67
Chapter 68
Chapter 69
Chapter 70
Chapter 71
Chapter 72
Chapter 73
Chapter 74
Chapter 75
Chapter 76
Chapter 77
Chapter 78
Chapter 79
Chapter 80
Chapter 81
Chapter 82
Chapter 83
Chapter 84
Chapter 85
Chapter 86
Chapter 87
Chapter 88
Chapter 89
Chapter 90
Chapter 91
Chapter 92
Chapter 93
Chapter 94
Chapter 95
Chapter 96
Chapter 97
Chapter 98
Chapter 99
Chapter 100
Chapter 101
Chapter 102
Chapter 103
Chapter 104
Chapter 105
Chapter 106
Chapter 107
Chapter 108
Chapter 109
Chapter 110
Chapter 111
Chapter 112
Chapter 113
Chapter 114
Chapter 115
Chapter 116
Chapter 117
Chapter 118
Chapter 119
Chapter 120
Chapter 121
Chapter 122
Chapter 123
Chapter 124
Chapter 125
Chapter 126
Chapter 127
Chapter 128
Chapter 129
Chapter 130
Chapter 131
Chapter 132
Chapter 133
Chapter 134
Chapter 135
Chapter 136
Chapter 137
Chapter 138
Chapter 139
Chapter 140
Chapter 141
Chapter 142
Chapter 143
Chapter 144
Chapter 145
Chapter 146
Chapter 147
Chapter 148
Chapter 149
Chapter 150
Chapter 19 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66
67
68
69
70
71
72
73
74
75
76
77
78
79
80
81
82
83
84
85
86
87
88
89
90
91
92
93
94
95
96
97
98
99
100
101
102
103
104
105
106
107
108
109
110
111
112
113
114
115
116
117
118
119
120
121
122
123
124
125
126
127
128
129
130
131
132
133
134
135
136
137
138
139
140
141
142
143
144
145
146
147
148
149
150