bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Psalms 78
Psalms 78
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 77
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 67
Chapter 68
Chapter 69
Chapter 70
Chapter 71
Chapter 72
Chapter 73
Chapter 74
Chapter 75
Chapter 76
Chapter 77
Chapter 78
Chapter 79
Chapter 80
Chapter 81
Chapter 82
Chapter 83
Chapter 84
Chapter 85
Chapter 86
Chapter 87
Chapter 88
Chapter 89
Chapter 90
Chapter 91
Chapter 92
Chapter 93
Chapter 94
Chapter 95
Chapter 96
Chapter 97
Chapter 98
Chapter 99
Chapter 100
Chapter 101
Chapter 102
Chapter 103
Chapter 104
Chapter 105
Chapter 106
Chapter 107
Chapter 108
Chapter 109
Chapter 110
Chapter 111
Chapter 112
Chapter 113
Chapter 114
Chapter 115
Chapter 116
Chapter 117
Chapter 118
Chapter 119
Chapter 120
Chapter 121
Chapter 122
Chapter 123
Chapter 124
Chapter 125
Chapter 126
Chapter 127
Chapter 128
Chapter 129
Chapter 130
Chapter 131
Chapter 132
Chapter 133
Chapter 134
Chapter 135
Chapter 136
Chapter 137
Chapter 138
Chapter 139
Chapter 140
Chapter 141
Chapter 142
Chapter 143
Chapter 144
Chapter 145
Chapter 146
Chapter 147
Chapter 148
Chapter 149
Chapter 150
Chapter 79 →
1
Eisdibh, O mo shluagh, rim reachd; aomaibh ur cluas a‑chum briathran mo bheòil.
2
Fosglaidh mi mo bheul ann an cosamhlachd; cuiridh mi sean‐fhacail dhorcha an cèill,
3
A chuala sinn, agus a b’aithne dhuinn, agus a dh’innis ar n‑athraichean dhuinn.
4
Cha cheil sinn air an cloinn iad, a’ foillseachadh cliù an Tighearna don àl a tha ri teachd, agus a neart agus a obraichean iongantach a rinn e;
5
Oir chuir e suas teisteas ann an Iàcob, agus shuidhich e lagh ann an Israel, a dh’àithn e dar n‑athraichean gun dèanadh iad aithnichte dan cloinn;
6
A‑chum gum biodh fhios aig an àl ri teachd orra, gun èireadh a’ chlann a bheirte, agus gun cuireadh iad an cèill iad dan cloinn fhèin;
7
Agus gun cuireadh iad an dòchas ann an Dia, agus nach dìochuimhnicheadh iad obraichean Dhè, ach gun gleidheadh iad a àitheantan;
8
Agus nach biodh iad mar an athraichean, nan ginealach reasgach agus ceannairceach, ginealach nach do shuidhich an cridhe gu ceart, agus nach robh an spiorad tairis do Dhia.
9
Ged bha clann Ephraim fon airm, agus ged thilg iad le bogha, thill iad air an ais ann an là catha.
10
Cha do ghlèidh iad coicheangal Dhè, agus dhiùlt iad imeachd na reachd.
11
Agus dhìochuimhnich iad a obraichean, agus a iongantasan a nochd e dhaibh.
12
An làthair an athraichean rinn e nithean iongantach, ann an tìr na h‑Eiphit, ann am machair Shòain.
13
Sgoilt e an fhairge, agus thug e iadsan thairis, agus thug e air na h‑uisgeachan seasamh mar thòrr.
14
Agus stiùir e iad le neul anns an là, agus air feadh na h‑oidhche le solas teine.
15
Sgoilt e na creagan anns an fhàsach, agus thug e deoch dhaibh, mar a doimhneachdan mòra.
16
Agus thug e sruthan a‑mach as a’ charraig, agus thug e air uisgeachan ruith sìos mar aibhnichean.
17
Gidheadh pheacaich iad fhathast nas mò na aghaidh, a’ brosnachadh an Tì as àirde anns an fhàsach.
18
Agus bhuair iad Dia nan cridhe, ag iarraidh bìdh dam miann.
19
Seadh, labhair iad an aghaidh Dhè; thubhairt iad, An urrainn Dia bòrd a dheasachadh anns an fhàsach?
20
Feuch, bhuail e a’ chreag, agus bhrùchd uisgeachan a‑mach, agus dh’èirich na tuiltean. An urrainn e mar an ceudna aran a thabhairt? An deasaich e feòil da shluagh?
21
Uime sin, chuala an Tighearna, agus bha corraich air, agus las teine an aghaidh Iàcoib, agus mar an ceudna dh’èirich fearg an aghaidh Israeil;
22
A chionn nach do chreid iad ann an Dia, agus nach d’earb iad as a shlàinte;
23
Ged dh’àithn e do na neòil on àirde, agus ged dh’fhosgail e dorsan nan nèamh;
24
Agus ged fhras e a‑nuas mana orra ri ithe, agus ged thug e dhaibh coirce nan nèamh.
25
Dh’ith daoine biadh nan aingeal; thug e dhaibh an sàth de lòn.
26
Thug e air gaoith an ear imeachd anns na nèamhan, agus le a neart thug e a‑steach a’ ghaoth a deas.
27
Agus fhras e a‑nuas feòil orra mar dhuslach, agus eunlaith iteagach mar ghaineamh na fairge.
28
Agus thug e orra tuiteam am meadhon an campa, mu thimcheall an àitean‐còmhnaidh.
29
Agus dh’ith iad, agus làn‐shàsaicheadh iad, oir thug e dhaibh am miann fhèin.
30
Cha robh iad air an sgarachdainn om miann; fhathast bha am biadh nam beul.
31
An sin thàinig fearg Dhè orra, agus mharbh e iadsan a bu shultmhoire dhiubh, agus leag e sìos daoine taghte Israeil.
32
An dèidh seo gu lèir, pheacaich iad fhathast, agus cha do chreid iad airson a obraichean iongantach‐san.
33
Uime sin chaith e an làithean ann an dìomhanas, agus am bliadhnachan ann an uamhas.
34
Nuair a mharbh e iad, an sin dh’iarr iad e, agus thill iad, agus bha iad gu moch ag iarraidh Dhè;
35
Agus chuimhnich iad gum b’e Dia an carraig, agus an Dia as àirde am fear‐saoraidh.
36
Ach rinn iad miodal ris lem beul, agus rinn iad breug dha len teangaidh,
37
Oir cha robh an cridhe ceart maille ris, agus cha robh iad dìleas na choicheangal.
38
Gidheadh, gu h‑iochdmhor mhaith esan an lochd, agus cha do sgrios e iad; seadh, iomadh uair thionndaidh e a fhearg uaithe, agus cha do dhùisg e a chorraich uile.
39
Oir chuimhnich e nach robh annta ach feòil; osag gaoithe a shiùbhlas, agus nach till a‑rìs.
40
Cia tric a bhrosnaich iad e anns an fhàsach, a chuir iad campar air anns an ionad uaigneach?
41
Seadh, thill iad air an ais, agus bhuair iad Dia, agus chuir iad tomhas air Aon naomh Israeil.
42
Cha do chuimhnich iad a làmh, no an là air an do shaor e iad on nàmhaid;
43
Mar a nochd e a chomharraidhean anns an Eiphit, agus a obraichean iongantach ann am machair Shòain;
44
Agus a thionndaidh e an uisgeachan gu fuil, agus an sruthan, air chor is nach faodte òl dhiubh;
45
A chuir e nam measg iomadh gnè chuileag a dh’ith suas iad, agus losgainn a sgrios iad;
46
A thug e an toradh don bhurras, agus an saothair don lòcast;
47
A mhill e an croinn‐fhìona le cloich‐mheallain, agus an croinn‐fhìge le reothadh;
48
Agus a thug e thairis am feudail don chloich‐mheallain, agus an treudan don tein‐adhair;
49
A thilg e orra teas a fheirge, boile agus corraich, agus teinn, le ainglean olca a chuir e nam measg;
50
A rinn e slighe da fheirg, nach do chaomhain e an anam on bhàs, ach a thug e thairis an anam don phlàigh;
51
Agus a bhuail e gach ciad‐ghin anns an Eiphit, toiseach an neirt ann am pàilleanan Ham;
52
Ach a thug e a‑mach mar chaoraich a shluagh fhèin, agus a threòraich e iad mar threud anns an fhàsach;
53
Agus a stiùir e iad gu tèarainte, air chor is nach robh eagal orra, ach a chòmhdaich an fhairge an naimhdean;
54
Agus a thug e iad gu crìch a ionaid naoimh‐san, don t‑sliabh seo a choisinn a dheaslàmh;
55
Agus a thilg e a‑mach na cinnich romhpa, agus a roinn e oighreachd dhaibh le crannchur, agus a thug e air treubhan Israeil còmhnaidh a ghabhail nam pàilleanan‐san.
56
Gidheadh bhuair agus bhrosnaich iad an Dia as àirde, agus cha do ghlèidh iad a theisteas.
57
Ach thill iad, agus ghluais iad gu fealltach mar an athraichean; chaidh iad a thaobh, mar bhogha fiar.
58
Agus bhrosnaich iad e len ionadan àrda, agus len dealbhan geàrrte dhùisg iad e gu eud.
59
Chuala Dia, agus bha fearg air, agus ghabh e gràin mhòr de Israel;
60
Agus thrèig e pàillean Shiloh, am bùth a shuidhich e am measg dhaoine;
61
Agus thug e suas a neart gu braighdeanas, agus a ghlòir do làimh an nàmhaid;
62
Agus thug e thairis a shluagh don chlaidheamh, agus ghabh e fearg ra oighreachd.
63
Loisg an teine an òigridh, agus cha d’fhuair an òighean pòsadh.
64
Thuit an sagartan leis a’ chlaidheamh, agus cha do rinn am bantraichean bròn.
65
An sin mhosgail an Tighearna mar neach a bha na chadal, mar churaidh a nì iolach an dèidh dha fìon òl.
66
Agus bhuail e a naimhdean nan deireadh; thug e masladh bithbhuan dhaibh.
67
Agus dhiùilt e pàillean Iòseiph, agus cha do thagh e treubh Ephraim;
68
Ach thagh e treubh Iùdah, sliabh Shioin a ghràdhaich e;
69
Agus thog e a ionad naomh fhèin mar lùchairt àrd, mar an talamh a shuidhich e gu bràth;
70
Agus thagh e Daibhidh a òglach, agus thug e e o chrò nan caorach;
71
O bhith an dèidh nan caorach a bha trom le àl, thug e e a bheathachadh Iàcoib a shluagh, agus Israel a oighreachd.
72
Agus bheathaich e iad a rèir ionracas a chridhe, agus le seòltachd a làmh stiùir e iad.
← Chapter 77
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 67
Chapter 68
Chapter 69
Chapter 70
Chapter 71
Chapter 72
Chapter 73
Chapter 74
Chapter 75
Chapter 76
Chapter 77
Chapter 78
Chapter 79
Chapter 80
Chapter 81
Chapter 82
Chapter 83
Chapter 84
Chapter 85
Chapter 86
Chapter 87
Chapter 88
Chapter 89
Chapter 90
Chapter 91
Chapter 92
Chapter 93
Chapter 94
Chapter 95
Chapter 96
Chapter 97
Chapter 98
Chapter 99
Chapter 100
Chapter 101
Chapter 102
Chapter 103
Chapter 104
Chapter 105
Chapter 106
Chapter 107
Chapter 108
Chapter 109
Chapter 110
Chapter 111
Chapter 112
Chapter 113
Chapter 114
Chapter 115
Chapter 116
Chapter 117
Chapter 118
Chapter 119
Chapter 120
Chapter 121
Chapter 122
Chapter 123
Chapter 124
Chapter 125
Chapter 126
Chapter 127
Chapter 128
Chapter 129
Chapter 130
Chapter 131
Chapter 132
Chapter 133
Chapter 134
Chapter 135
Chapter 136
Chapter 137
Chapter 138
Chapter 139
Chapter 140
Chapter 141
Chapter 142
Chapter 143
Chapter 144
Chapter 145
Chapter 146
Chapter 147
Chapter 148
Chapter 149
Chapter 150
Chapter 79 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66
67
68
69
70
71
72
73
74
75
76
77
78
79
80
81
82
83
84
85
86
87
88
89
90
91
92
93
94
95
96
97
98
99
100
101
102
103
104
105
106
107
108
109
110
111
112
113
114
115
116
117
118
119
120
121
122
123
124
125
126
127
128
129
130
131
132
133
134
135
136
137
138
139
140
141
142
143
144
145
146
147
148
149
150