bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Psalms 69
Psalms 69
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 68
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 67
Chapter 68
Chapter 69
Chapter 70
Chapter 71
Chapter 72
Chapter 73
Chapter 74
Chapter 75
Chapter 76
Chapter 77
Chapter 78
Chapter 79
Chapter 80
Chapter 81
Chapter 82
Chapter 83
Chapter 84
Chapter 85
Chapter 86
Chapter 87
Chapter 88
Chapter 89
Chapter 90
Chapter 91
Chapter 92
Chapter 93
Chapter 94
Chapter 95
Chapter 96
Chapter 97
Chapter 98
Chapter 99
Chapter 100
Chapter 101
Chapter 102
Chapter 103
Chapter 104
Chapter 105
Chapter 106
Chapter 107
Chapter 108
Chapter 109
Chapter 110
Chapter 111
Chapter 112
Chapter 113
Chapter 114
Chapter 115
Chapter 116
Chapter 117
Chapter 118
Chapter 119
Chapter 120
Chapter 121
Chapter 122
Chapter 123
Chapter 124
Chapter 125
Chapter 126
Chapter 127
Chapter 128
Chapter 129
Chapter 130
Chapter 131
Chapter 132
Chapter 133
Chapter 134
Chapter 135
Chapter 136
Chapter 137
Chapter 138
Chapter 139
Chapter 140
Chapter 141
Chapter 142
Chapter 143
Chapter 144
Chapter 145
Chapter 146
Chapter 147
Chapter 148
Chapter 149
Chapter 150
Chapter 70 →
1
Teasairg mi, a Dhè, oir thàinig na h‑uisgeachan a‑steach gu ruig m’anam.
2
Tha mi a’ dol fodha ann an làthaich dhomhain, gun àite gu seasamh; tha mi air teachd gu doimhneachdan nan uisgeachan, agus tha an sruth a’ dol tharam.
3
Tha mi sgìth lem ghlaodhaich; tha mo sgòrnan air tiormachadh; tha mo shùilean air fàilneachadh le feitheamh air mo Dhia.
4
Is lìonmhoire na falt mo chinn iadsan aig a bheil fuath dhomh gun adhbhar; tha iadsan air fàs làidir lem b’àill mo mhilleadh, a tha nan naimhdean dhomh gu h‑eucorach; an nì sin nach tug mi leam, an sin is èiginn dhomh a aiseag.
5
Tha fhios agadsa, a Dhè, air m’amaideachd, agus chan eil mo lochdan falaichte ortsa.
6
Na biodh nàire air mo sgàth‐sa orrasan a dh’fheitheas ortsa, a Thighearna Dhè nan slògh; na biodh, air mo sgàth‐sa, amhluadh orrasan a dh’iarras thusa, a Dhè Israeil.
7
Oir air do sgàth‐sa dh’fhuiling mi masladh; chòmhdaich amhluadh mo ghnùis.
8
Is coigreach mi dom bhràithrean, agus coimheach do chloinn mo mhàthar.
9
Oir dh’ith eud do thaighe suas mi, agus ormsa thuit toibheum na muinntir sin a thug toibheum dhutsa.
10
Agus nuair a dh’irioslaich mi m’anam le trasgadh, bha e na mhasladh dhomh.
11
Agus rinn mi mo chulaidh de shac‐aodach, agus bha mi am leth‐fhacal aca.
12
Tha iadsan a tha nan suidhe anns a’ gheata a’ labhairt am aghaidh, agus tha mi am òran acasan a tha ag òl dibhe làidir.
13
Ach air mo shonsa, tha m’ùrnaigh riutsa, a Thighearna, ann an àm taitneach; a Dhè, ann an lìonmhorachd do thròcair èisd rium, ann am fìrinn do shlàinte.
14
Saor mi on làthaich, agus na racham sìos; teasairgear mi uapasan lem fuathach mi, agus o na h‑uisgeachan domhain.
15
Na rachadh tuil nan uisgeachan tharam, agus na sluigeadh an doimhneachd mi, agus na druideadh an sloc a bheul orm!
16
Eisd rium, a Thighearna, oir is math do choibhneas gràdhach; a rèir lìonmhorachd do chaomh‐thròcairean till rium.
17
Agus na falaich do ghnùis od òglach, oir tha mi ann an airc; èisd rium gu grad.
18
Druid rim anam, saor e; do bhrìgh m’eascairdean, teasairg mi.
19
Is aithne dhut mo mhasladh agus mo nàire agus mo mhì‐chliù; ad fhianais tha mo naimhdean uile.
20
Bhris masladh mo chridhe agus tha mi iarganach, agus dh’amhairc mi airson neach a ghabhadh truas, ach cha robh e ann; agus airson luchd‐comhfhurtachd, ach cha d’fhuair mi iad.
21
Agus thug iad dhomh, mar mo bhiadh, domblas; agus ann am ìotadh thug iad dhomh fìon‐geur ri òl.
22
Biodh am bòrd fan comhair mar ribe, agus an soirbheachadh mar cheap‐tuislidh dhaibh.
23
Dorchaichear an sùilean a‑chum nach faic iad; agus thoir air an leasraidh a‑ghnàth a bhith air chrith.
24
Dòirt d’fhearg orra, agus glacadh do chorraich gheur iad.
25
Biodh an àite‐tàimh fàs; nam pàilleanan na gabhadh neach còmhnaidh!
26
Oir gheur‐lean iad an tì a bhuail thusa, agus labhair iad a‑chum doilgheis dhaibhsan a lot thu.
27
Cuir euceart rin euceart, agus na tigeadh iad a‑steach ad fhìreantachd‐sa.
28
Dubh a‑mach iad à leabhar nam beò, agus maille ris na fìreanan na sgrìobhar iad.
29
Ach mise, a tha bochd agus brònach, togadh do shlàinte, a Dhè, an àird mi.
30
Molaidh mise ainm Dhè le òran, agus àrdaichidh mi e le breith‐buidheachais.
31
Agus is fheàrr leis an Tighearna seo na damh, na tarbh òg a tha adharcach, crodhanach.
32
Chì na daoine sèimhe seo, agus bidh aoibhneas orra; sibhse a dh’iarras an Tighearna, bidh ur cridhe beò.
33
Oir èisdidh an Tighearna ri bochdan, agus cha dèan e tàir air a phrìosanaich.
34
Moladh na nèamhan agus an talamh e, na cuantan agus gach nì a ghluaiseas annta!
35
Oir saoraidh Dia Sion, agus togaidh e bailtean Iùdah, agus gabhaidh iad còmhnaidh an sin, agus mealaidh iad i.
36
Sealbhaichidh sliochd a sheirbhiseach i, agus gabhaidh iadsan a ghràdhaicheas a ainm‐san còmhnaidh innte.
← Chapter 68
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 67
Chapter 68
Chapter 69
Chapter 70
Chapter 71
Chapter 72
Chapter 73
Chapter 74
Chapter 75
Chapter 76
Chapter 77
Chapter 78
Chapter 79
Chapter 80
Chapter 81
Chapter 82
Chapter 83
Chapter 84
Chapter 85
Chapter 86
Chapter 87
Chapter 88
Chapter 89
Chapter 90
Chapter 91
Chapter 92
Chapter 93
Chapter 94
Chapter 95
Chapter 96
Chapter 97
Chapter 98
Chapter 99
Chapter 100
Chapter 101
Chapter 102
Chapter 103
Chapter 104
Chapter 105
Chapter 106
Chapter 107
Chapter 108
Chapter 109
Chapter 110
Chapter 111
Chapter 112
Chapter 113
Chapter 114
Chapter 115
Chapter 116
Chapter 117
Chapter 118
Chapter 119
Chapter 120
Chapter 121
Chapter 122
Chapter 123
Chapter 124
Chapter 125
Chapter 126
Chapter 127
Chapter 128
Chapter 129
Chapter 130
Chapter 131
Chapter 132
Chapter 133
Chapter 134
Chapter 135
Chapter 136
Chapter 137
Chapter 138
Chapter 139
Chapter 140
Chapter 141
Chapter 142
Chapter 143
Chapter 144
Chapter 145
Chapter 146
Chapter 147
Chapter 148
Chapter 149
Chapter 150
Chapter 70 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66
67
68
69
70
71
72
73
74
75
76
77
78
79
80
81
82
83
84
85
86
87
88
89
90
91
92
93
94
95
96
97
98
99
100
101
102
103
104
105
106
107
108
109
110
111
112
113
114
115
116
117
118
119
120
121
122
123
124
125
126
127
128
129
130
131
132
133
134
135
136
137
138
139
140
141
142
143
144
145
146
147
148
149
150