bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Numbers 19
Numbers 19
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 20 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh,
2
Is e seo òrdagh an lagha a dh’àithn an Tighearna, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, iad a thoirt ad ionnsaigh agh ruadh gun ghaoid, air nach eil smal, agus nach robh riamh fo chuing.
3
Agus bheir sibh i a dh’ionnsaigh Eleàsair an sagart; agus bheirear i an taobh a‑muigh den champ, agus marbhar i na fhianais.
4
Agus gabhaidh Eleàsar an sagart cuid de a fuil le a mheur, agus crathaidh e cuid de a fuil dìreach fa chomhair pàillean a’ choitheanail seachd uairean.
5
Agus loisgidh neach an t‑agh na shealladh; a seiche, agus a feòil, agus a fuil, maille ra h‑aolach, loisgidh e.
6
Agus gabhaidh an sagart fiodh seudair, agus hiosop, agus sgàrlaid, agus tilgidh e sin am meadhon losgadh an aighe.
7
An sin nighidh an sagart a aodach, agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge, agus an dèidh sin thig e a‑steach don champ, agus bidh an sagart neòghlan gu feasgar.
8
Agus nighidh esan a loisg i a aodach ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar.
9
Agus cruinnichidh duine a tha glan luath an aighe, agus taisgidh e i an taobh a‑muigh den champ ann an àite glan; agus gleidhear i airson coitheanal chloinn Israeil, mar uisge‐dealachaidh: is glanadh airson peacaidh i.
10
Agus nighidh esan a thionaileas luath an aighe a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar: agus bidh e do chloinn Israeil, agus don choigreach a tha air chuairt nam measg, na reachd sìorraidh.
11
Esan a bheanas ri corp duine mhairbh sam bith, bidh e neòghlan seachd làithean.
12
Glanaidh e e fhèin leis air an treas là, agus air an t‑seachdamh là bidh e glan: ach mura glan e e fhèin air an treas là, an sin air an t‑seachdamh là cha bhi e glan.
13
Ge bè neach a bheanas ri corp duine sam bith a tha marbh, agus nach glan e fhèin, tha e a’ truailleadh pàillean an Tighearna; agus gearrar an t‑anam sin as o Israel: a chionn nach do chrathadh an t‑uisge‐dealachaidh air, bidh e neòghlan; tha a neòghlaine fhathast air.
14
Is e seo an lagh, nuair a bhàsaicheas duine ann am bùth: Gach neach a thig a‑steach don bhùth, agus gach neach a tha anns a’ bhùth, bidh iad neòghlan seachd làithean.
15
Agus gach soitheach fosgailte aig nach eil còmhdach ceangailte air, tha e neòghlan.
16
Agus ge bè a bheanas ri neach a mharbhadh le claidheamh anns a’ mhachair, no ri corp marbh, no ri cnàimh duine, no ri uaigh, bidh e neòghlan seachd làithean.
17
Agus airson an duine neòghlain gabhaidh iad de luaith an aighe, a loisgeadh airson glanadh peacaidh, agus cuiridh iad uisge‐ruith oirre ann an soitheach.
18
Agus gabhaidh duine glan hiosop, agus tumaidh e anns an uisge e, agus crathaidh e air a’ bhùth e, agus air na soithichean uile, agus air a’ mhuinntir a bha an sin, agus airsan a bhean ri cnàimh, no ri neach a mharbhadh, no ri aon marbh, no ri uaigh:
19
Agus crathaidh an duine glan air an neòghlan air an treas là, agus air an t‑seachdamh là; agus glanaidh e e fhèin air an t‑seachdamh là, agus nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e glan air feasgar.
20
Ach an duine a bhios neòghlan, agus nach glan e fhèin, gearrar an t‑anam sin as o mheasg a’ cho‐chruinneachaidh, a chionn gun do thruaill e ionad naomh an Tighearna: cha do chrathadh uisge‐dealachaidh air; tha e neòghlan.
21
Agus bidh e na reachd sìorraidh dhaibh, gun nigh esan a chrathas an t‑uisge‐dealachaidh a aodach, agus bidh esan a bheanas ris an uisge‐dhealachaidh neòghlan gu feasgar.
22
Agus ge bè nì ris am bean an duine neòghlan, bidh e neòghlan: agus an t‑anam a bheanas ris, bidh e neòghlan gu feasgar.
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 20 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36