bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Numbers 20
Numbers 20
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 21 →
1
An sin thàinig clann Israeil, eadhon an co‑chruinneachadh uile, gu fàsach Shin, anns a’ chiad mhìos: agus dh’fhan an sluagh ann an Cadeis: agus fhuair Miriam bàs an sin, agus dh’adhlaiceadh an sin i.
2
Agus cha robh uisge ann don choitheanal: agus chruinnich iad iad fhèin an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin.
3
Agus throid an sluagh ri Maois, agus labhair iad, ag ràdh, B’fheàrr gum bitheamaid air faghail bàis nuair a bhàsaich ar bràithrean an làthair an Tighearna!
4
Agus carson a thug sibh a‑nìos co‑chruinneachadh an Tighearna don fhàsach seo, gu bàs fhaghail an sin, sinn fhèin agus ar sprèidh?
5
Agus carson a thug sibh oirnne teachd a‑nìos as an Eiphit, gar toirt a‑steach don droch àite seo? Chan àite sìl e, no fhìgis, no chrann‐fìona, no phomgranatan; cha mhò a tha uisge ann ra òl.
6
Agus chaidh Maois agus Aaron o làthair a’ cho‐chruinneachaidh gu doras pàillean a’ choitheanail, agus thuit iad air an aghaidh; agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna dhaibh.
7
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
8
Gabh an t‑slat, agus cruinnich thusa an coitheanal an ceann a chèile, thu fhèin agus Aaron do bhràthair, agus labhraibh ris a’ charraig fa chomhair an sùl, agus bheir i seachad a h‑uisge; agus bheir thusa a‑mach uisge dhaibh as a’ charraig, agus bheir thu deoch don choitheanal, agus dan sprèidh.
9
Agus gabh Maois an t‑slat o làthair an Tighearna, mar a dh’àithn e dha.
10
Agus chruinnich Maois agus Aaron an co‑chruinneachadh an ceann a chèile fa chomhair na carraige, agus thubhairt e riu, Eisdibh a‑nis, a luchd‐ceannairc; as a’ charraig seo am feum sinne uisge a thoirt dhuibh?
11
Agus thog Maois suas a làmh, agus bhuail e a’ charraig le a shlait dà uair; agus thàinig an t‑uisge a‑mach gu pailt: agus dh’òl an co‑chruinneachadh, agus an sprèidh.
12
Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, A chionn nach do chreid sibh mi, a‑chum mo naomhachadh ann an sùilean chloinn Israeil, uime sin cha toir sibh a‑steach an co‑chruinneachadh seo don fhearann a thug mise dhaibh.
13
Is e seo uisge Mheribah, a chionn gun do rinn clann Israeil strì ris an Tighearna, agus naomhaicheadh e annta.
14
Agus chuir Maois teachdairean o Chadeis gu rìgh Edoim, Mar seo tha do bhràthair Israel ag ràdh, Tha fhios agad air an t‑saothair sin uile a thàinig oirnne;
15
Mar a chaidh ar n‑athraichean sìos don Eiphit, agus a ghabh sinn còmhnaidh anns an Eiphit aimsir fhada; agus bhuin na h‑Eiphitich gu h‑olc rinne, agus ri ar n‑athraichean.
16
Agus nuair a ghlaodh sinn ris an Tighearna, chuala e ar guth, agus chuir e aingeal uaithe, agus thug e a‑mach sinn as an Eiphit; agus, feuch, tha sinn ann an Cadeis, baile anns a’ chuid as iomallaiche ded chrìch.
17
Leig leinn, guidheam ort, dol tro do dhùthaich: cha tèid sinn tro achadh sam bith, no tro fhìonlios, cha mhò a dh’òlas sinn uisge nan tobar; imichidh sinn air rathad mòr an rìgh, cha tionndaidh sinn a dh’ionnsaigh na làimhe deise, no na làimhe clìthe, gus an tèid sinn seach do chrìochan.
18
Agus thubhairt Edom ris, Cha tèid thu seachad orm, air eagal leis a’ chlaidheamh gun tig mi a‑mach ad aghaidh.
19
Agus thubhairt clann Israeil ris, Imichidh sinn air an rathad mhòr; agus ma dh’òlas mi fhèin agus mo sprèidh ded uisge, bheir mi luach air a shon: a‑mhàin gun tuilleadh a dhèanamh, thèid mi troimhe dem chois.
20
Agus thubhairt e, Cha tèid thu troimhe. Agus thàinig Edom a‑mach na aghaidh le mòr‐shluagh, agus le làimh thrèin.
21
Mar seo dhiùlt Edom do Israel comas dol tro a chrìch: uime sin thionndaidh Israel uaithe.
22
Agus ghabh clann Israeil, eadhon an co‑chruinneachadh uile, an turas o Chadeis, agus thàinig iad gu sliabh Hor.
23
Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron ann an sliabh Hor, làimh ri crìch fearann Edoim, ag ràdh,
24
Cruinnichear Aaron a‑chum a shluaigh; oir cha tèid e a‑steach don fhearann a thug mise do chloinn Israeil, a chionn gu robh sibh ceannairceach an aghaidh m’fhacail‐sa aig uisge Mheribah.
25
Gabh Aaron agus Eleàsar a mhac, agus thoir suas iad gu sliabh Hor:
26
Agus buin a aodach de Aaron, agus cuir air a mhac Eleàsar e: agus cruinnichear Aaron a‑chum a mhuinntir, agus gheibh e bàs an sin.
27
Agus rinn Maois mar a dh’àithn an Tighearna: agus chaidh iad suas gu sliabh Hor, ann an sealladh a’ cho‐chruinneachaidh uile.
28
Agus bhuin Maois a aodach de Aaron, agus chuir e air Eleàsar a mhac e; agus fhuair Aaron bàs an sin air mullach an t‑slèibh: agus thàinig Maois agus Eleàsar a‑nuas on t‑sliabh.
29
Agus nuair a chunnaic an co‑chruinneachadh uile gun d’fhuair Aaron bàs, rinn iad bròn airson Aaroin deich làithean ar fhichead, eadhon taigh Israeil uile.
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 21 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36