bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Numbers 32
Numbers 32
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 31
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 33 →
1
A‑nis bha aig cloinn Reubein agus cloinn Ghad ro‑mhòran sprèidhe: agus nuair a chunnaic iad fearann Iaseir, agus fearann Ghilead, feuch bha an t‑àite na àite sprèidhe:
2
Agus thàinig clann Ghad, agus clann Reubein, agus labhair iad ri Maois, agus ri Eleàsar an sagart, agus ri uachdarain a’ co‑chruinneachaidh, ag ràdh,
3
Atarot, agus Dibon, agus Iaser, agus Nimrah, agus Hesbon, agus Elealeh, agus Sèbam, agus Nebo, agus Beon;
4
Eadhon an dùthaich a bhuail an Tighearna ro cho‐chruinneachadh Israeil, is fearann e airson sprèidhe, agus tha sprèidh aig do sheirbhisich.
5
Uime sin, arsa iadsan, ma fhuair sinn deagh‐ghean ad shealladh, thugar am fearann seo dod sheirbhisich mar sheilbh, agus na toir sinn a‑null thar Iòrdan.
6
Agus thubhairt Maois ri cloinn Ghad, agus ri cloinn Reubein, An tèid ur bràithrean gu cogadh, agus an suidh sibhse an seo?
7
Agus carson a bheir sibh mì‑mhisneach do chridhe chloinn Israeil, a dhol a‑null don fhearann a thug an Tighearna dhaibh?
8
Mar seo rinn ur n‑athraichean nuair a chuir mi iad o Chadeis‐barnea a dh’amharc na tìre:
9
Nuair a chaidh iad suas gu gleann Escoil, agus a chunnaic iad am fearann, thug iad mì‑mhisneach do chridhe chloinn Israeil, a‑chum nach rachadh iad a‑steach don fhearann a thug an Tighearna dhaibh.
10
Agus las corraich an Tighearna anns an àm sin fhèin, agus mhionnaich e, ag ràdh,
11
Gu cinnteach chan fhaic a h‑aon de na daoine a thàinig a‑nìos as an Eiphit, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, am fearann a mhionnaich mi do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, a chionn nach do lean iad mi gu h‑iomlan:
12
Saor o Chàleb mac Iephuneh an Ceniseach, agus Iosua mac Nuin: oir lean iadsan an Tighearna gu h‑iomlan.
13
Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Israeil, agus chuir e air seachran iad anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, gus an deachaidh as don ghinealach sin uile a rinn olc an sealladh an Tighearna.
14
Agus, feuch, tha sibhse air èirigh suas an àite ur n‑athraichean, gineal dhroch dhaoine, a mheudachadh fhathast mòr‐chorraich an Tighearna ri Israel.
15
Oir ma thionndaidheas sibh air falbh o a leantainn‐san, fàgaidh e fhathast uair eile anns an fhàsach iad, agus sgriosaidh sibh an sluagh seo uile.
16
Agus thàinig iad am fagas dha, agus thubhairt iad, Togaidh sinn mainnirean chaorach an seo dar sprèidh, agus bailtean dar cloinn bhig:
17
Ach thèid sinn fhèin deas‐armaichte ro chloinn Israeil, gus an toir sinn iad dan àite; agus nì ar clann bheag còmhnaidh anns na bailtean daingnichte air sgàth luchd‐àiteachaidh na tìre.
18
Cha till sinn dar taighean gus an sealbhaich clann Israeil gach duine dhiubh a oighreachd fhèin.
19
Oir cha sealbhaich sinne maille riùsan an taobh eile de Iòrdan, no thall o sin; a chionn gun do thuit ar n‑oighreachd dhuinne air an taobh seo de Iòrdan a làimh na h‑àird an ear.
20
Agus thubhairt Maois riu, Ma nì sibh an nì seo, ma thèid sibh fo ur n‑airm ron Tighearna gu cogadh,
21
Agus gun tèid sibh uile armaichte thar Iòrdan ron Tighearna, gus am fuadaich e a‑mach a naimhdean as a làthair,
22
Agus gun ceannsaichear am fearann ann am fianais an Tighearna; na dhèidh sin tillidh sibh, agus bidh sibh neo‐choireach an làthair an Tighearna, agus an làthair Israeil, agus bidh am fearann seo na sheilbh agaibh am fianais an Tighearna.
23
Ach mura dèan sibh mar seo, feuch, pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna; agus bithibh cinnteach gum faigh ur peacadh a‑mach sibh.
24
Togaibh bailtean dur cloinn bhig, agus mainnirean dur caoraich; agus dèanaibh an nì a chaidh a‑mach as ur beul.
25
Agus labhair clann Ghad agus clann Reubein ri Maois, ag ràdh, Nì do sheirbhisich mar a tha mo thighearna ag àithneadh.
26
Bidh ar clann bheag, ar mnathan, ar treudan agus ar sprèidh uile an sin ann am bailtean Ghilead:
27
Ach thèid do sheirbhisich thairis, gach fear dhiubh armaichte a‑chum cogaidh, ron Tighearna gu cath, mar a tha mo thighearna ag ràdh.
28
Agus thug Maois àithne dan taobh do Eleàsar an sagart, agus do Iosua mac Nuin, agus do phrìomh‐athraichean treubhan chloinn Israeil:
29
Agus thubhairt Maois riu, Ma thèid clann Ghad agus clann Reubein a‑null maille ribh thar Iòrdan, gach fear dhiubh armaichte gu cath an làthair an Tighearna, agus gun ceannsaichear an tìr romhaibh, an sin bheir sibh dhaibh fearann Ghilead mar sheilbh:
30
Ach mura tèid iad thairis maille ribh armaichte, bidh sealbh aca nur measg fhèin ann an tìr Chanàain.
31
Agus fhreagair clann Ghad, agus clann Reubein, ag ràdh, Mar a thubhairt an Tighearna rid sheirbhisich, mar sin nì sinne.
32
Thèid sinn a‑null armaichte ron Tighearna do thìr Chanàain, a‑chum is gum bi sealbh ar n‑oighreachd againn air an taobh seo de Iòrdan.
33
Agus thug Maois dhaibh, eadhon do chloinn Ghad, agus do chloinn Reubein, agus do leth‐threubh Mhanaseh mhic Iòseiph, rìoghachd Shihoin rìgh nan Amorach, agus rìoghachd Og rìgh Bhasain, an tìr maille ra bailtean anns na crìochan, eadhon bailtean na dùthcha mun cuairt.
34
Agus thog clann Ghad Dibon, agus Atarot, agus Aroer,
35
Agus Atrot, Sophan, agus Iaser, agus Iogbehah,
36
Agus Bet‐nimrah, agus Bethàran, bailtean daingnichte; agus mainnirean airson chaorach.
37
Agus thog clann Reubein Hesbon, agus Elealeh, agus Ciriataim,
38
Agus Nebo, agus Bàal‐meon (air dan ainmean a bhith air an atharrachadh), agus Sibmah: agus thug iad ainmean eile do na bailtean a thog iad.
39
Agus chaidh clann Mhachir mhic Mhanaseh do Ghilead, agus ghlac iad e, agus chuir iad à seilbh an t‑Amorach a bha ann.
40
Agus thug Maois Gilead do Mhachir mac Mhanaseh; agus ghabh e còmhnaidh ann.
41
Agus chaidh Iaer mac Mhanaseh, agus ghlac e a bhailtean beaga, agus thug e Habhot‐iair mar ainm orra.
42
Agus chaidh Nobah agus ghlac e Cenat, agus a bhailtean beaga, agus thug e Nobah mar ainm air, a rèir a ainme fhèin.
← Chapter 31
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 33 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36