bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Numbers 35
Numbers 35
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 34
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 36 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho, ag ràdh,
2
Aithn do chloinn Israeil, iad a thabhairt do na Lèbhithich de oighreachd an seilbh, bailtean gu còmhnaidh a ghabhail annta: agus bheir sibh mar an ceudna do na Lèbhithich fearann co‑roinn dam bailtean mun cuairt orra.
3
Agus bidh na bailtean aca gu còmhnaidh a ghabhail annta, agus bidh am fearann co‑roinn airson an sprèidhe, agus airson am maoin, agus airson an ainmhidhean uile.
4
Agus ruigidh fearann co‑roinn nam bailtean, a bheir sibh do na Lèbhithich, a‑mach o bhalla a’ bhaile, mìle làmh‐choille mun cuairt.
5
Agus tomhaisidh sibh on leth a‑muigh den bhaile air an taobh an ear dà mhìle làmh‐choille, agus air an taobh mu dheas dà mhìle làmh‐choille, agus air an taobh an iar dà mhìle làmh‐choille, agus air an taobh mu thuath dà mhìle làmh‐choille; agus bidh am baile anns a’ mheadhon: bidh seo dhaibh na fhearann co‑roinn dam bailtean.
6
Agus am measg nam bailtean a bheir sibh do na Lèbhithich bidh sia bailtean a‑chum dìdein, a dh’òrdaicheas sibh air a shon‐san a mharbhas duine, a‑chum is gun teich e an sin: agus riùsan cuiridh sibh dà bhaile is dà‑fhichead.
7
Mar seo is iad na bailtean sin uile a bheir sibh do na Lèbhithich, ochd agus dà‑fhichead baile: iad sin bheir sibh seachad agus am fearann co‑roinn.
8
Agus bidh na bailtean a bheir sibh seachad de sheilbh chloinn Israeil: uaithesan aig a bheil mòran, bheir sibh mòran; ach uaithesan aig a bheil beagan, bheir sibh beagan: bheir gach aon de a bhailtean do na Lèbhithich, a rèir a oighreachd a tha e a’ sealbhachadh.
9
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
10
Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a bhios sibh air teachd thar Iòrdan do thìr Chanàain,
11
An sin òrdaichidh sibh dhuibh fhèin bailtean gu bhith nam bailtean dìdein dhuibh, a‑chum gun teich am marbhaiche an sin, a mharbhas neach ann an ainfhios.
12
Agus bidh iad dhuibh nam bailtean a‑chum dìdein on dìoghaltair; a‑chum nach bàsaich esan a mharbhas duine, gus an seas e an làthair a’ cho‐chruinneachaidh ann am breitheanas.
13
Agus de na bailtean sin a bheir sibh seachad, bidh sia bailtean agaibh a‑chum dìdein.
14
Bheir sibh seachad trì bailtean air an taobh seo de Iòrdan, agus trì bailtean bheir sibh seachad ann an tìr Chanàain, a bhios nam bailtean dìdein.
15
Bidh na sia bailtean sin nan dìdein, araon do chloinn Israeil, agus don choigreach, agus dhàsan a bhios air chuairt nam measg; a‑chum gun teich gach neach an sin, a mharbhas duine gun fhios.
16
Agus ma bhuaileas e e le inneal iarainn (air chor is gum bàsaich e), is mortair e: cuirear gu cinnteach am mortair gu bàs.
17
Agus ma bhuaileas e e le clach a thilgeadh (a dh’fhaodas a bhàs a thoirt), agus gum bàsaich e, is mortair e: cuirear gu cinnteach am mortair gu bàs.
18
No ma bhuaileas e e le làmh‐bhall fiodha (a dh’fhaodas a bhàs a thoirt), agus gum faigh e bàs, is mortair e: cuirear gu cinnteach am mortair gu bàs.
19
Marbhaidh dìoghaltair na fala e fhèin am mortair: nuair a choinnicheas e e, marbhaidh e e.
20
Ach ma bheir e urchair dha tre fhuath, no ma thilgeas e nì sam bith air ann am plaid‐laighe, air chor is gum faigh e bàs;
21
No ma bhuaileas e e le a làimh ann an naimhdeas, air chor is gum faigh e bàs; cuirear esan a bhuail e gun teagamh gu bàs; oir is mortair e: marbhaidh dìoghaltair na fala am mortair, nuair a choinnicheas e e.
22
Ach ma thug e urchair dha gu h‑obann gun naimhdeas, no ma thilg e nì sam bith air gun phlaid‐laighe;
23
No le cloich sam bith, a dh’fhaodas bàs duine a thabhairt, gun e ga fhaicinn, agus gun do thilg e air i, air chor is gum faigh e bàs, agus nach bu nàmhaid dha e, agus nach d’iarr e a chron;
24
An sin bheir an co‑chruinneachadh breith eadar am marbhaiche agus dìoghaltair na fala, a rèir nam breitheanas sin:
25
Agus saoraidh an co‑chruinneachadh am marbhaiche à làimh dìoghaltair na fala, agus cuiridh an co‑chruinneachadh air ais e do bhaile a dhìdein, gus an do theich e: agus fanaidh e ann gu bàs an àrd‐shagairt, a dh’ungadh leis an ola naoimh.
26
Ach ma thig am marbhaiche uair air bith an taobh a‑muigh de chrìch baile a dhìdein, gus an do theich e:
27
Agus gum faigh dìoghaltair na fala e an taobh a‑muigh de chrìochan baile a dhìdein, agus gum marbh dìoghaltair na fala am marbhaiche; cha bhi e ciontach de fhuil:
28
A chionn gum bu chòir dha fuireach ann am baile a dhìdein gu bàs an àrd‐shagairt: ach an dèidh bàs an àrd‐shagairt, tillidh am marbhaiche gu fearann a sheilbhe fhèin.
29
Agus bidh na nithean sin nan reachd breitheanais dhuibh, air feadh ur ginealaichean, nur n‑àitean‐còmhnaidh uile.
30
Ge bè a mharbhas neach sam bith, cuirear am mortair gu bàs le beul fhianaisean: ach cha toir aon fhianais teisteas an aghaidh neach sam bith a‑chum a chur gu bàs.
31
Agus cha ghabh sibh èirig sam bith airson anam mortair a tha ciontach de bhàs, ach cuirear gu cinnteach gu bàs e.
32
Agus cha ghabh sibh èirig sam bith air a shon‐san a theich do bhaile a dhìdein, a‑chum is gun tigeadh e a‑rìs a ghabhail còmhnaidh anns an fhearann gu bàs an t‑sagairt.
33
Mar sin cha truaill sibh am fearann anns a bheil sibh; oir truaillidh fuil am fearann, agus chan eil e an comas am fearann a ghlanadh den fhuil a dhòirteadh ann, ach le fuil an tì a dhòirt i.
34
Na salaichibh, uime sin, am fearann anns am bi sibh a chòmhnaidh, anns a bheil mise am chòmhnaidh; a chionn gu bheil mise an Tighearna am chòmhnaidh am meadhon chloinn Israeil.
← Chapter 34
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 36 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36