bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Numbers 31
Numbers 31
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 30
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 32 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2
Dìol clann Israeil air na Midianaich; na dhèidh sin cruinnichear a‑chum do dhaoine thu.
3
Agus labhair Maois ris an t‑sluagh, ag ràdh, Rachadh cuid dhibh fon airm a‑chum a’ chogaidh, agus imicheadh iad a chogadh an aghaidh nam Midianach, agus dìoladh iad an Tighearna air Midian.
4
Cuiridh sibh mìle de gach treubh, air feadh uile threubhan Israeil, a‑chum a’ chogaidh.
5
Mar sin thugadh a‑mach à mìltean Israeil mìle de gach treubh, dà‑mhìle‐dheug armaichte a‑chum cogaidh.
6
Agus chuir Maois iad a‑chum a’ chogaidh, mìle de gach treubh, iadsan agus Phinehas mac Eleàsair, an sagart, a‑chum a’ chogaidh, leis na h‑innealan naomha na làimh, agus na trompaidean gu sèideadh.
7
Agus chog iad an aghaidh nam Midianach, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; agus mharbh iad na fireannaich uile.
8
Agus mharbh iad rìghrean Mhidiain, a thuilleadh air a’ chuid eile dhiubh a mharbhadh; eadhon Ebhi, agus Recem, agus Sur, agus Hur, agus Reba, còig rìghrean Mhidiain: Balàam mac Bheoir mar an ceudna mharbh iad leis a’ chlaidheamh.
9
Agus thug clann Israeil leo mnathan Mhidiain nam braighdean, agus an clann bheag, agus thug iad leo creach an sprèidh uile, agus an treudan uile, agus am maoin uile.
10
Agus loisg iad am bailtean uile anns an robh iad a chòmhnaidh, agus an dùin uile le teine.
11
Agus thug iad leo a’ chreach uile, agus an cobhartach uile, eadar dhaoine agus ainmhidhean.
12
Agus thug iad na braighdean agus a’ chreach agus an cobhartach gu Maois agus Eleàsar an sagart, agus gu co‑chruinneachadh chloinn Israeil, a‑chum a’ champa aig còmhnardan Mhòaib, a tha làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho.
13
Agus chaidh Maois agus Eleàsar an sagart agus ceannardan a’ choitheanail uile a‑mach nan coinneamh, an taobh a‑muigh den champ.
14
Agus bha corraich air Maois ri luchd‐riaghlaidh an t‑sluaigh, ris na ceannardan air mhìltean agus na ceannardan air cheudan, a thàinig on chogadh.
15
Agus thubhairt Maois riu, An do ghlèidh sibh na mnathan uile beò?
16
Feuch, thug iad sin air cloinn Israeil, le comhairle Bhalàaim, peacachadh an aghaidh an Tighearna ann an adhbhar Pheoir; agus bha plàigh air feadh co‑chruinneachadh an Tighearna.
17
A‑nis uime sin, marbhaibh gach leanabh fireann am measg na cloinne bige, agus marbhaibh gach bean dom b’aithne fear le laighe leis.
18
Ach a’ chlann‐bhan uile do nach b’aithne fear le laighe leis, gleidhibh beò dhuibh fhèin.
19
Agus fanaibh‐se an taobh a‑muigh den champ seachd làithean: ge bè a mharbh neach air bith, agus ge bè a bhean ri neach a mharbhadh, glanaibh sibh fhèin agus ur braighdean air an treas là, agus air an t‑seachdamh là;
20
Agus glanaibh ur n‑aodach uile, agus gach nì a rinneadh de chraicnean, agus gach obair de fhionnadh ghobhar, agus gach nì a rinneadh de fhiodh.
21
Agus thubhairt Eleàsar an sagart ris na fir‐chogaidh a chaidh a‑mach a dh’ionnsaigh a’ chatha, Is e seo òrdagh an lagha a dh’àithn an Tighearna do Mhaois:
22
A‑mhàin an t‑òr, agus an t‑airgead, an t‑umha, an t‑iarann, an staoin, agus an luaidh,
23
Gach nì a dh’fhulaingeas an teine, bheir sibh fa‑near e a dhol tron teine, agus glanar e; gidheadh le uisge an sgaraidh glanar e: agus gach nì nach fulaing an teine, bheir sibh fa‑near e a dhol tron uisge.
24
Agus nighidh sibh ur n‑aodach air an t‑seachdamh là, agus bidh sibh glan, agus na dhèidh sin thig sibh a‑steach don champ.
25
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
26
Gabh àireamh na creiche a thogadh, eadar dhuine agus ainmhidh, thu fhèin, agus Eleàsar an sagart, agus prìomh‐athraichean a’ cho‐chruinneachaidh;
27
Agus roinn a’ chreach na dà earrainn; eadar a’ mhuinntir a ghabh an cogadh orra fhèin, a chaidh a‑mach don chath, agus an co‑chruinneachadh uile:
28
Agus tog cìs don Tighearna o na fir‐chogaidh, a chaidh a‑mach don chath: aon anam à còig ceud, araon de na daoine, agus den bhuar, agus de na h‑asail, agus de na caoraich.
29
Gabh e as an leth‐san, agus thoir e do Eleàsar an sagart mar thabhartas‐togte don Tighearna.
30
Agus as leth chloinn Israeil, gabhaidh tu aon chuibhreann à leth‐cheud, de na daoine, den bhuar, de na h‑asail, agus de na treudan, de gach ainmhidh, agus bheir thu iad do na Lèbhithich, a tha a’ gleidheadh cùram pàillean an Tighearna.
31
Agus rinn Maois agus Eleàsar an sagart mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
32
Agus b’e an cobhartach, eadhon a’ chuid eile den chreich a ghlac na fir‐chogaidh, sia ceud mìle agus deich is trì‐fichead mìle agus còig mìle caora,
33
Agus trì‐fichead agus dà‑mhìle‐dheug bò,
34
Agus trì‐fichead agus aon mhìle asal,
35
Agus dà‑mhìle‐dheug ar fhichead anam anns an iomlan, de mhnathan do nach b’aithne fear le laighe leis.
36
Agus bha an leth a bu chuibhreann dhaibhsan a chaidh a‑mach a‑chum a’ chogaidh ann an àireamh trì cheud mìle agus seachd‐mìle‐deug ar fhichead agus còig ceud caora;
37
Agus b’i cìs an Tighearna de na caoraich sia ceud agus trì‐fichead agus còig‐deug.
38
Agus b’iad am buar sia‑mìle‐deug ar fhichead: dhiubh seo b’i cìs an Tighearna trì‐fichead is a dhà‐dheug.
39
Agus b’iad na h‑asail deich‐mìle‐ar‑fhichead agus còig ceud: dhiubh seo b’i cìs an Tighearna trì‐fichead agus a h‑aon.
40
Agus b’iad anaman nan daoine sia‑mìle‐deug: dhiubh seo b’i cìs an Tighearna dà‑anam‐dheug ar fhichead.
41
Agus thog Maois a’ chìs, eadhon tabhartas‐togte an Tighearna, do Eleàsar an sagart, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
42
Agus de leth chloinn Israeil, a roinn Maois on luchd‐cogaidh,
43
(A‑nis b’i an leth a bhuineadh don cho‐chruinneachadh, trì cheud mìle agus seachd‐mìle‐deug ar fhichead agus còig ceud caora,
44
Agus sia‑mìle‐deug ar fhichead bò,
45
Agus deich‐mìle‐ar‑fhichead asal agus còig ceud,
46
Agus sia‑mìle‐deug anam,)
47
Eadhon den leth a bhuineadh do chloinn Israeil, ghabh Maois aon chuibhreann à leth‐cheud eadar dhuine agus ainmhidh, agus thug e iad do na Lèbhithich, a bha a’ gleidheadh cùram pàillean an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
48
Agus thàinig an luchd‐riaghlaidh a bha os cionn mìltean an t‑sluaigh, na ceannardan air mhìltean, agus na ceannardan air cheudan, am fagas do Mhaois:
49
Agus thubhairt iad ri Maois, Ghabh do sheirbhisich àireamh nam fear‐cogaidh a tha fo ar làimh, agus chan eil duine dhinn air chall.
50
Uime sin, thug sinn tabhartas a‑chum an Tighearna, gach fear na fhuair e de sheudan òir, eadhon slabhraidhean, agus usgraichean, fàinnean, cluas‐fhailean, agus criosan, a dhèanamh rèite airson ar n‑anaman an làthair an Tighearna.
51
Agus ghabh Maois agus Eleàsar an sagart an t‑òr uapa, uile na sheudan obraichte.
52
Agus b’e òr an tabhartais uile a thug iad seachad don Tighearna, o na ceannardan air mhìltean, agus o na ceannardan air cheudan, sia‑mìle‐deug, seachd ceud agus leth‐cheud secel.
53
(Oir ghabh na fir‐chogaidh cobhartach, gach duine dha fhèin.)
54
Agus ghabh Maois agus Eleàsar an sagart an t‑òr o na ceannardan air mhìltean agus air cheudan, agus thug iad e gu pàillean a’ choitheanail, mar chuimhneachan do chloinn Israeil an làthair an Tighearna.
← Chapter 30
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 32 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36