bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Numbers 34
Numbers 34
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 33
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 35 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2
Aithn do chloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thig sibh do thalamh Chanàain (is e seo am fearann a thuiteas oirbh mar oighreachd, eadhon fearann Chanàain maille ra chrìochan),
3
An sin bidh ur ceàrna dheas bho fhàsach Shin, leth ri crìch Edoim, agus is i ur crìoch mu dheas fìor iomall na fairge saillte a làimh na h‑àird an ear.
4
Agus tillidh ur crìoch on taobh mu dheas gu dìreadh Acrabim, agus thèid i air a h‑aghaidh gu Sin; agus bidh a dol a‑mach on taobh mu dheas gu Cadeis‐barnea, agus gabhaidh i roimhpe gu Hasar‐adar, agus thèid i air a h‑aghaidh gu Asmon:
5
Agus bheir a’ chrìoch cuairt o Asmon gu abhainn na h‑Eiphit, agus bidh a dol a‑mach aig an fhairge.
6
Agus a‑thaobh na crìche an iar, bidh agaibh eadhon an fhairge mhòr mar chrìch: bidh a’ chrìoch seo na crìch dhuibh air an làimh an iar.
7
Agus is i seo ur crìoch air an làimh mu thuath: on fhairge mhòir comharraichidh sibh dhuibh fhèin gu sliabh Hor.
8
O shliabh Hor comharraichidh sibh ur crìoch gu dol a‑steach Hamait; agus bidh dol a‑mach na crìche gu Sedad.
9
Agus gabhaidh ur crìoch roimhpe gu Siphron, agus bidh a dol a‑mach aig Hasar‐enan; is i seo ur crìoch mu thuath.
10
Agus comharraichidh sibh ur crìoch air an taobh an ear o Hasar‐enan gu Sepham.
11
Agus thèid a’ chrìoch sìos o Shepham gu Riblah, air an taobh an ear de Ain; agus thèid a’ chrìoch sìos, agus ruigidh i gu taobh fairge Chineret a làimh na h‑àird an ear.
12
Agus thèid a’ chrìoch sìos gu Iòrdan, agus bidh a dol a‑mach aig a’ mhuir shaillte: is e seo ur fearann le a chrìochan mun cuairt.
13
Agus dh’àithn Maois do chloinn Israeil, ag ràdh, Is e seo am fearann a shealbhaicheas sibh le crannchur, a dh’àithn an Tighearna a thoirt do na naoi treubhan, agus don leth‐threubh.
14
Oir fhuair treubh chloinn Reubein an oighreachd, a rèir taigh an athraichean, agus treubh chloinn Ghad a rèir taigh an athraichean; agus fhuair leth‐threubh Mhanaseh an oighreachd.
15
Fhuair an dà threubh agus an leth‐threubh an oighreachd air an taobh seo de Iòrdan am fagas do Iericho, a làimh na h‑àird an ear, leth ri èirigh na grèine.
16
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
17
Is iad seo ainmean nan daoine a roinneas am fearann dhuibh: Eleàsar an sagart, agus Iosua mac Nuin.
18
Agus gabhaidh sibh aon cheannard de gach treubh, a roinn an fhearainn mar oighreachd.
19
Agus is iad seo ainmean nan daoine: de threubh Iùdah, Càleb mac Iephuneh.
20
Agus de threubh chloinn Shimeoin, Semuel mac Amihuid.
21
De threubh Bheniàmin, Elidad mac Chisloin.
22
Agus ceannard treubh chloinn Dhan, Buci mac Iogli.
23
Ceannard chloinn Iòseiph, airson treubh chloinn Mhanaseh, Haniel mac Ephoid.
24
Agus ceannard treubh chloinn Ephraim, Cemuel mac Shiphtain.
25
Agus ceannard treubh chloinn Shebuluin, Elisaphan mac Pharnaich.
26
Agus ceannard treubh chloinn Isachair, Paltiel mac Asain.
27
Agus ceannard treubh chloinn Aseir, Ahihud mac Shelomi.
28
Agus ceannard treubh chloinn Naphtali, Pedahel mac Amihuid.
29
Is iad sin iadsan don d’àithn an Tighearna an oighreachd a roinn do chloinn Israeil ann an tìr Chanàain.
← Chapter 33
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 35 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36