bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Numbers 24
Numbers 24
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 25 →
1
Agus nuair a chunnaic Balàam gum bu toigh leis an Tighearna Israel a bheannachadh, cha deachaidh e, mar air uairean eile, a dh’iarraidh mhanaidhean, ach chuir e a aghaidh ris an fhàsach.
2
Agus thog Balàam suas a shùilean, agus chunnaic e Israel a’ fantainn nam bùthan a rèir an treubhan, agus thàinig spiorad Dhè air.
3
Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thubhairt Balàam mac Bheoir, agus thubhairt an duine aig an robh a shùilean dùinte;
4
Thubhairt esan, a chuala briathran Dhè, a chunnaic taisbeanadh an Uile‐chumhachdaich, a’ tuiteam agus a shùilean air am fosgladh:
5
Cia àlainn do bhùthan, O Iàcoib! do phàilleanan, O Israeil!
6
Mar na gleanntan tha iad sìnte a‑mach, mar liosan ri taobh aibhne, mar chraobhan fiodh‐alois a shuidhich an Tighearna, mar chraobhan seudair làimh ris na h‑uisgeachan.
7
Sruthaidh an t‑uisge a‑mach as a shoithichean, agus bidh a shliochd ann am mòran uisgeachan, agus bidh a rìgh nas àirde na Agag, agus àrdaichear a rìoghachd.
8
Thug Dia a‑mach as an Eiphit e; tha aige amhail neart an aon‐adharcaich: ithidh e suas na cinnich, a naimhdean, agus brisidh e an cnàmhan, agus le a shaighdean tro‐lotaidh e iad.
9
Chrùb e, laigh e sìos mar leòmhann, agus mar leòmhann mòr: cò a dhùisgeas suas e? Is beannaichte gach neach a bheannaicheas thusa, agus is mallaichte gach neach a mhallaicheas thu.
10
Agus las corraich Bhalaic an aghaidh Bhalàaim, agus bhuail e a bhasan ri chèile: agus thubhairt Balac ri Balàam, A mhallachadh mo naimhdean ghairm mi thu, agus, feuch, da‑rìribh bheannaich thu iad na trì uairean seo:
11
Uime sin teich a‑nis dod àite fhèin: shaoil mi d’àrdachadh gu inbhe mhòir, ach, feuch, chùm an Tighearna air d’ais thu o inbhe.
12
Agus thubhairt Balàam ri Balac, Nach do labhair mi eadhon rid theachdairean, a chuir thu am ionnsaigh, ag ràdh,
13
Ged bheireadh Balac dhòmhsa làn a thaighe de airgead agus de òr, cha b’urrainn mi dol thar àithne an Tighearna, a dhèanamh maith no uilc om inntinn fhèin; ach ge bè a their an Tighearna, sin labhraidh mise?
14
Agus a‑nis, feuch, tha mi a’ dol a dh’ionnsaigh mo dhaoine fhèin: thig uime sin, bheir mi rabhadh dhut, ciod a nì an sluagh seo air do shluagh‐sa anns na làithean deireannach.
15
Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thubhairt Balàam mac Bheoir, agus thubhairt an duine aig an robh a shùilean dùinte:
16
Thubhairt esan a chuala briathran Dhè, agus don aithne eòlas an Tì as ro‑àirde, a chunnaic taisbeanadh an Uile‐chumhachdaich, a’ tuiteam agus a shùilean air am fosgladh:
17
Chì mi e, ach chan ann a‑nis; amhaircidh mi air, ach chan ann am fagas: thig reul a‑mach à Iàcob, agus èiridh slat rìoghail à Israel, agus buailidh i oisnean Mhòaib, agus cuiridh i as do chloinn Shet uile.
18
Agus bidh Edom na sheilbh, bidh Seir mar an ceudna na sheilbh aig a naimhdean; agus nì Israel gaisge.
19
A‑mach à Iàcob thig esan a bhios na uachdaran, agus sgriosaidh e an tì a mhaireas den bhaile mhòr.
20
Agus nuair a dh’amhairc e air Amalec, thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Tùs nan cinneach Amalec, ach is e a dheireadh a bhith air a sgrios gu sìorraidh.
21
Agus dh’amhairc e air na Cenich; agus thubhairt e, Is làidir d’àite‐còmhnaidh, agus tha thu a’ cur do nid ann an carraig:
22
Gidheadh, fàsaichear na Cenich, gus an toir Asur leis thu ann am braighdeanas.
23
Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Mo thruaighe! Cò a bhios beò nuair a nì Dia seo?
24
Agus thig longan o iomall Chitim, agus nì iad olc air Asur, agus nì iad olc air Eber, agus sgriosar esan mar an ceudna gu bràth.
25
Agus dh’èirich Balàam suas, agus dh’fhalbh e, agus thill e da àite fhèin: agus dh’fhalbh Balac mar an ceudna air a shlighe fhèin.
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 25 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36