bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Numbers 27
Numbers 27
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 26
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 28 →
1
An sin thàinig nigheanan Shelophehaid, mhic Hepheir, mhic Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh, de theaghlaichean Mhanaseh, mhic Iòseiph: agus is iad seo ainmean a nigheanan, Mahlah, Nòah, agus Hoglah, agus Milcah, agus Tirsah.
2
Agus sheas iad an làthair Mhaois, agus an làthair Eleàsair an sagart, agus an làthair nan ceannard agus a’ cho‐chruinneachaidh uile, làimh ri doras pàillean a’ choitheanail, ag ràdh,
3
Dh’eug ar n‑athair anns an fhàsach, agus cha robh e ann an cuideachd na muinntir a chruinnich iad fhèin ri chèile an aghaidh an Tighearna ann an cuideachd Chorah, ach dh’eug e na pheacadh fhèin; agus cha robh mic sam bith aige.
4
Carson a chaillear ainm ar n‑athar o mheasg a theaghlaich, a chionn nach eil mac aige? Thugaibh dhuinne uime sin sealbh am measg bràithrean ar n‑athar.
5
Agus thug Maois an cùis an làthair an Tighearna.
6
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
7
Labhair nigheanan Shelophehaid gu ceart: bheir thu dhaibh gu cinnteach sealbh oighreachd am measg bràithrean an athar; agus bheir thu fa‑near gun tig oighreachd an athar dan ionnsaigh.
8
Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ma gheibh duine bàs agus gun mhac aige, an sin bheir sibh fa‑near gun tig a oighreachd‐san a‑chum a nighinn.
9
Agus mura bi nighean aige, an sin bheir sibh a oighreachd da bhràithrean.
10
Agus mura bi bràithrean aige, an sin bheir sibh a oighreachd do bhràithrean a athar.
11
Agus mura bi bràithrean aig a athair, an sin bheir sibh a oighreachd da fhear‐dàimh as fhaisge dha de a theaghlach, agus sealbhaichidh e i: agus bidh e do chloinn Israeil na reachd breitheanais, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
12
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich suas don t‑sliabh seo Abarim, agus gabh sealladh den fhearann a thug mise do chloinn Israeil.
13
Agus nuair a chì thu e, cruinnichear thusa mar an ceudna a‑chum do dhaoine, mar a chruinnicheadh Aaron do bhràthair;
14
A chionn gun do rinn sibh ceannairc an aghaidh m’àithne‐sa ann am fàsach Shin, ann an còmhstri a’ cho‐chruinneachaidh, agus nach do naomhaich sibh mi aig an uisge ann an sealladh an sùl: is e sin uisge Mheribah ann an Cadeis, ann am fàsach Shin.
15
Agus labhair Maois ris an Tighearna, ag ràdh,
16
Cuireadh an Tighearna, Dia spioradan na h‑uile fheòla, duine os cionn a’ cho‐chruinneachaidh;
17
A thèid a‑mach romhpa, agus a thig a‑steach romhpa, agus a threòraicheas a‑mach iad, agus a bheir a‑steach iad; a‑chum nach bi co‑chruinneachadh an Tighearna mar chaoraich aig nach eil buachaille.
18
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Gabh ad ionnsaigh Iosua mac Nuin, duine anns a bheil an spiorad, agus cuir do làmh air.
19
Agus cuir e an làthair Eleàsair an sagart, agus an làthair a’ cho‐chruinneachaidh uile; agus thoir àithne dha nam fianais.
20
Agus cuiridh tu cuid ded urram air, a‑chum is gum bi co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile umhail dha.
21
Agus seasaidh e an làthair Eleàsair an sagart, a dh’iarras comhairle air a shon, a rèir breitheanas na h‑Urim an làthair an Tighearna: air a fhacal‐san thèid iad a‑mach, agus air a fhacal thig iad a‑steach, e fhèin agus clann Israeil uile maille ris, eadhon an co‑chruinneachadh uile.
22
Agus rinn Maois mar a dh’àithn an Tighearna dha; agus ghabh e Iosua, agus chuir e an làthair Eleàsair an sagart e, agus an làthair a’ choitheanail uile.
23
Agus chuir e a làmhan air, agus thug e àithne dha, mar a labhair an Tighearna le làimh Mhaois.
← Chapter 26
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 28 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36