bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Numbers 30
Numbers 30
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 29
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 31 →
1
Agus labhair Maois ri ceannardan nan treubh a‑thaobh chloinn Israeil, ag ràdh, Is e seo an nì a dh’àithn an Tighearna.
2
Ma bhòidicheas duine bòid don Tighearna, no ma mhionnaicheas e mionnan a cheangal a anama le ceangal, cha bhris e a fhacal; a rèir gach nì a thig a‑mach as a bheul, nì e.
3
Mar an ceudna, ma bhòidicheas bean bòid don Tighearna, agus gun ceangail i i fhèin le ceangal, agus i ann an taigh a h‑athar na h‑òige;
4
Agus gun cluinn a h‑athair a bòid, agus a ceangal leis an do cheangail i a h‑anam, agus gum fan a h‑athair na thosd rithe, an sin seasaidh a bòidean uile, agus seasaidh gach ceangal leis an do cheangail i a h‑anam.
5
Ach ma chuireas a h‑athair na h‑aghaidh anns an là anns an cluinn e, cha seas aon de a bòidean no de a ceanglaichean, leis an do cheangail i a h‑anam; agus maithidh an Tighearna dhi, a chionn gun do chuir a h‑athair na h‑aghaidh.
6
Agus ma bha idir fear‐pòsda aice nuair a bha bòidean oirre, no nuair a labhair i nì as a beul, leis an do cheangail i a h‑anam,
7
Agus gun cuala a fear e, agus gun d’fhan e na thosd rithe anns an là anns an cuala e i, an sin seasaidh a bòidean, agus seasaidh a ceanglaichean leis an do cheangail i a h‑anam.
8
Ach ma chuireas a fear‐pòsda na h‑aghaidh anns an là anns an cluinn e i, an sin bheir e gu neo‐bhrìgh a bòid a bhòidich i, agus an nì a labhair i le a bilean, leis an do cheangail i a h‑anam; agus bheir an Tighearna maitheanas dhi.
9
Ach gach bòid bantraich agus mnà dealaichte, leis an do cheangail i a h‑anam, seasaidh i na h‑aghaidh.
10
Agus ma bhòidich i ann an taigh a fir, no ma cheangail i a h‑anam le ceangal maille ri mionnan,
11
Agus gun cuala a fear e, agus gun d’fhan e na thosd rithe, agus nach do chuir e na h‑aghaidh; an sin seasaidh a bòidean uile, agus seasaidh gach ceangal leis an do cheangail i a h‑anam.
12
Ach ma chuir a fear gu tur air chùl iad anns an là anns an cuala e iad, an sin ge bè nì a thàinig a‑mach as a beul a‑thaobh a bòidean, no a‑thaobh ceangal a h‑anam, cha seas e: chuir a fear air chùl iad, agus bheir an Tighearna maitheanas dhi.
13
Na bòidean, agus na mionnan sin uile a cheanglas a‑chum an t‑anam a chràdh, faodaidh a fear an daingneachadh, no faodaidh a fear an cur air chùl.
14
Ach ma dh’fhanas a fear gu tur na thosd rithe, o là gu là; an sin tha e a’ daingneachadh a bòidean uile, no a ceanglaichean uile, a tha oirre: tha e gan dèanamh seasmhach, a chionn gun d’fhan e na thosd rithe anns an là anns an cuala e iad.
15
Ach ma chuireas e air chor sam bith air chùl iad, an dèidh dha an cluinntinn, an sin giùlainidh e a h‑aingidheachd‐se.
16
Is iad sin na reachdan a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, eadar duine agus a bhean, eadar athair agus a nighean, agus i fhathast na h‑òige ann an taigh a h‑athar.
← Chapter 29
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 31 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36