bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Numbers 36
Numbers 36
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 35
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
1
Agus thàinig prìomh‐athraichean teaghlaichean chloinn Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh, de theaghlaichean mic Iòseiph, am fagas, agus labhair iad an làthair Mhaois, agus an làthair nan ceannard, eadhon prìomh‐athraichean chloinn Israeil:
2
Agus thubhairt iad, Dh’àithn an Tighearna dom thighearna am fearann a thoirt mar oighreachd le crannchur do chloinn Israeil, agus dh’àithneadh dom thighearna leis an Tighearna, oighreachd ar bràthar Selophehad a thoirt da nigheanan.
3
Agus ma phòsar iad ri aon de mhic nan treubh eile de chloinn Israeil, an sin bheirear an oighreachd‐san o oighreachd ar n‑athraichean, agus cuirear i ri oighreachd na treubha don gabhar iad: mar sin bheirear i o chrannchur ar n‑oighreachd‐ne.
4
Agus nuair a bhios an Iubile ann do chloinn Israeil, an sin cuirear an oighreachd ri oighreachd na treubha gus an do ghabhaidh iad: mar sin bheirear an oighreachd‐san air falbh o oighreachd treubh ar n‑athraichean.
5
Agus dh’àithn Maois do chloinn Israeil, a rèir facal an Tighearna, ag ràdh, Is ceart a labhair treubh mic Iòseiph.
6
Is e seo an nì a dh’àithn an Tighearna a‑thaobh nigheanan Shelophehaid, ag ràdh, Pòsadh iad an neach as àill leo; a‑mhàin ri teaghlach treubh an athraichean pòsaidh iad.
7
Mar sin chan atharraich oighreachd chloinn Israeil o threubh gu treubh: oir dlùth‐leanaidh gach duine de chloinn Israeil ri oighreachd treubh a athraichean.
8
Agus bidh gach nighean a shealbhaicheas oighreachd ann an treubh sam bith de chloinn Israeil na mnaoi aig aon de theaghlach treubh a h‑athar, a‑chum gum meal clann Israeil, gach duine dhiubh, oighreachd a athraichean.
9
Cha mhò a dh’atharraicheas an oighreachd o aon treubh gu treubh eile; ach dlùth‐leanaidh gach duine de threubhan chloinn Israeil ra oighreachd fhèin.
10
Eadhon mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn nigheanan Shelophehaid:
11
Oir phòsadh Mahlah, Tirsah, agus Meglah, agus Milcah, agus Nòah, nigheanan Shelophehaid, ri mic bràithrean an athar.
12
Phòsadh iad ri fir de theaghlaichean mic Mhanaseh mhic Iòseiph, agus dh’fhan an oighreachd ann an treubh teaghlach an athar.
13
Is iad sin na h‑àitheantan agus na breitheanais a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois do chloinn Israeil ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan, am fagas do Iericho.
← Chapter 35
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36