bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Numbers 33
Numbers 33
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 32
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 34 →
1
Is iad seo turasan chloinn Israeil, a chaidh a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a rèir an armailtean, fo làimh Mhaois agus Aaroin.
2
Agus sgrìobh Maois an dol a‑mach a rèir an turasan, air àithne an Tighearna: agus is iad seo an turasan, a rèir an dol a‑mach.
3
Agus dh’imich iad o Rameses anns a’ chiad mhìos, air a’ chòigeamh‐là‑deug den chiad mhìos: air an là màireach an dèidh na càisge, chaidh clann Israeil a‑mach le làimh àird ann an sealladh nan Eiphiteach uile.
4
(Oir dh’adhlaic na h‑Eiphitich an ciad‐ghin uile, a bhuail an Tighearna nam measg: air an diathan mar an ceudna chuir an Tighearna breitheanas an gnìomh.)
5
Agus dh’imich clann Israeil à Rameses, agus champaich iad ann an Sucot.
6
Agus dh’imich iad o Shucot, agus champaich iad ann an Etam, a tha ann an iomall an fhàsaich.
7
Agus dh’imich iad o Etam, agus thill iad a‑rìs gu Pihahirot, a tha fa chomhair Bhàal‐sèphoin: agus champaich iad fa chomhair Mhigdol.
8
Agus dh’imich iad o chomhair Phihahirot, agus chaidh iad tro mheadhon na fairge don fhàsach, agus dh’imich iad astar trì làithean ann am fàsach Etaim, agus champaich iad ann am Màrah.
9
Agus dh’imich iad o Mhàrah, agus thàinig iad gu Elim: agus ann an Elim bha dà‑thobar‐dheug uisge, agus deich agus trì‐fichead craobh phailme: agus champaich iad an sin.
10
Agus dh’imich iad o Elim, agus champaich iad làimh ris a’ mhuir ruaidh.
11
Agus dh’imich iad on mhuir ruaidh, agus champaich iad ann am fàsach Shin.
12
Agus dh’imich iad à fàsach Shin, agus champaich iad ann an Dophcah.
13
Agus dh’imich iad o Dhophcah, agus champaich iad ann an Alas.
14
Agus dh’imich iad o Alas, agus champaich iad ann an Rephidim, far nach robh uisge aig an t‑sluagh ri òl.
15
Agus dh’imich iad o Rephidim, agus champaich iad ann am fàsach Shinài.
16
Agus dh’imich iad o fhàsach Shinài, agus champaich iad ann an Cibrot‐hataabhah.
17
Agus dh’imich iad o Chibrot‐hatabhah, agus champaich iad ann an Haserot.
18
Agus dh’imich iad o Haserot, agus champaich iad ann an Ritmah.
19
Agus dh’imich iad o Ritmah, agus champaich iad ann an Rimon‐pares.
20
Agus dh’imich iad o Rimon‐pares, agus champaich iad ann an Libnah.
21
Agus dh’imich iad o Libnah, agus champaich iad ann an Risah.
22
Agus dh’imich iad o Risah, agus champaich iad ann an Cehelatah.
23
Agus dh’imich iad o Chehelatah, agus champaich iad ann an sliabh Shapher.
24
Agus dh’imich iad o shliabh Shapher, agus champaich iad ann an Haradah.
25
Agus dh’imich iad o Haradah, agus champaich iad ann am Machelot.
26
Agus dh’imich iad o Mhachelot, agus champaich iad ann an Tahat.
27
Agus dh’imich iad o Thahat, agus champaich iad ann an Tarah.
28
Agus dh’imich iad o Tharah, agus champaich iad ann am Mitcah.
29
Agus dh’imich iad o Mhitcah, agus champaich iad ann an Hasmonah.
30
Agus dh’imich iad o Hasmonah, agus champaich iad ann am Moserot.
31
Agus dh’imich iad o Mhoserot, agus champaich iad ann am Bene‐iaacan.
32
Agus dh’imich iad o Bhene‐iaacan, agus champaich iad ann an Hor‐hagidgad.
33
Agus dh’imich iad o Hor‐hagidgad, agus champaich iad ann an Iot‐batah.
34
Agus dh’imich iad o Iot‐batah, agus champaich iad ann an Ebronah.
35
Agus dh’imich iad o Ebronah, agus champaich iad ann an Esion‐gaber.
36
Agus dh’imich iad o Esion‐gaber, agus champaich iad ann am fàsach Shin: is e seo Cadeis.
37
Agus dh’imich iad o Chadeis, agus champaich iad ann an sliabh Hor, ann an iomall fearann Edoim.
38
Agus chaidh Aaron an sagart suas gu sliabh Hor, air àithne an Tighearna, agus fhuair e bàs an sin, anns an dà‑fhicheadamh bliadhna an dèidh do chloinn Israeil teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, air a’ chiad là den chòigeamh mìos.
39
Agus bha Aaron ceud agus fichead agus trì bliadhna a dh’aois, nuair a dh’eug e ann an sliabh Hor.
40
Agus chuala rìgh Arad an Canàanach (a bha a chòmhnaidh anns an àird a deas ann an tìr Chanàain) mu theachd chloinn Israeil.
41
Agus dh’imich iad o shliabh Hor, agus champaich iad ann an Salmonah.
42
Agus dh’imich iad o Shalmonah, agus champaich iad ann am Punon.
43
Agus dh’imich iad o Phunon, agus champaich iad ann an Obot.
44
Agus dh’imich iad o Obot, agus champaich iad ann an Iie‐abarim, ann an crìch Mhòaib.
45
Agus dh’imich iad o Iim, agus champaich iad ann an Dibon‐gad.
46
Agus dh’imich iad o Dhibon‐gad, agus champaich iad ann an Almon‐diblataim.
47
Agus dh’imich iad o Almon‐diblataim, agus champaich iad ann an slèibhtean Abarim, fa chomhair Nebo.
48
Agus dh’imich iad o shlèibhtean Abarim, agus champaich iad ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho.
49
Agus champaich iad làimh ri Iòrdan, o Bhet‐iesimot eadhon gu Abel‐sitim, ann an còmhnardan Mhòaib.
50
Agus labhair an Tighearna ri Maois ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho, ag ràdh,
51
Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thèid sibh a‑null thar Iòrdan, do thìr Chanàain;
52
An sin fògraidh sibh a‑mach uile luchd‐àiteachaidh na tìre as ur fianais, agus cuiridh sibh as dan dealbhan uile, agus sgriosaidh sibh an coslais leaghte uile, agus fàsaichidh sibh an ionadan àrda uile.
53
Agus cuiridh sibh à seilbh luchd‐àiteachaidh an fhearainn, agus nì sibh còmhnaidh ann: oir thug mise dhuibh am fearann ra shealbhachadh.
54
Agus roinnidh sibh am fearann le crannchur mar oighreachd am measg ur teaghlaichean: dhaibhsan as lìonmhoire bheir sibh an oighreachd as mò, agus dhaibhsan as teirce bheir sibh an oighreachd as lugha: bidh oighreachd gach duine anns an àit anns an tuit a chrannchur; a rèir treubhan ur n‑athraichean sealbhaichidh sibh.
55
Ach mura fògair sibh a‑mach luchd‐àiteachaidh an fhearainn as ur fianais, an sin bidh iadsan dhiubh don leig sibh fuireach nan sgolban nur sùilean, agus nam bioran nur taobhan, agus cuiridh iad campar oirbh anns an fhearann anns am bi sibh a chòmhnaidh.
56
Os bàrr tàrlaidh, mar a smaoinich mi a dhèanamh riùsan, gun dèan mi ribhse.
← Chapter 32
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 34 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36