bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Numbers 28
Numbers 28
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 27
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 29 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2
Aithn do chloinn Israeil, agus abair riu, Mo thabhartas, agus m’aran airson m’ìobairtean a bheirear suas le teine a‑chum fàile chùbhraidh dhomh, bheir sibh an aire gun toir sibh seachad dhòmhsa nan àm iomchaidh fhèin.
3
Agus their thu riu, Is e seo an tabhartas a bheirear suas le teine, a bheir sibh seachad don Tighearna; dà uan den chiad bhliadhna gun ghaoid gach là, a‑chum ìobairt‐loisgte ghnàthaichte.
4
Aon uan bheir thu seachad anns a’ mhadainn, agus an t‑uan eile bheir thu seachad anns an fheasgar;
5
Agus an deicheamh earrann de ephah fhlùir mar thabhartas‐bìdh, measgte leis a’ cheathramh earrainn de hin de ola bhrùite.
6
Is ìobairt‐loisgte ghnàthaichte a tha ann, a dh’òrdaicheadh ann an sliabh Shinài a‑chum fàile chùbhraidh, ìobairt a bheirear suas le teine don Tighearna.
7
Agus is i a tabhartas‐dibhe an ceathramh earrann de hin airson aon uain: anns an ionad naomh bheir thu fa‑near fìon làidir a dhòrtadh don Tighearna mar thabhartas‐dibhe.
8
Agus an t‑uan eile bheir thu seachad anns an fheasgar: mar thabhartas‐bìdh na maidne, agus mar a tabhartas‐dibhe, bheir thu seachad e, ìobairt a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.
9
Agus air là na sàbaid, dà uan den chiad bhliadhna gun ghaoid, agus dà dheicheamh earrann fhlùir measgte le ola mar thabhartas‐bìdh, agus a tabhartas‐dibhe.
10
Is e seo ìobairt‐loisgte gach sàbaid, a thuilleadh air an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas‐dibhe.
11
Agus ann an toiseach ur mìos bheir sibh seachad a‑chum ìobairt‐loisgte don Tighearna dà tharbh òg, agus aon reithe, seachd uain den chiad bhliadhna gun ghaoid,
12
Agus trì deicheamh earrannan fhlùir measgte le ola mar thabhartas‐bìdh airson gach tairbh, agus dà dheicheamh earrann fhlùir measgte le ola mar thabhartas‐bìdh airson gach reithe;
13
Agus aon deicheamh earrann fhlùir air leth measgte le ola mar thabhartas‐bìdh airson gach uain, a‑chum ìobairt‐loisgte deagh fhàile, ìobairt a bheirear suas le teine don Tighearna.
14
Agus mar an tabhartasan‐dibhe bidh leth hin de fhìon airson tairbh, agus an treas earrann de hin airson reithe, agus an ceathramh earrann de hin airson uain: is i seo ìobairt‐loisgte gach mìosa air feadh mìosan na bliadhna.
15
Agus ìobrar aon mheann de na gobhair mar ìobairt‐pheacaidh don Tighearna, a thuilleadh air an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas‐dibhe.
16
Agus air a’ cheathramh‐là‑deug den chiad mhìos tha càisg an Tighearna.
17
Agus air a’ chòigeamh‐là‑deug den mhìos seo tha an fhèill: seachd làithean ithear aran neo‐ghortaichte.
18
Air a’ chiad là bidh co‑ghairm naomh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air;
19
Ach bheir sibh seachad a‑chum ìobairt a bheirear suas le teine, mar ìobairt‐loisgte don Tighearna, dà tharbh òg, agus aon reithe, agus seachd uain den chiad bhliadhna: gun ghaoid bidh iad dhuibh.
20
Agus bidh an tabhartas‐bìdh de fhlùr measgte le ola: trì deicheamh earrannan bheir sibh seachad airson tairbh, agus dà dheicheamh earrann airson reithe.
21
Deicheamh earrann air leth bheir thu seachad airson gach uain, air feadh nan seachd uan:
22
Agus aon bhoc‐goibhre a‑chum ìobairt‐pheacaidh, a dhèanamh rèite air ur son.
23
Iobraidh sibh iad sin a thuilleadh air an ìobairt‐loisgte anns a’ mhadainn, a tha mar ìobairt‐loisgte ghnàthaichte.
24
Mar seo bheir sibh seachad gach là air feadh nan seachd làithean biadh na h‑ìobairt a bheirear suas le teine, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna: bheirear seachad e a thuilleadh air an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas‐dibhe.
25
Agus air an t‑seachdamh là bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air.
26
Mar an ceudna air là nan ciad‐thoradh, nuair a bheir sibh seachad tabhartas‐bìdh nuadh don Tighearna, aig ceann ur seachdainean, bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh:
27
Ach bheir sibh seachad mar ìobairt‐loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna, dà tharbh òg, aon reithe, seachd uain den chiad bhliadhna;
28
Agus an tabhartas‐bìdh de fhlùr measgte le ola, trì deicheamh earrannan airson gach tairbh, dà dheicheamh earrann airson gach reithe,
29
Deicheamh earrann air leth airson gach uain, air feadh nan seachd uan;
30
Agus aon mheann de na gobhair, a dhèanamh rèite air ur aon.
31
Iobraidh sibh iad a thuilleadh air an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas‐bìdh (gun ghaoid bidh iad dhuibh), agus an tabhartasan‐dibhe.
← Chapter 27
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 29 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36